02.07.2012
Bidh obair à trì bun-sgoiltean is 3 àrd-sgoiltean Albannach mar phàirt mòr de thaisbeanadh 'Lìbhrigeadh Air Leth: Litrichean Uilleim Uallais' a nochdas fo sgèith Pàrlamaid na h-Alba o 15 Lùnastal. Chaidh an taisbeanadh air leth seo a chur air dòigh ann an co-bhoinn ri Oifis Clàran Nàiseanta na h-Alba, agus thèid obair nan sgoilearan a shealltainn air sgàilean lèir-chlaistinneach 's air pannalan.
Taisbeanaidh 'Lìbhrigeadh Air Leth: Litrichean Uilleim Uallais' gu poblach litir a sgrìobhadh o chionn 700 bliadhna air ais a thathar a' creidsinn a bha aig Uilleam Uallas, cho math ris an litir ainmeil, 'Litir Lübeck'. Chaidh cuireadh a thoirt do sgoilearan bho air feadh na h-Alba an cuid obrach a chur a-steach a dh'innseadh sgeul Uilleim Uallais agus mun strì airson cumhachd a bha a' dol air feadh na Roinn Eòrpa aig toiseach nan 1300an. An uair sin, rinn luchd-obrach o Oifis Clàraidhean Nàiseanta na h-Alba agus o Phàrlamaid na h-Alba taghadh dhiubh sin a chuireadh a-steach.
Bidh obair sgoilearan ann bho:
Acadamh Iain Pòl, Glaschu:
Sgoil Craigholme, Glaschu:
Bun-sgoil Canal View, Dùn Èideann:
Bun-sgoil Croftmalloch, Whitburn, Lodaidh an Iar:
Bun-sgoil John Logie Baird, Baile Eilidh:
Ionad-foghlaim Wester Hailes, Dùn Èideann.
Agus i a' bruidhinn air sgàth Oifis Clàraidhean Nàiseanta na h-Alba, thuirt Margaret McBryde, Oifigear Foghlaim:
"Tha sinn glè thoilichte leis a h-uile rud diofraichte a chuireadh a-steach. Tha e soilleir gu bheil na sgoilearan air am brosnachadh le sgeul Uallais, agus bu chòir dhaibh a bhith pròiseil às an cuid obrach. Tha sinn fìor thoilichte gum bi an cuid obrach smaointeachail mar phàirt den taisbeanadh tharraingeach seo aig Taigh an Ròid."
Fosglaidh an taisbeanadh ann am Prìomh Thrannsa Pàrlamaid na h-Alba air Diciadain 15 Lùnastal 's bidh e air chois gu Disathairne 8 Sultainn. Tha an dà litir glè chugallach 's cha ghabh an sealltainn ach fo sholas fo smachd fad ùine gheàrr gach dhà na thrì bhliadhnaichean. Chaidh Litir Uallais a chumail ann an Sasainn o chaidh a lorg ann an Tùr Lunnainn sna 1830an. Tha i nist air iasaid gu fad-theirmeach aig Oifis Clàraidhean Nàiseanta na h-Alba an dèidh aonta ruighinn leis an Tasglann Nàiseanta ann an Kew. Fhuaireadh Litir Lübeck air iasaid o thasglannan Cathair Lübeck le aonta on Mhèar 's on Chomhairle ann. Chaidh a sealltainn mu dheireadh ann an Alba sa bhliadhna 2005, ri linn taisbeanadh 'Air Sgàth Saorsa A-mhàin' aig Pàrlamaid na h-Alba.
Cùl-sgeul
Thig gach stuth taghta o chlas 5 sna bunsgoiltean agus clas 1 is 2 sna h-àrd-sgoiltean a dh'ainmicheachadh gu h-àrd. Na measg tha aithrisean-naidheachd claistinneach agus bhideo, cinn-loidhne phàipearan-naidheachd, obair-ealain agus bàrdachd:
Acadamh Iain Pòl, Glaschu:
C1 – clò cartùin / obair-ealain tharraingte.
