28.01.2013
Mar phàirt den obair againn air thoiseach air an dàrna Latha Pàrlamaid, bidh Pàrlamaid na h-Alba a’ cumail sreath de choinneamhan poblach air feadh nan Eilean Siar anns a’ Ghearran.
Bidh na seiseanan fiosrachaidh seo saor ’s an asgaidh agus bheirear sùil annta air mar a bhios a’ Phàrlamaid ag obair agus mar a dh’fhaodadh duine sam bith pàirt a ghabhail anns an obair aice. Gheibhear fiosrachadh mu chùrsa nan athchuingean poblach (public petitions) a bheir cothrom do dhaoine air feadh na h-Alba athchuinge a chur ri chèile ’s a thoirt a-steach don Phàrlamaid aca a’ togail cùisean anns a bheil an ùidh.
Bidh na seiseanan gu h-ìosal gan cumail:
Dimàirt 12 Gearran
Eilean Bharraigh - Taigh-òsda Bhagh a’ Chaisteil
4f. - 6f. agus a-rithist aig 6.30f - 8.30f.
Diciadain 13 Gearran
Beinn na Faoghla - Taigh-òsda an Eilein Doirch (Dark Island Hotel), Lionacleit
4f. - 6f. agus a-rithist aig 6.30f. - 8.30f.
Diardaoin 14 Gearran
An Tairbeart - Taigh-òsda na Hearadh
3f. - 5f. agus a-rithist aig 6f. - 8f.
Dihaoine 15 Gearran
Steòrnabhagh - Taigh-òsda a’ Chalaidh (Caladh Inn), Sràid Sheumais
3f. – 5f. agus a-rithist aig 6f. – 8f.
Airson barrachd fiosrachadh mu gach seisean no gus àite a chur dòigh cuir fios gu Paul Anderson air 0131 3485357 no le post-d gu: [email protected].
Contact information
Media
Public information
- Telephone: 0800 092 7500
- Textphone users can contact us on 0800 092 7100
- We also welcome calls using the Text Relay service
- Text message: 07786 209888
- [email protected]
Follow us on twitter @scotparl