11.07.2012
Chaidh iarraidh air a' Mhinistear airson Ath-leasachadh Shochairean, Am Morair Freud, tighinn air beulaibh Comataidh Ath-leasachadh Shochairean Pàrlamaid na h-Alba. Chaidh an cuireadh a shìneadh an dèidh coinneimh eadar am Morair Freud is buill den Chomataidh an-diugh.
Agus e a' labhairt an dèidh na coinneimh, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Micheál Mac Mathúna (McMahon) BPA:
"Chuala sinn o iomadh neach is buidheann mu na draghan a th' aca a thaobh ath-leasachadh shochairean agus tuigidh sinn na draghan sin gu h-iomlan. Bha cothrom againn an-diugh beachdan a chur is a chluinntinn gu fosgailte leis a' Mhinistear mu chuid de na ceistean a chaidh a thogail leis a' chomataidh seo, nam measg, draghan mu shochairean taigheadais gu sònraichte.
"Cuideachd, chuala sinn mu dheidhinn molaidhean na RA a tha a' tighinn am bàrr aig àm sam bi buaidh aca air an ùine a tha ri fhaotainn airson co-chomhairleachaidh a thaobh riaghailtean Riaghaltas na h-Alba. B' e ar beachd gun robh e cudromach cuireadh a thoirt dha tilleadh gu Taigh an Ròid san ath-theirme gus leigeil leis a' Chomataidh againn na ceistean seo a sgrùdadh air dòigh nas doimhne. Bidh sinn an dòchas gun till e ron Nollaig a chor is gum faigh sinn buannachd a chuid fianaise mus dèan sinn sgrùdadh air riaghailtean Riaghaltas na h-Alba."
Bha Am Morair Freud ann an Alba mar phàirt de thuras na b' fharsainge a chuireadh air dòigh leis a' Roinn Chosnaidh is Pheinnsean.
Cùl-sgeul
Chaidh Comataidh Ath-leasachadh Shochairean Pàrlamaid na h-Alba a chur air chois air 25 Faoilleach 2012. 'S e ròl na comataidh Bile Ath-leasachadh Shochairean na RA agus mar a thèid a chur an gnìomh a sgrùdadh far am bi e a' toirt buaidh air solarachadh shochairean ann an Alba agus beachdachadh air reachdan iomchaidh Albannach is rudan eile a dh'fhaodadh leantainn às a dhèidh.
Bheachdaich a' Chomataidh air Bile Ath-leasachadh Shochairean (Tuilleadh Solarachaidh) (Alba) a chaidh a thoirt a-steach le Riaghaltas na h-Alba mar phàirt dhen Ath-leasachadh Shochairean a dh'èirich às Achd Ath-leasachadh Shochairean na RA. Tha sgrùdadh a' Bhile sa Phàrlamaid Albannach crìochnaichte nist 's e deiseil airson Aonta Rìoghail.
Anns a' Chomataidh tha 7 ball agus 's e Mìchael MacMhathain BPA an Neach-gairm. 'S e Jamie Hepburn BPA an Leas-neach-gairm.
Fios Conaltraidh
Meadhannan
Comataidhean
- Catherine Fergusson: 0131 348 5320
- Fàite ro Text Relay
- Catherine.Fergusson
@scottish.parliament.uk
Fiosrachadh a' Phobaill
- Fòn: 0800 092 7500
- Fòn-teacsa 0800 092 7100
- Fàite ro Text Relay
- Teacs: 07786 209888
- [email protected]
Lean air twitter sinn @ParlAlba