Sgoil Craigholme, Glaschu:
C1 – obair radio, a' gabhail a-steach agallamhan le 'fianaisean' a chunnaic na prìomh thachartasan.
Bun-sgoil Canal View, Dùn Èideann:
C5 - bàrdachd agus obair-ealain.
Bun-sgoil Croftmalloch, Whitburn, Lodaidh an Iar:
C5 - obair-ealain agus aithris le stuth lèirsinneach.
Bun-sgoil John Logie Baird, Baile Eilidh:
P5 - taisbeanadh Powerpoint den phròiseact aca mu Uallas, a' gabhail a-steach dealbhan-camara den obair-ealain aca.
Ionad-foghlaim Wester Hailes, Dùn Èideann.
S2 – aithrisean sgrìobhte naidheachdan air an taisbeanadh mar phàipearan-naidheachd.
Tha an taisbeanadh ga chur air bhoinn le Oifis Clàran Nàiseanta na h-Alba sa Phàrlamaid Albannach. Bidh e a' dìreadh air an dà sgrìobhainn a tha air fhàgail, a tha còrr is 700 bliadhna dh'aois, aig a bheil ceangal dìreach ri Uilleam Uallas. Tha an litir o Thasglann Nàiseanta Lunnainn a-nis air iasaid gu fad-theirmeach aig Oifis Clàran Nàiseanta na h-Alba an dèidh aonta ruighinn mu deidhinn an-uiridh. Bidh seo fhèin agus 'Litir Lübeck' ri fhaicinn taobh ri taobh, cothrom sònraichte sealltainn orra còmhla.
Bu chòir dhaibhsan a tha airson naidheachdan mun taisbeanadh a chur ri chèile no a leantainn tro Twitter seo a chleachdadh: hashtag #wallaceletters
An Fhèis Phoilitigs
Bidh tachartasan air chois ri linn na Fèise Poilitigs aig Pàrlamaid na h-Alba a tha co-cheangailte ris an taisbeanadh air Dihaoine 24 Lùnastal:
10:00-11:00, Seòmar Comataidh 1, AN-ASGAIDH
Oidhirp air Aiseag an Rìgh: Taic Uallais do Rìgh Iain, 1299-1302
Ann an co-bhoinn ri Oifis Clàran Nàiseanta na h-Alba
Cuiridh an òraid seo aig an Dr. Amanda Beam-Frazier à Oilthigh Ghlaschu ri taisbeanadh Uallais sa Phàrlamaid Albannach. Bidh i a' dìreadh ar oidhearpan a rinn na h-Albannaich, Uilleam Uallas nam measg, air Iain Balliol a chur air a' chathair a-rithist mar Rìgh nan Albannach an dèidh dha a leigeil dheth sa bhliadhna 1296. Cuideachd nì i beachdachadh air miann Balliol fhèin tilleadh gu cathair-rìoghail na h-Alba, agus air a' cho-theacsa phoilitigeach dhioplamaiteach o 1299 gu 1302.
11:30-12:30, An t-Seòmar Deasbaid, AN-ASGAIDH
An Ridire Uilleam Uallas, Alba 's an t-saoghal farsaing
Ann an co-bhoinn ri Oifis Clàran Nàiseanta na h-Alba
Thig is bi mar phàirt den deasbad seo eadar ceathrar eòlaichean-eachdraidh air Eòrpa nam meadhan-aoisean, nam measg an Dr. Fiona Watson agus an Dr. Michael Prestwich. Bidh cothrom aig an luchd-èisteachd ceistean a chur ris a' phannal mu dheidhinn Uallais agus mu na deicheadan bhliadhnaichean a bha cudromach do dh'Alba mu 1286 gu 1306. Mar chathraiche air an deasbad bidh an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA.