Eaconamairean is eòlaichean buidseit bhon OECD gu bhith a' tighinn còmhla aig Taigh an Roid - 6 Giblean

05.04.2017

Tha feadhainn de na h-eaconamairean as iomraitiche bhon OECD gu bhith a’ tighinn còmhla aig Taigh an Roid an t-seachdain seo gus bruidhinn mar as urrainn do phàrlamaidean bho air feadh an t-saoghail sgrùdadh nas fheàrr a dhèanamh air na buidseatan is ro-aithrisean eaconamach is ionmhasail a th’ aig riaghaltasan.

Thèid an naodhamh Coinneamh Bhliadhnail de Lìonra Oifigearan Buidseit Phàrlamaidean is Institiudan Ionmhasail Neo-eisimeileach an OECD a chumail air Diardaoin 6 is Dihaoine 7 Giblean - gheibhear fiosrachadh gu h-ìosal air na cothroman a th’ ann do na meadhanan agus don phoball a bhith an làthair, a’ gabhail a-steach seisean le Ceistean is Freagairtean airson oileanaich bho oilthighean agus airson a’ phobaill.

Bidh còrr is ceud eòlaiche ionmhasail bho air feadh an t-saoghail a’ tighinn còmhla aig a’ cho-labhairt, bho bhuidhnean neo-eisimeileach ris a bheil e an urra sgrùdadh a dhèanamh air planaichean chìsean is caiteachais aig riaghaltasan agus air a bheil dleastanas ro-aithrisean eaconamach is ionmhasail a tha neo-eisimeileach ullachadh.

Mar phàirt de chuirm fhosglaidh na co-labhairt, aig 9m Diardaoin, thèid prìomh òraid a thoirt seachad le Alice M Rivlin, a’ chiad stiùiriche a bh’ aig Oifis Buidseat Còmhdhail nan Stàitean Aonaichte a chaidh a stèidheachadh ann an 1975. Bha dreuchd aice cuideachd san chiad riaghaltas aig Clinton, mar Stiùiriche na h-Oifis airson Stiùiridh is Bhuidseatan.

Am measg na feadhna eile a bhios an làthair aig a’ cho-labhairt bidh a’ Bhana-mhorair Susan Rice, Cathraiche Coimisean Ionmhasail na h-Alba, agus Raibeart Chote, Cathraiche Oifis na Rìoghachd Aonaichte airson Uallaichean Buidseit.

Thuirt Leas-oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba Cairistìona Ghreumach BPA, a bhios sa chathair airson na cuirme fosglaidh:

“Le bhith cumail na co-labhairt an seo, tha sinn an dòchas cur ri ìomhaigh is cliù Pàrlamaid na h-Alba agus ar Pàrlamaid a thoirt gu aire cuid de na h-eaconamairean as iomraitiche bhon OECD.

“Tha deagh cheanglaichean ann cheana eadar Aonad Sgrùdaidh Ionmhasail Taigh an Roid agus na buidhnean a tha a’ dèanamh an aon seòrsa obrach air feadh an t-saoghail. Tha a’ cho-labhairt seo a’ toirt cothrom math dha-rìribh dhuinn togail air na ceanglaichean sin. Mar thoradh air na ceanglaichean nas làidire a bhios ann, thèid aig ar luchd-sgrùdaidh fhèin air sgrùdadh nas fheàrr buileach a dhèanamh air buidseatan an riaghaltais agus na planaichean aca airson chìsean is caiteachais.”

Diardaoin 6 Giblean

Cuirm Fhosglaidh, An Seòmar Deasbaid, Pàrlamaid na h-Alba

09:00 Cuiridh an Leas-oifigear Riaghlaidh, Cairistìona Ghreumach, fàilte air luchd na co-labhairt chun an t-Seòmair.

09:20 Bidh an Leas-oifigear Riaghlaidh a’ cur fàilte air a’ Bhana-mhorair Susan Rice, Coimisean Ionmhasail na h-Alba, a bheir òraid seachad don cho-labhairt air fad leis an tiotal, “Good Things Come in Threes: The Scottish Fiscal Commission Comes of Age”.

