15.01.2013
Tadhlaidh triùir Bhall bho Phàrlamaid na h-Alba air Pàrlamaid na h-Alba an t-seachdain seo gus buithtean-obrach a chumail mu na seirbheisean corporra a gheibh Buill mar thaic riutha san obair aca agus ann a’ bhith a’ conaltradh ris an luchd-taghaidh aca.
Tha an triùir Bhall uile nam buill de Bhuidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba, a’ bhuidheann thar-phàrtaidh de Bhuill ris a bheil e an urra a bhith a’ dèanamh cinnteach gum faigh a’ Phàrlamaid an t-seilbh, an luchd-obrach agus na seirbheisean a bhios a dhìth oirre. Nochdaidh Liam MacArtair BPA, Máire Ní Scannláin BPA agus Dàibhidh Stiùbhart BPA ann am Belgrade Diciadain 16 Faoilleach far an cùm iad buidhnean-obrach air na cuspairean a leanas:
An obair aig Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba
Am Modh-obrachaidh Reachdail ann am Pàrlamaid na h-Alba
An siostam-taghaidh airson Pàrlamaid na h-Alba
Obair Chomataidh Sgrùdadh Poblach agus Chomataidh nan Athchuingean Poblach aig a’ Phàrlamaid
A’ bruidhinn mus do dh’fhalbh iad, thuirt Máire Ní Scannláin BPA a tha na Leas-neach-gairm air Comataidh Sgrùdadh Poblach:
“Tha an t-iarrtas bruidhinn ri Pàrlamaid Sherbia mu na siostaman a tha againn an seo ann am Pàrlamaid na h-Alba na thogail-inntinn. Ged a tha sinn car òg mar Phàrlamaid, tha sinn air a bhith ag obair le caochladh bhuidhnean-riaghaltais a thug dùbhlain air na modhan-sgrùdaidh aig Pàrlamaid na h-Alba. Tha togail agam ri bhith a’ bruidhinn air an taic, na siostaman agus na modhan againn gus an tuig Pàrlamaid Sherbia dè air an gabhadh i beachd math dh’fhaodte air na h-adhbharan aice fhèin.
Thuirt Dàibhidh Stiùbhart BPA, Neach-gairm Chomataidh nan Athchuingean Poblach:
“Bidh Taigh an Ròid a’ cur fàilte air còrr is ceithir fichead de bhuidhnean-riochdachaidh eadar-nàiseanta sa bhliadhna agus tha ùidh mhòr aig Pàrlamaidean eile ann a bhith ag ionnsachadh a thaobh mar a bhios sinn a’ dèanamh rudan an seo ann an Alba. Tha mòran ag iarraidh ionnsachadh mu Chomataidh nan Athchuingean Poblach againn, cuspair a bhios mi an-còmhnaidh toilichte bruidhinn mu dheidhinn oir tha mi a’ creidsinn gu daingeann san èifeachdachd na lùib.
Thuirt Liam MacArtair BPA:
“Tha cliù mhòr air Pàrlamaid na h-Alba mar bhuidheann a tha air a bhith tionnsgalach ann an lìbhrigeadh seirbheisean Pàrlamaid a nì sgrùdadh èifeachdach air Riaghaltas agus air a bheil cothrom do mhuinntir na h-Alba. Mar bhall de Bhuidheann Chorporra na Pàrlamaid, tha togail agam ri bhith a’ sgaoileadh fiosrachadh na h-Alba mu lìbhrigeadh seirbheisean Pàrlamaid do Phàrlamaid Sherbia.”
Cùl-fhiosrachadh
Chaidh an turas a chur air dòigh leis an Westminster Foundation for Democracy (làrach-lìn air an taobh a-muigh), a tha pàigheadh airson siubhal, àiteachan-fuirich agus cosgaisean buidheann nan riochdairean an dèidh dhaibh Alba fhàgail. Còmhla ris na Buill bidh triùir de luchd-obrach aig a bheil eòlas air obair na buidhne corporra agus a bheir taic do na Buill le lìbhrigeadh nam buithtean-obrach.
Contact information
Media information
Public information
- Telephone: 0800 092 7500
- Textphone users can contact us on 0800 092 7100
- We also welcome calls using the Text Relay service
- Text message: 07786 209888
- [email protected]
You can also follow us on twitter @scotparl