14.05.2018
Bu chòir
còraichean bhòtaidh a bhith aig prìosanaich a tha fo ghrèim a rèir Comataidh Co-ionannachd
is Chòraichean Daonna aig Taigh an Ròid.
Thòisich
a’ Chomataidh a’ beachdachadh air còraichean bhòtaidh do phrìosanaich an
t-Sultain sa chaidh, às dèidh dhaibh litir fhaighinn mun chùis bho Phàdraig
Harvie BPA. Bhon uair sin fhuair iad fianais bho dhiofar dhaoine is àiteachan, le
cuid a’ cur taic ri còraichean bhòtaidh do phrìosanaich agus daoine eile a’ cur
an aghaidh bhòtadh airson phrìosanaich, agus chualas mu na tha air tachairt ann
an dùthchannan eile far am faod prìosanaich bhòtadh.
Bha a’
mhòr-chuid den Chomataidh den bheachd, às dèidh dhaibh breithneachadh air a’
chùis, nach eil e a chum leas a’ chomainn-shòisealta a bhith a’ cur stad air
prìosanaich bho bhith a’ bhòtadh, agus nach eil e a’ cuideachadh le ath-ghnàthachadh
nam prìosanach agus nach eil e a’ cur taic ri deamocrasaidh. Cuideachd, bhathar
den bheachd gu robh e neo-riaghailteach is neo-chunbhalach a bhith a’ cur stad
air a h-uile prìosanach bho bhith a’ bhòtadh, agus thugadh fa-near gun robh
Westminster gu bhith a’ toirt a-steach atharraichean air taghaidhean na RA a
thaobh seo às dèidh breith Hirst bho Chùirt Chòraichean Daonna na h-Eòrpa.
A’
bruidhinn mun aithisg a chaidh fhoillseachadh, thuirt Neach-gairm na Comataidh,
Cairistìona NicShealbhaich BPA:
“’S e
cuspair gu math cudromach a th’ ann an còraichean bhòtaidh do phrìosanaich. Tha
e fìor chudromach a thaobh cheistean leithid ‘dè an seòrsa comainn-shòisealta a
tha sinn ag iarraidh’, ‘carson a tha prìosanan ann’ agus ‘dè na còraichean is
dleastanasan a th’ aig saoranach’.
“Às dèidh
dhuinn beachdachadh gu cùramach air a’ chùis, tha a’ mhòr-chuid den Chomataidh
thar-phartaidh seo air co-dhùnadh a dhèanamh gum bu chòir cur às don chasg a
th’ ann an-dràsta, agus gum bu chòir còraichean bhòtaidh a bhith aig a h-uile
prìosanach.
“Tha fios
againn glè mhath gum bithear a’ cur daoine chun a’ phrìosain mar pheanas, agus
gum bi prìosanaich ann a tha air rudan a dhèanamh a tha gu math mì-chàilear do
dhaoine; ach feumaidh sinn smaoineachadh air ath-ghnàthachadh, agus chan ann
air a bhith a’ dèanamh tuilleadh sgaraidh eadar daoine is an comann-sòisealta
agus a bhith gan dùnadh a-mach.”
Cuideachd,
chuala a’ Chomataidh fianais air mar nach eil an casg a th’ ann an-dràsta a’
dèanamh ciall – ma fhuair cuideigin binn prìosain san Ògmhios 2014 ann an Alba,
bhiodh iad air an cothrom gus bhòtadh a chall còig tursan ro dheireadh an
Ògmhios 2016. Ach ma bha cuideigin eile air an aon seòrsa eucorach a dhèanamh
agus air binn coimhearsnachd fhaighinn, bhiodh an cothrom air a bhith acasan
bhòtadh aig na còig taghaidhean sin. Agus nam biodh cuideigin air an aon bhinn
prìosain fhaighinn airson dà bhliadhna airson an aon seòrsa eucorach aig
iomadach àm eile thar nam bliadhnaichean, cha bhiodh iad air cothrom bhòtaidh
sam bith a chall seach nach robh taghaidhean ann.
Cùl-fhiosrachadh
Cha do
chuir Seumas
Greene BPA is Annie
Wells BPA taic ris a’ cho-dhùnadh gum bu chòir còraichean bhòtaidh a bhith aig a
h-uile prìosanach, ach chuir iad fàilte air a’ cho-chomhairleachadh farsaing
aig Riaghaltas na h-Alba.
Gheibhear
an aithisg iomlan an seo.
Chaidh
pàirtean de na laghan taghaidh, a’ gabhail a-steach còraichean bhòtaidh airson
taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba agus Riaghaltas Ionadail na h-Alba, a thiomnadh
do Phàrlamaid na h-Alba le Achd na h-Alba 2016.
Cuideachd,
thug Achd na h-Alba 2016 a-steach rud ris an canar ‘àrd-mhòr-chuid’ a
dh’fheumar gus aonta a chur ri Bilean co-cheangailte ri cùisean fo dhìon. Le
àrd-mhòr-chuid, feumaidh co-dhiù dà thrian de na Buill uile aig a bheil àite sa
Phàrlamaid aonta a chur ri Bile (chan e dìreach dà thrian de na Buill a tha
an-làthair agus a’ bhòtadh air an latha).
’S iad na
cùisean fo dhìon:
(a) na
daoine aig a bheil a’ chòir bhòtadh mar luchd-taghaidh aig taghadh airson na
Pàrlamaid,
(b) an
siostam leis am bithear a’ taghadh Buill na Pàrlamaid,
(c) an
àireamh de sgìrean-pàrlamaid, roinnean no raointean-taghaidh eile ionann riutha
sin, agus
(d) an
àireamh de Bhuill a thèid a thaghadh airson gach sgìre-phàrlamaid, roinn no
raon-taghaidh ionann riutha sin.
A-mach às
na 47 stàitean a tha nam buill de Chomhairle na h-Eòrpa, tha coltas ann, a
bharrachd air an RA, nach eil ann ach na dùthchannan a leanas a tha a’ cur casg
iomlan air prìosanaich bho bhith a’ bhòtadh: Arminia, Bulgàiria, Estòinia,
Georgia, An Ungair agus An Ruis.
Tha coltas
ann gu bheil na dùthchannan a leanas am measg na feadhna a tha a’ cur ‘casg gu
ìre’ air prìosanaich bho bhith a’ bhòtadh (gu tric a’ toirt roghainn do
bhritheamh mar eisimpleir a thaobh chòraichean bhòtaidh): An Òlaind, A’ Bheilg,
An Fhraing, A’ Phòlainn, Cìopras, Romàinia, Slobhagia.
Am measg nan stàitean far nach eil casg sam bith
no cha mhòr casg sam bith air prìosanaich bho bhith a’ bhòtadh tha: Croatia,
Poblachd na Seic, An Danmhairg, Fionnlainn, Èirinn, Latbhia, Lituàinia,
Nirribhidh, Slobhinia, An Spàinn, An t-Suain agus An Eilbheis.