09:30 Bidh an Leas-oifigear Riaghlaidh a’ cur fàilte air Alice Rivlin, a’ Chiad Stiùiriche a bh’ aig Oifis Buidseat na Còmhdhalach (CBO) sna Stàitean Aonaichte, a bheir prìomh òraid seachad air “Coping with Change at an Independent Fiscal Institution”

10:00 Thèid dealbh den bhuidhinn de dhaoine san t-Seòmar Dheasbaid a thogail, agus thig cùisean gu crìch.

Bidh na gailearaidhean airson a’ phobaill agus nam meadhanan fosgailte mar a tha iad gu h-àbhaisteach nuair a tha a’ chuirm fhosglaidh ga cumail. Cuideachd, thèid gnothaichean a chraoladh air an eadar-lìon air TBh na Pàrlamaid. Bidh na seiseanan a thèid a chumail le buidhnean fa-leth bhon cho-labhairt às dèidh làimh nan tachartasan prìobhaideach agus bidh iad dùinte don phoball.

Seisean Poblach le Ceistean is Freagairtean (C is F)

10:30-11:30 - Bidh Alice M Rivlin a’ cumail seisean C is F airson oileanaich bho oilthighean na h-Alba a tha dèanamh eaconamas san oilthigh agus airson a’ phobaill ann an Seòmar Comataidh 1.

Faodaidh buill den phoball agus na meadhanan a dhol ann.

Airson fiosrachadh air mar a dh’fhaodas daoine bhon phoball tadhal air a’ Phàrlamaid cuiribh fios gu Seirbheisean Luchd-tadhail na Pàrlamaid

Airson fiosrachadh air mar a dh’fhaodas luchd-naidheachd tadhal, cuiribh fios gu Oifis Mheadhanan na Pàrlamaid - 0131 348 6852, no post-d: [email protected]

Cùl-fhiosrachadh:

A’ Bhuidheann airson Co-obrachaidh is Leasachaidh Eaconamaich

Thòisich an OECD ann an 1960, nuair thàinig 18 dùthchannan Eòrpach agus na Stàitean Aonaichte is Canada còmhla gus buidheann a chur air chois airson leasachadh eaconamach a thoirt air adhart. An-diugh, tha 35 dùthchannan bho air feadh an t-saoghail nam buill den bhuidhinn, bho Ameireagaidh a Tuath is a Deas gu an Roinn Eòrpa agus Àisia is dùthchannan sa Chuan Shèimh. Nam measg, tha tòrr de na dùthchannan as adhartaiche san t-saoghal, ach tha dùthchannan eile ann cuideachd a tha sìor fhàs nas adhartaiche leithid Meagsago, Chile agus an Tuirc.

Bidh an OECD ag obair gu dlùth còmhla ri eaconamaidhean a tha air tighinn air adhart, leithid Poblachd Sluagh Shìona, na h-Innseachan agus Brasil agus còmhla ri eaconamaidhean far a bheil leudachadh fhathast a dhìth ann an Afraga, Àisia, Ameireagaidh Laideannach agus sa Charibbean. ’S e an t-amas a th’ aca fhathast, a bhith a' stèidheachadh saoghal còmhla a tha nas làidire, nas glaine agus nas cothromaiche.


Lìonra Oifigearan Buidseit Phàrlamaidean is Institiudan Ionmhasail Neo-eisimeileach an OECD

Bidh an lìonra seo ag obair gus piseach a thoirt air sgrùdaidhean air pròiseasan buidseit agus air an obair a tha Institiudan Ionmhasail Neo-eisimeileach a’ dèanamh, obair a tha sìor atharrachadh. Tha an lìonra a’ toirt còmhla luchd-obrach aig àrd-ìre bho na pàrlamaidean, Oifigearan Buidseit nam Pàrlamaidean agus comhairlean ionmhasail gus:

• Deasbad a dhèanamh air cùisean buidseit cudromach.
• Eòlas pragtaigeach air modhan-obrach a cho-roinn.
• Aire a thoirt do dh’institiudan ùra agus air atharraichean a chaidh a dhèanamh air dleastanasan nan institiudan stèidhichte.
• Deagh mhodhan-obrach a chomharrachadh agus bidh an lìonra a’ cuideachadh le bhith stèidheachadh inbhean.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.