A bheil Cunnraidhean Baile Roinn airidh air na cinn-naidheachd, tha Comataidh a’ faighneachd

04.04.2017

Tha Comataidh ann an Taigh an Ròid a’ gairm airson bheachdan bhon phoball air Cunnraidhean Baile Roinn (City Region Deals), agus i a’ tòiseachadh air rannsachadh air cunnraidhean airson fàs eaconamach.

Tha Comataidh Riaghaltas Ionadail is Coimhearsnachdan a’ sireadh caochladh de bheachdan bho bhuidhnean agus bhon phoball air a’ cheann-fàth airson nan Cunnraidhean Baile Roinn (City Region Deals), a bheil iad ag obair airson nan coimhearsnachdan agus mar a tha iad gan stiùireadh.

Tha trì Cunnraidhean Baile Roinn ann an Alba an-dràsta—a’ gabhail a-steach Glaschu, Obar Dheathain agus Inbhir Nis—agus tha iad ag amas air toirt air na h- eaconamaidhean roinneil a bhith a’ fàs, air obraichean a chruthachadh agus com-pàirteachasan co-obrachail a thogail.

Tha Cunnraidhean Baile Roinn cuideachd gan cur an gnìomh ann an Dùn Èideann agus Sruighlea, agus tha Peairt agus Dùn Dè a’ beachdachadh air aon chunnradh a bhiodh a’ dèiligeadh ris an dhà bhaile.

Thuirt an Neach-gairm aig Comataidh Riaghaltas Ionadail is Coimhearsnachdan, Bob Doris BPA:

“Chunnaic sinn uile na cinn-naidheachd agus an aire a chaidh a thoirt don sreath de Chunnraidhean Baile Roinn a tha air a bhith a’ togail an cinn air feadh na dùthcha.

“Thug na ciad chunnraidhean baile an cothrom airson cnap de dh’airgead-tasgaidh bho Riaghaltas na h-Alba agus bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gus togail a thoirt do dh’eaconamaidhean ionadail taobh a-muigh Lunnainn. Thàinig brosnachadh mòr bhuapa, agus bhathar a’ sùileachadh air barrachd airgid-tasgaidh, a bhiodh na bhuannachd ro-innleachdail gu eaconamaidhean ionadail agus coimhearsnachdan.

“Tha a’ Chomataidh againn a-nis ag iarraidh sùil a thoirt air seo bho shealladh an riaghaltais ionadail. Tha sinn airson cluinntinn bhon phoball, bho bhuidhean agus bho ghnothachais na beachdan acasan air a bheil cunnraidhean eadar bailtean is roinnean air an t-slighe gu bhith a’ lìbhrigeadh fàs ionadail agus ùr-ghnàthachadh air feadh na h-Alba.”

Cùl-fhiosrachadh

Bu mhath leis a’ Chomataidh beachdan a chluinntinn air na leanas. Airson beachdan a chur a-steach, gheibhear barrachd fiosrachaidh an seo.
• Dè an tuigse a tha agad air a’ cheann-fàth airson nan
Cunnraidhean Baile Roinn?
• A bheil
Cunnraidhean Baile Roinn air an t-slighe gu bhith a’ lìbhrigeadh fàs ionadail, ùr-ghnàthachadh agus sgeamaichean bun-structair nach rachadh an lìbhrigeadh a chaochladh?
• Dè an tuigse a tha agad air na rianan a thaobh riaghladh nan
Cunnraidhean Baile Roinn, agus dè cho math ’s a tha na rianan seo ag obair ann an cleachdadh?
• A bheilear a’ toirt fiosrachadh do luchd-còmhnaidh is gnothachais ionadail agus gam com-pàirteachadh ann an leasachadh nan
Cunnraidhean Baile Roinn agus na gnìomhachdan a thig bhuapa?
• Am faod na roinnean nach eil a’ tighinn fo chunnradh eadar baile is roinn cothrom fhaighinn air an aon ìre de mhaoineachadh agus taic airson fàs, ùr-ghnàthachadh agus sgeamaichean bun-structair?
• A bheil
Cunnraidhean Baile Roinn a’ toirt taic do ghluasad a dh’ionnsaigh co-dhùnaidhean ionadail air pròiseactan airgid-tasgaidh mòra?
• A bheil thu ag iarraidh aire na Comataidh a thoirt gu cùisean sam bith eile a tha ceangailte ri
Cunnraidhean Baile Roinn?

Faigh a-mach barrachd mu dheidhinn Cunnraidhean Baile Roinn an seo.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.