14.03.2017
Bidh e comasach do luchd-gairm nan comataidhean aig Taigh an Ròid a
thèid air fòrladh màthaireil no athaireil tilleadh don aon obair, ma chuireas a’ Phàrlmaid aonta ri riaghailt ùr a tha ga
moladh le Comataidh nan Inbhean is nam Modhan.
Bidh am moladh ann an aithisg a thathar a’ foillseachadh an-diugh a’ ciallachadh nach bi aig an Luchd-ghairm ris an dreuchd aca a leigeil dhiubh ma tha e san amharc aca fòrladh phàrant a ghabhail fad ùine air a sìneadh.
Le atharrachadh beag air riaghailt ann an Gnàth-riaghailtean Taigh an Ròid, thèid Neach-gairm an Gnìomh den aon phàrtaidh phoilitigeach a cheadachadh, a leigeil le daoine a bhios nam pàrantan a dh’aithghearr tilleadh don dreuchd aon uair is gu bheil am fòrladh màthaireil, athaireil no do phàrantan air tighinn gu crìch.
Thuirt Clare NicÀdhaimh, Neach-gairm Chomataidh Inbhean, Mhodhan is Dhreuchdan Poblach (SPPA):
“Chan eil a dhìth airson seo ach riaghailt bheag air Gnàth-riaghailtean na Pàrlamaid, agus math dh’fhaodte nach toir e buannachd ri tìde ach do dheannan beag dhaoine, ach tha teachdaireachd chudromach an seo. Tha e a’ ciallachadh nach bi thu fo mhì-leas mar thoradh air fòrladh màthaireil, athaireil, fòrladh do phàrantan, fòrladh uchd-mhacachd no fòrladh air a roinneadh do phàrantan a ghabhail.
“Math dh’fhaodte nach eil ann ach atharrachadh beag ach bheir e air falbh bacadh eile san àite-obrach do bhoireannich agus do dh’fhireannaich.”
Gheibhear fiosrachadh slàn ann an aithisg Chomataidh SPPA: Luchd-gairm an Gnìomh – atharrachaidhean ar Gnàth-riaghailtean.
Thathar an dùil gun tèid iarraidh air a’ Phàrlamaid aontachadh ris an atharrachadh air riaghailtean ro fhosadh na Càisge.
Cùl-fhiosrachadh
Air 30 Faoilleach 2017, sgrìobh an t-Oifigear Riaghlaidh, às leth a’ Bhiùro Phàrlamaidich thuig a’ Chomataidh, ag iarraidh oirre beachdachadh air Gnàth-riaghailtean atharrachadh gus aghaidh a thoirt air an t-suidheachadh sam bi neach-gairm comataidh às an làthair air ùine air a sìneadh de dh’fhòrladh do phàrantan. Gu sònraichte, chuir am Biùro an cèill gum faodte Neach-gairm an Gnìomh a chur an dreuchd ri linn an t-suidheachaidh seo.
Chan eil ullachadh anns na Gnàth-riaghailtean an-dràsta ach gum faod Iar-Neach-gairm Comataidh seasamh a-steach, agus e gu tric na bhall de phàrtaidh eile. Ann an cleachdadh, faodaidh gun tig mar thoradh air seo gun leig an Neach-gairm a dhreuchd seachad gu foirmeil gus am faodar cuideigin bhon aon phàrtaidh a chur an dreuchd na àite, rud a chuireas stad oirre cumail orra sa phost a-rithist an dèidh an fhòrlaidh.