Latha na Pàrlamaid ann an Cridhe Hamhaig

05.10.2012

 Bidh Crìdhe Hamhaig (ionad Heart of Hawick) mar dhachaigh do Phàrlamaid na h-Alba an ath mhìos agus Taigh an Ròid, mar gum biodh, a' tadhail air a' bhaile fad latha. Thig luchd-poilitigs is luchd-obrach na Pàrlamaid gu Hamhaig ro làimh aIrson 'Latha na Pàrlamaid', a thèid a chumail airson a' chiad uair air Diluain 5 An Samhain, 's e a’ gabhail àite ann am Muileann an Tùir.

Agus i a' labhairt mun cheum ùr seo, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA:

"Tha mi air bhioran tadhail air Hamhaig airson ar ciad "Latha na Pàrlamaid". Le coinneamh fhoirmeil Comataidh, prògram de chuairtean air sgoiltean agus sreath de choinneamhan ri buidhnean ionadail a' gabhail àite aig an aon àm, bheir Latha na Pàrlamaid cothrom fìor mhath do mhuinntir Hamhaig a' Phàrlamaid aca fhaicinn fo làn siùil.

"Tha a' Phàrlamaid a' riochdachadh muinntir uile na h-Alba agus bheir an obair a nì sinn buaidh air a h-uile neach, 's mar sin tha sinn air 'Làithean na Pàrlamaid' a chur an teis-meadhain ar gnothaichean a thaobh a bhith a’ brosnachadh a’ phobail gus pàirt a ghabhail ri linn an t-seisein seo. Tha mi an dòchas gun toir muinntir Hamhaig tlachd às a' chothrom seo barrachd fhaotainn a-mach mu na nì sinn aig Taigh an Ròid agus gum faigh iad tuilleadh eòlais air dè cho furasta 's a tha e a bhith a' dol an-sàs rinn."

Ri linn tachartasan an latha, cumaidh Comataidh an Ionmhais coinneamh fhoirmeil chomataidh, far an dèan iad sgrùdadh air na tha san amharc aig Riaghaltas na h-Alba a thaobh cosg is caitheamh. Frithealaidh grunn bhuidhnean ionadail, nam measg gnìomhachasan is buidhnean san treas earrann, air bùthan-obrach neo-fhoirmeil ro choinneamh na comataidh agus bidh cothrom aca am beachd a thoirt seachad air na tha san amharc aig an Riaghaltas a thaobh cosg. Bidh cothrom aig clann-sgoile an àite coimhead air coinneamh na Comataidh agus ceistean a chur air BPAan.

Thuirt Neach-gairm Comataidh an Ionmhais, Coinneach Gibson BPA:

"Is fìor thlachd dhuinn a bhith mar phàirt den chiad Latha na Pàrlamaid. Tha sinn an dòchas gun tig a h-uile duine, eadar buill a' mhòir-shluaigh, buidhnean coimhearsnachd agus clann-sgoile, gus coimhead air comataidh na Pàrlamaid aca fhèin rin obair, gu sònraichte nuair a bhios i a' toirt sùil air ciamar a thèid airgead poblach a chosg.

"Tha sinn a' toirt cuireadh do ghrunn bhuidhnean ionadail agus ghnìomhachasan pàirt a ghabhail ann an seisean neo-fhoirmeil sa mhadainn de bhùthan-obrach cuide ri buill na comataidh. Nì sinn fiughair rim beachdan a chluinntinn."

Thèid fàilte fhoirmeil a chur air an luchd-Pàrlamaid 's air luchd-obrach na pàrlamaid gu Hamhaig air Didòmhnaich aig Neach-gairm Comhairle Crìochan na h-Alba, An Comhairliche Graham Garvie, aig tachartas cathrach leis an Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA agus Neach-gairm Comataidh an Ionmhais Coinneach Gibson os cionn na cùise. Ri linn seo bidh òigridh an àite a' cur fàilte air na BPAan le taisbeanadh mu mar a chaidh dhaibh, agus bidh taisbeanadh fasain ann a chuireas tàlant sgoilearan Àrd-sgoil Hamhaig air spiris, cho math ris a' chom-pàirteachas a th' aig an sgoil ri gnìomhachasan ionadail.

Thuirt an Comhairliche Graham Garvie, Neach-gairm Comhairle Crìochan na h-Alba:

"'Is onoir e a bhith a' cumail Pàrlamaid na h-Alba ann an Hamhaig agus tha mise fìor thoilichte gur iad na Crìochan a chaidh a thaghadh mar a' chiad cheàrnaidh ann an Alba gus leithid a thachartas eachdraidheil a chumail.

"'S e deagh chothrom a th' ann do mhuinntir nan Crìochan sealladh pearsanta fhaighinn air mar a tha poilitigs nàiseanta ag obair, agus tha mi an dòchas gum bi uiread 's a ghabhas de dhaoine a' dol an-sàs sa chùis."

Cùl-sgeul

'S e Diluain 5 An Samhain a' chiad 'Latha na Pàrlamaid'. Bidh tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn sna seachdainnean ri teachd, leithid fios mu choinneamh fhoirmeil Chomataidh an Ionmhais; mu chuairtean go sgoiltean ionadaile le BPAan, agus prògram mu choinneamhan an Oifigeir Riaghlaidh.

Bidh ticeadan airson Coinneamh Chomataidh an Ionmhais ri fhaotainn o 22 An Dàmhair air adhart, agus thèid fios a sgaoileadh mun choinneamh ri tìde.

Fiosrachadh do na meadhanan

Sally Coyne: 0131 348 62650

Cuirear fàilte air glaodhan Toirt Seachad Teacsa

[email protected]

Faigh a-mach barrachd

  • Parliament Days

Tiocaidean

Bidh tiocaidean airson Comataidh an Ionmhais rim faighinn bho 22 Dàmhair air adhart, agus thèid barrachd fiosrachaidh mun choinneamh fhoillseachadh an ùine nach bi fada.

Fiosrachadh Conaltraidh

Fiosrachadh do na meadhanan

Fiosrachadh a' phobail

  • Fòn: 0800 092 7500
  • Fòn teacsa 0800 092 7100
  • Fàilte ro Text Relay
  • Teacsa: 07786 209888
  • [email protected]

Lean air twitter sinn @ParlAlba

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.