Cuiridh Comataidh a’ Cheartais Fàilte air Bile nan Tribiunal

14.10.2013

Chuireadh fàilte air Bile – a tha mar amas aige siostam leasaichte a thaobh neo-eisimeileachd agus seirbheis leasaichte do luchd-cleachdaidh tribiunail na h-Alba a chruthachadh – aig Comataidh a’ Cheartais san aithisg a dh’fhoillsich iad an-diugh.

Tha ìre 1 den aithisg air Bile nan Tribiunal (Alba) a’ moladh gun cruthaichear structair ùr, dà-fhillte fa chomhair tribiunail tiomnaichte – Tribiunal Ciad-ìre agus Tribiunal Àrd-ìre – a bhios air an ainmeachadh mar Thribiunail na h-Alba. Dèiligidh a’ chiad fhear ris a’ chuid as motha de chàsan, agus èistidh am fear eile ri tagraidhean on chiad-ìre. Bidh Àrd-mhorair Cùirt an t-Seisein os cionn an dà thribiunal.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Cairistìona Ghreumach BPA:

“Tha sinn a’ creidsinn gu bheil am Bile seo a’ toirt air adhart ath-thogail structair siostam nan tribiunal ann an Alba, rud a tha gu mòr a dhìth. ’S e siostam a th’ ann a tha ag amas air cuideachadh a thoirt do neachan air leth an càs a rèiteachadh an aghaidh bhuidhnean no eile, gun a bhith feumach air siostam nan cùirtean, a tha nas cosgaile agus nas dùbhlannaich. Bu chòir ’s gun dèan am Bile seo cùisean nas sìmplidhe is nas ruigsinniche do neachan air leth sin a dhèanamh.

“Ged a dh’aithnicheas ar Comataidh cuid de dhraghan an luchd-fianais a thug dhuinn fios a thaobh gur dòcha gum bithear a’ gluasad nas fhaisge gu barrachd “laghalachadh” (judicialisation) de phròiseas nan tribiunal, tha sinne a’ creidsinn gu bheil gu leòr de dhìon sàbhailte an-sàs sa chùis a nì cinnteach gum bi neo-eisimeileachd a h-uile tribiunal air a cumail suas.”

Rinn a’ Chomataidh barrachd mholaidhean, nam measg:

·         Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba a’ chùis a rèiteachadh mar ghnothach deatamach a thaobh dàil ann a bhith a’ cur air dòigh riaghailtean don Tribiunal Àrd-ìre.

·         Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba mìneachadh a chur an cèill air ciod e tribiunal taobh a-staigh a’ Bhile, a chor is gun tèid coltas is nàdar nan tribiunal a dhìon.   

·         Far am mol tribiunal gun tèid cosgaisean is prìsean a thoirt a-steach don chùis airson a’ chiad turais, bu chòir co-chomhairleachadh a dhèanamh le luchd-cleachdaidh agus com-pàirtichean tribiunal. 

Cùl-fhiosrachadh

Air bhonn RA, rinn an dà chuid Achd 2007 mu Thribiunail, Chùirtean is Chur-an-Gnìomh cho math ri Seirbheis Cùirtean is Tribiunail na Banrighe, a chaidh a chur ri chèile ann an 2011, atharrachaidhean air seirbheis nan tribiunal. Ged a thug na h-atharrachaidhean seo buaidh air tribiunail glèidhte a ghabh àite ann an Alba, cha tug air tribiunail tiomnaichte.

Air a thoirt a-steach ann an Cèitean 2013, bheir Meòrachan Poileasaidh a’ Bhile fa-near gun deach tribiunail tiomnaichte “a stèidheachadh air mhodh ad hoc, gun cheannas, gun choinneamhan, gun chleachdadh neo dòigh-obrach no ath-sgrùdaidhean na tagraidhean”. Cuideachd, tha e ag ràdh gum faod a leithid seo de shiostam im-fhillte briste tighinn gu buil le “beachdachadh cumhaing” agus le cus atharrachaidh a thaobh ìre is coileanadh nan tribiunal. Tha am Bile ag amas air neo-eisimeileachd, agus mar a chìthear an neo-eisimeileachd sin, a thaobh nan tribiunal tiomnaichte a leasachadh, agus cur an comas leasachaidhean a thaobh mar a thèid an t-seirbheis a thoirt seachad don luchd-cleachdadh a thoirt air adhart.

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • [email protected]
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.