07.10.2013
Dè an aon cheist a thaobh poileasaidh slàinte a bu chòir faighneachd aig Comataidh na Slàinte dhe Rùnaire a’ Chaibineit airson Slàinte is Mathais?
Ri linn seisean ùr-ghnàthaiche seo ‘Cuir Ceist ri Rùnaire na Slàinte’, thathar ag iarraidh air a’ mhòr-shluagh a’ cheist as deatamaich aca a thaobh poileasaidh slàinte a chur a-steach tron eadar-lìon, Twitter agus Facebook.
Tha buill na Comataidh airson dèanamh cinnteach gu bheil na ceistean aca a rèir nan co-dhùnaidhean sin a thaobh poileasaidh slàinte a tha air aire dhaoine bho air feadh Alba. Thèid taghadh dhe na ceistean sin a chur ri Rùnaire a’ Chaibineit, Ailig Nèill BPA, ri linn seisean fianais air 12 Samhain 2013.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Donnchadh MacNèill BPA:
“’S e seo cothrom math dha-rìribh a bheir èisteachd do dhaoine bho air feadh Alba. Seo an cothrom acasan buaidh is stiùir a thoirt air a’ Chomataidh gus ceistean a tha cudromach dhaibh a chur ri Rùnaire a’ Chaibineit.”
Faodaidh daoine on mhòr-shluagh ceistean a chur a-steach, air an dèan a’ Chomataidh beachdachadh, tro Twitter le bhith a’ cur feum air #askhealthsec air duilleag Facebook Pàrlamaid na h-Alba no air ar làrach-lìn ro 20 Dàmhair 2013.
Faodaidh sibh Gàidhlig a chleachdadh.
Cùl-sgeul
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu mar a chuirear a-steach ceist a thaobh poileasaidh slàinte ann an seo:
Cuir ceist air rùnaire na Slàinte
Thèid grunn cheistean a thaghadh gus an leughadh a-mach le buill ri linn na coinneimh. Nuairsin, bidh cothrom aig buill na Comataidh ceistean a bharrachd a chur ri Rùnaire a’ Chaibineit, a’ toirt sùil nas mionaidiche air na prìomh ghnothaichean.
’S e 20 Dàmhair 2013 an ceann-latha deireannach.
’S e seo a’ chiad uair a tha Comataidh de Phàrlamaid na h-Alba air feum a chur air na meadhanan sòisealta gus ceistean iarraidh a bheir fiosrachadh seachad a thaobh ceistean na Comataidh ri Riaghaltas na h-Alba.
Contact information
Media information
Committee information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on:
