Cuideam air a’ chàirdeas eadar Alba agus Èirinn

21.10.2012

Bidh an Leas-oifigear Riaghlaidh Iain Scott BPA an ceannas air buidheann-riochdachaidh Bhall an t-seachdain seo agus iad a' frithealadh air an t-Seanadh Phàrlamaideach Bhreatannach agus Èireannach (BIPA) ann an Glaschu. Is e seo dìreach an dara turas a chùm BIPA seisean làn ann an Alba, an turas eile ann an 2005 aig Taigh an Ròid.

Bidh na Buill an sàs anns a’ cho-labhairt fad dà latha nuair a thèid an eaconomaidh agus ceanglaichean ann an turasachd a dheasbad. Bidh na Buill Uilleam Ó Cobhthaigh, Mìcheal MacMhathain (McMahon), Máire Ní Scannláin agus Séamus Ó Dornáin còmhla ri Mghr. Scott a’ deasbad seo agus chuspairean cumanta eile le riochdairean air an taghadh bho Eileanan Bhreatainn air fad.

Agus e a’ bruidhinn ron cho-labhairt, thuirt an Leas-oifigear Riaghlaidh Iain Scott BPA:

“Tha a’ choinneamh seo aig BIPA na cothrom prìseil obrachadh le feadhainn eile às an Rìoghachd Aonaichte agus à Èirinn agus deasbad air mar a bheir sinn fàs air eaconamaidh na h-Alba gu sònraichte air na roinnean deatamach ri turasachd agus bidh is deoch. Tha fiughair agam ri cruinneachadh cruthachail agus sinn a’ feuchainn ri aghaidh a thoirt air ceistean a' cur air muinntir na h-Alba."

Is e an clàr a tha ann an-dràsta:

Diluain 22 Dàmhair

9.30m: Òraid le Rùnaire na Stàite airson Èireann a Tuath, Theresa Villiers BP

10.50m: Eaconamaidh na h-Alba - Sealladh nan Aonaidhean-ciùird, Mghr Greumach Mac a’ Ghobhainn, Caidreachas Aonaidhean-ciùird na h-Alba

11.40m: Turasachd ann an Alba - Mghr Riddell Greumach, Stiùiriche Chom-pàirteachasan, VisitScotland (Bòrd Turasachd na h-Alba uair a bha ann)

3.00f: Sgaoileadh-cumhachd agus ‘Ceist Lodainn an Iar’ – An t-Ollamh an Ridire Uilleam MacAoidh KCB, Cathraiche Choimisean air Buaidh Sgaoileadh-cumhachd do Thaigh nan Cumantan

Dimàirt 23 Dàmhair

9.30m: Eaconamaidh na h-Alba: Sealladh an Luchd-fhastaidh- Mghr Iain MacMhaoilein CBE, Stiùiriche CBI na h-Alba

10.30m: Roinn Bidh is Deoch na h-Èireann agus na h-Alba – Diageo na h-Èireann agus Diageo na h-Alba

11.30m: Òraid le Ministear airson Lùtha, Iomairt agus Turasachd, Riaghaltas na h-Alba, Mghr Fearghas Ewing BPA

Cùl-fhiosrachadh

Is e BIPA a’ phrìomh innleachd phoilitigeach airson deasbad eadar riochdairean air an taghadh à Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte, Tithe an Oireachtais, Pàrlamaid na h-Alba, Seanadh Èireann a Tuath, Seanadh na Cuimrigh, Àrd-Chùirt an Tinvaal (Eilean Mhanainn) agus Stàitean Guernsey is Jersey.

Bidh BIPA a’ coinneachadh gach dà bhliadhna ann an seisean làn, a' dol mu seachd gu ionadan ann am Breatainn agus ann an Èirinn. Chaidh an seisean làn as giorra air ais (44mh) a chumail ann an Seòmar an t-Seanaid aig Dáil Éireann sa Chèitean 2012 le seisean cheistean is fhreagairtean le Taoiseach na h-Èireann, Éanna Ó Cionnaith TD. 

Contact Information

Media information

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500 
  • Textphone users can contact us on
    0800 092 7100
  • We also welcome calls using the
    Text Relay service 
  • Text message: 07786 209888
  •  [email protected]

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.