28.01.2013
Tha ceuman aig a bheil e mar amas aghaidh a chur air a’ chràdh a dh’adhbharaicheas callaidean àrda (high hedges) air fàilte fhaighinn bho Chomataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-ùrachadh aig Pàrlamaid na h-Alba.
Tha Bile nan Callaidean Àrda (Alba) na fhuasgladh gus aghaidh a chur air ceistean, a bhios a’ bualadh air an tlachd a gheibhear à seilbh, leithid call solas an latha, a dh'fhaodas callaidean àrda adhbharachadh agus a bhios a’ bualadh air mòran dhaoine air feadh na dùthcha.
Ann a bhith a’ cur fàilte air a’ Bhile, thug a’ Chomataidh fa-near gus do dh'èirich cuid den chonnsachadh mu challaidean àrda mar thoradh air taigheadas a bhith air a shuidheachadh tuilleadh is faisg air fearann-coille. Mhol a’ Chomataidh gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba an cothrom a bheir an sgrùdadh a tha a’ dol air adhart air Poileasaidh mu Dhealbhadh ann an Alba gus aghaidh a chur air na ceistean seo.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Caoimhin Stiùbhart BPA:
“Chuala a’ Chomataidh againn dhaibh fhèin mun bhuaidh a bheireadh connsachadh mu challaidean àrda air coimhearsnachdan agus air beatha dhaoine air feadh na dùthcha. Tha am Bile seo na fhuasgladh ionadail gus aghaidh a chur air a’ chonnsachadh seo far an do dh’fhairtlich air na slighean air fad eile. Tha sinn beò an dòchas leis an fheadhainn a thug fianais don Chomataidh, gun cuir an reachdas ann fhèin giùlan a fhreagras air ‘deagh nàbaidhean’ air adhart”.
Am measg nam molaidhean eile san aithisg, tha:
Soilleireachadh iarraidh mu na suidheachaidhean nuair a bhuineas seilbh do na h-ùghdarrasan ionadail.
Cothrom oifigear nàiseanta an urra ri craobhan a stèidheachadh gus comhairle a thoirt do dh’ùghdarrasan ionadail.
Gun tèid am Bile atharrachadh gus am bi iomradh na bhroinn air Ùghdarrasan nam Pàircean Nàiseanta mar luchd-comhairle reachdail airson iarrtasan sam bith airson fios mu challaidean àrda a nithear an taobh a-staigh àrainn na pàirce aca fhèin.
Gum bi innleachd anns a’ Bhile gus ath-bhreithneachadh a dhèanamh an dèidh ùine gun a bhith nas fhaide na 5 bliadhna.
Cùl-fhiosrachadh
Chaidh Bile nan Callaidean Àrda (Alba) a thoirt a-steach don Phàrlamaid le Marc Dòmhnallach BPA air 2 Dàmhair 2012.
Air adhbhar a’ Bhile, is e na tha ann an callaid àrd: na tha air a dèanamh gu ìre no uile-gu-lèir le dithis no barrachd de chraobhan sìor-uaine no letheach sìor-uaine; a bhios ag èirigh gu àirde nas motha na dà mheatair os sionn ìre na talmhainn; agus a tha na bacadh air an t-solas.
Tha ullachadh anns a’ Bhile nuair a thathar air callaid a chomharrachadh mar challaid àrd, gum faod an neach aig a bheil an t-seilbh fios mu challaid àrd iarraidh air an ùghdarras ionadail iomchaidh. Tha e a’ toirt chumhachdan às ùr do dh’ùghdarrasan ionadail gus fios mu challaidean àrda a chur a-mach don fheadhainn aig a bheil callaidean, a’ comharrachadh na h-obrach, ma tha a leithid ann, a tha ri tarraing a-mach gus duilgheadasan a leigheas gus nach tachair iad a-rithist; agus cuideachd obair sam bith a ghabhail os làimh nuair a dh'fhairtlicheas air luchd-seilbh a leithid a dhèanamh.
Is e a’ ghnè as cumanta de lus a tha ceangailte ri gearanan mu challaidean àrda a’ chraobh-bhròin air a bheil “Leylandii”. Faodaidh a’ ghnè seo fàs gu àirde os cionn deich air fhichead meatair air ìre aon mheatair anns a’ bhliadhna.
Contact information
Media information
Committee information
Public information
- Telephone: 0800 092 7500
- Textphone users can contact us on 0800 092 7100
- We also welcome calls using the Text Relay service
- Text message: 07786 209888
- [email protected]
You can also follow us on twitter @scotparl