20.04.2017
Tha Comataidh
a’ Cheartais aig Pàrlamaid na h-Alba air a taic a
thoirt do phrionnsapalan coitcheann Bile nan Crìochan-ama (Droch Dhìol air Neach
nan Òige), ach tha iad cuideachd ag ràdh gum feumar barrachd beachdachaidh a
dhèanamh air cuid de phàirtean a’ Bhile gus dèanamh cinnteach gum bi
cothromachadh ceart ann eadar gach cùis.
Tha a’ Chomataidh air taic a
thoirt don mholadh gus cur às don chasg-ama airson chùisean lagha a thaobh
droch dhìol a dh’fhuiling neach nan òige, agus iad ag ràdh gu bheil na
buannachdan a gheibh daoine a dh’fhuiling droch dhìol bho na cothroman nas
fheàrr air ceartas nas cudromaiche na na draghan a chaidh a thogail mu na
h-atharraichean.
Ge-tà, tha a’ Chomataidh den bheachd gum feumar na
h-atharraichean a thathar a’ moladh air an lagh a chur an sàs gu faiceallach
gus ealla a ghabhail ris a’ bhuaidh a tha e coltach a bhios aig na
h-atharraichean air ionmhas is goireasan cuid a bhuidhnean leithid ùghdarrasan
ionadail is buidhnean-carthannais, nuair a bhios aca ri dèiligeadh ri cùisean a
tha gan togail agus iarrtasan airson fiosrachaidh co-cheangailte ri droch dhìol
a thachair o chionn grunn bhliadhnaichean.
Tha an aithisg cuideachd a’ toirt iomradh air a’ bhuaidh
a bhios aig a’ Bhile air daoine a dh’fhuiling droch dhìol, oir bidh feum aca
air tòrr taice is stiùiridh nuair a thathar a’ dèiligeadh ris a’ chùis lagha
aca. Tha a’ Chomataidh cuideachd ag aithneachadh nach toir an lagh ùr seo fuasgladh
don a h-uile duine. Tha a’ Chomataidh a’ cur ìmpidh air Riaghaltas na h-Alba beachdachadh
air fuasglaidhean do dhaoine a dh’fhuiling droch dhìol ro 1964 – chan urrainn
don Bhile na daoine sin a chuideachadh.
Mu dheireadh, thug a’ Chomataidh fa-near don fhianais a
thugadh seachad air na ceistean mòra a bhiodh ann a thaobh an lagha nan
deigheadh ath-èisteachd a thoirt do chùisean a chaidh a thogail mu thràth, agus
dh’iarr iad air Riaghaltas na h-Alba tuilleadh beachdachaidh a dhèanamh air mar
a dh’obraicheadh sin aig ìre phragtaigeach.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Mairead
Mitchell BPA:
“Tha Comataidh a’ Cheartais toilichte taic a thoirt do
phrionnsapalan coitcheann a’ Bhile seo. Bha e soilleir dhuinn gun robh an
casg-ama a’ cur stad air daoine bho bhith faighinn cothrom air ceartas nuair a
bha cùisean ann co-cheangailte ri droch dhìol a thachair o chionn grunn
bhliadhnaichean. Cuidichidh am Bile seo le bhith cur às don chnap-starra sin
agus bheir e an guth fhèin don fheadhainn a dh’fhuiling droch dhìol.
“Ge-tà, chaidh ceistean mòra a thogail aig na seiseanan
fianaise againn a thaobh grunn nithean agus tha a’ Chomataidh den bheachd gum
feum an Riaghaltas aire a thoirt dhaibh mus tèid am Bile deireannach a chur air
beulaibh na Pàrlamaid.
“Tha a’ Chomataidh gu h-àraidh ag iarraidh air an
Riaghaltas beachdachadh air mar a nithear cinnteach gum bi ionmhas is goireasan
gu leòr aig na buidhnean air an toir am Bile seo buaidh, agus air na daoine a
dh’fhuiling droch dhìol agus nach fhaigh fuasgladh leis a’ Bhile seo feuch
ciamar a gheibh iadsan fuasgladh.”
Thathar an dùil gun tèid an deasbad air Ìre 1 a chumail
san t-seòmar air Diardaoin 27 Giblean.
Cùl-fhiosrachadh
Chaidh Bile Riaghaltas na h-Alba seo a thoirt a-steach le
Rùnaire a’ Chaibineit airson Ceartais, Mìcheal
MacMhathain BPA, air 17 Màrt 2017. Chithear e air-loidhne
aig :http://www.parliament.scot/parliamentarybusiness/Bills/103883.aspx
Gheibhear aithisg na
Comataidh an
seo.