Glaschu ri thighinn fo prosbaig na Comataidh

24.03.2017

Thig Glaschu fon phrosbaig le Comataidh Tèarainteachd Shòisealta ann am Pàrlamaid na h-Alba, agus a’ iad a’ tòiseachadh a cuid sgrùdaidh air molaidhean a tha ag amas air dèiligeadh ri bochdainn cloinne.

Bidh coinneamh fhoirmeil aig a’ Chomataidh air Diluain 27 Màrt aig 2f ann an Seòmraichean Baile Ghlaschu, far am bi iad a’ cluinntinn bho luchd-fianais, nam measg Naomi Eisenstadt, comhairliche neo-eisimeileach aig Riaghaltas na h-Alba air bochdainn agus neo-ionannachd, agus Jim McCormick, bho Urras Joseph Rowntree, air dè a’ bhuaidh a tha aig bochdainn cloinne agus dè an diofar a nì am bile ùr.

Air a thoirt a-steach anns a’ Ghearran, bidh Bile Bochdainn Cloinne (Alba) a’ cur an gnìomh ullachaidhean far am bi riatanas air Riaghaltas na h-Alba a bhith a’ coileanadh targaidean àraidh airson bochdainn cloinne a lùghdachadh. Nam measg, feumaidh nas lugha na 10 sa cheud de chlann a bhith ann am bochdainn ann an comas ri càch agus nas lugha na 5 sa cheud de chlann ann am bochdainn iomlan ro 2030.

An dèidh na coinneimh, bidh a’ Chomataidh a’ coinneachadh ri riochdairean fiathaichte—nam measg, leighichean agus luchd-foghlaim a tha ag obair ann an Glaschu agus a’ strì an aghaidh bochdainn cloinne—ann an seisean neo-fhoirmeil gus na beachdan aca fhaighinn air a’ Bhile.

A’ bruidhinn ron choinneimh, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Sandra White BPA:

“Do phàiste a’ fàs suas ann am bochdainn, faodaidh na h-èifeachdan a bhith a’ mairsinn fad am beatha. Tha buaidh air slàinte agus foghlam fada an dèidh don phàiste fàs suas. Is ann air an adhbhar sin a tha sinn uile ag aontachadh nach eil àite sam bith ann an Alba airson bochdainn cloinne.

Anns na coinneamhan againn ann an Glaschu, bidh cothrom againn a chluinntinn bhuapasan a tha ag obair a dhèiligeadh ri bochdainn cloinne air feadh na h-Alba. Bidh a’ choinneamh neo-fhoirmeil againn cuideachd a’ leigeil leinn bruidhinn riuthasan a tha ag obair ‘air an làr’ ann an Glaschu agus cluinntinn mu dheidhinn nan nithean a tha iadsan a’ faicinn anns an obair aca le clann air a bheil buaidh bho bhochdainn. Bidh sinn ag iarraidh fios a bhith againnn air dè thathar a’ dèanamh gus a’ chùis a chur ceart agus dè a’ bhuaidh dha-rìribh a bhios aig a’ Bhile air a’ chùis.”

Gheibhear tiogaidean airson coinneamh foirmeil na Comataidh AN-ASGAIDH, ach feumaidh daoine an ainmean a chlàradh ro-làimh. Bu chòir dhaibhsan a tha ag iarraidh a bhith an làthair fòn a chur gu 0131 348 5200.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.