Pàrlamaid na h-Alba a’ comharrachadh Latha Eadar-nàiseanta nam Boireannach le luchd-labhairt misneachail

03.03.2017

Bidh na ceudan de bhoireannaich à Alba gu lèir a’ tighinn còmhla gus Latha Eadar-nàiseanta nam Boireannach a chomharrachadh aig Pàrlamaid na h-Alba an deireadh seachdain seo tighinn.

Is e cuspair an tachartais am-bliadhna ‘Cumhachd do Bhoireannaich’ agus bidh caochladh luchd-labhairt ann, nam measg am Prìomh Mhinistear, am Fìor Urr Nicola Sturgeon BPA, Roza Salih Ghlaschu, Agnes Tolmie Cathraiche Còmhdhail Boireannaich na h-Alba, Veronica Fernandez Mendez bho Aonadh Cruinneil UNI, am Fìor Urr Dr. Lorna Hood, a bha na Modaratair air Eaglais na h-Alba agus an tè-àbhachdais Susan Morrison. Bidh an tachartas seo le Còmhdhail Boireannaich na h-Alba, a tha air a bhith a’ ruith fad dà bhliadhna deug a-nis, a’ comharrachadh euchdan eaconomach, poilitigeach agus sòisealta nam boireannach san àm a dh’fhalbh agus san àm air thoiseach. Bidh Ceistean is Freagairtean ann san t-seòmar-dheasbaid cuideachd.

Thuirt Leas-Oifigear Riaghlaidh Linda Fabiani BPA, a bhios sa chathair aig an tachartas:

“Tha e na urram dhuinn a bhith a’ cur fàilte air cha mhòr 400 de bhoireannaich bho chaochladh àiteachan gu Pàrlamaid na h-Alba air Latha Eadar-nàiseanta nam Boireannach.

“Chan e a-mhàin gu bheil an tachartas aig Pàrlamaid na h-Alba na chothrom gus sgeulachdan bhoireannach misneachail a sgaoileadh, tha a na chothrom cudromach gus dùbhlan a thoirt air neo-ionannachd cuideachd.

"Air feadh an t-saoghail, tha barrachd is barrachd bhoireannach na riamh a’ dèanamh cho-dhùnaidhean ach tha barrachd rì dhèanamh fhathast. Is e sin as coireach gu bheil tachartasan mar seo deatamach gus atharrachadh math a thoirt agus cumhachd a thoirt do bhoireannaich an dà chuid ann an Alba agus air feadh an t-saoghail.”

Thuirt Cathraiche Còmhdhail Boireannaich na h-Alba,  Agnes Tolmie:

“Chan fhaodar aghaidh a chur air ceistean a thig air boireannaich gach latha nas lugha na bhios luchd-poileasaidh agus – co-dhùnaidhean ag èisteachd agus a’ gabhail ghnìomhan air beachdan, fiosrachadh agus smuaintean bhoireannach.

“Bidh a’ Chòmhdhail a’ cur thachartasan air bhonn air feadh Alba a bheir boireannaich còmhla gus ceistean mar chùram-chloinne, cosnadh, slàinte is còmhdhail a dheasbad.

“Feumaidh boireannaich cluas-ri-claisneachd fhaighinn agus atharrachadh fhaicinn anns na coimhearsnachdan aca. Aitnichidh is comharraichidh an tachartas seo nas urrainn do bhoireannaich a dhèanamh ag obair còmhla.”

Cùl-fhiosrachadh

Tha Latha Eadar-nàiseanta nam Boireannach air a bhith ga chumail bho thoiseach nan 1900an agus tha e ga chomharrachadh air feadh an t-saoghail air 8 Màrt. Tha Riaghaltas na h-Alba air tachartas a chumail gus Latha Eadar-nàiseanta nam Boireannach a chomharrachadh a h-uile bliadhna bho 2005.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.