14.01.2014
Tha feum aig Alba air ro-innleachd fhollaiseach gus aghaidh a thoirt air brath-gnèitheach (sexual exploitation) air cloinn. Seo aon de na molaidhean bunaiteach ann an aithisg a chaidh a chur a-mach an-diugh (Dimàirt) le Comataidh Athchuingean Poblach Pàrlamaid na h-Alba.
Fhuair an aithisg, a tha mar thoradh air rannsachadh a thaobh aghaidh a thoirt air brath-gnèitheach air cloinn ann an Alba, a-mach cuideachd gu bheil feum air rannsachadh a nochdas ìre an duilgheadais ann an Alba. Tha i cuideachd a’ moladh gun fheum clàran-foghlaim a sheallas do dhaoine òga mar a dh’aithnicheas agus a bheir iad dùbhlan air brath-gnèitheach is burraidheachd a bhith ri fhaotainn do choimhearsnachdan uile na h-Alba.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Dàibhidh Stiùbhairt BPA:
“Ri linn an rannsachaidh seo chuala a’ Chomataidh againn fianais a bha doirbh agus, aig amannan, dùbhlanach mu bhrath-gnèitheach ann an Alba. Fhuair sinn fianais chumhachdach bho dhaoine a chaidh a dhèanamh gun urra agus chur a-steach gu h-iomlan anns an aithisg againn.
“Tha a’ Chomataidh ag mothachail ged a tha tòrr a dheagh obair a’ dol air adhart, gum faod i bhith na mìrean beaga. Tha i feumach air a’ cheannas is a’ cho-òrdanachadh fhollaiseach a tha a dhìth gus aghaidh a thoirt gu h-èifeachdach air brath-gnèitheach air a’ chloinn againn.
“Tha cunnart dha-rìribh ann daonnan gun cùm brath-gnè na dhuilgheadas falaichte ann an Alba agus is e sin as coireach gun fheumar barrachd rannsachaidh a dhèanamh gus ìre an duilgheadais a dhearbhadh agus mar a ghabhas seirbheisean dealbhadh gus aghaidh a thoirt air.”
Rinn linn an rannsachaidh againn, chuala a’ Chomataidh againn gu bheil duilgheadasan àraidh an lùib na ceiste seo leithid cion tuigse air dè tha ann am brath-gnèitheach air cloinn, daoine òga gun a bhith gun aithneachadh fhèin mar a bhith a’ fulang, beachdan stèidhichte mu ghiùlan dhaoine òga, barrachd cleachdaidh ann am mionaideachd de theicneòlas agus àbhaisteachadh dhàimhean gnèitheach agus dlùth.
Am measg nam molaidhean eile san aithisg tha:
- Gun fheumar ionadan-tèarmainn do dhaoine òga a dh’fhiosraicheas no a tha an cunnart brath-gnèitheach air cloinn a stèidheachadh. Bu chòir beachdachadh air dleastanas iomchaidh a chur air a h-uile h-ùghdarras ionadail ann am Bile Cloinne agus Dhaoine Òga (Alba).
- Bu chòir don fheadhainn ri obair shòisealta agus do sheirbheisean dìon-cloinne eile barrachd tàbhachd a thoirt do sheasamh ri droch dhol gnèitheach air cloinn san fharsaingeachd agus so-leòntachd eile ann an clann òg, leithid dearmaid a dh’fhaodadh an cur ann an cunnart sònraichte mu bhrath-gnèitheach air cloinn.
- Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba tàbhachd mhòr a thoirt do bhith a’ dearbhadh gun tèid acfhainn den chiad ìre gus fiosrachadh deatamach a chruinneachadh mu eisimpleirean is ìre de bhrath-gnè air cloinn ann an Alba a chomharrachadh, a chur air an aon rèir agus a sgaoileadh air feadh na h-Alba.
- Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba, do Phoileas na h-Alba agus do gach buidheann-gnìomha bhunaiteach rùn daingeann a ghabhail gus obair an luchd-ionnsaigh a bhriseadh agus an fheadhainn a tha ann an cunnart a shònrachadh.
- Bu chòir sgrùdadh an dèidh an reachdais a dhèanamh air Achd Dìon na Cloinne agus nan Eucoirean Gnèitheach (Alba) 2005 a ghabhail os làimh gus a dhèanamh cinnteach gu bheil rùn an reachdais seo ga lìbhrigeadh agus gu bheil a h-uile neach-ionnsaigh ri brath-gnèitheach air cloinn a dh’fhaodadh a bhith ann ga chasaid.
- Bu chòir òrdain mu chron gnèitheach a chleachdadh ann an dòigh fada nas coileanta gus daoine òga ann an Alba a dhìon.
- Bu chòir trèanadh èigneachail a thoirt do phoileas an sàs anns a’ phoball no ri obair shònraichte mu na roghainnean reachdail a tha aca gus an fheadhainn ri brath-gnè air cloinn a bhriseadh.
Cùl-fhiosrachadh
Agus e air a chur air bhog anns a’ Mhàrt 2013, thòisich a’ Chomataidh air an rannsachadh aice an dèidh beachd a ghabhail air athchuinge le Barnardo’s na h-Alba.
Chuala a’ Chomataidh fianais bho dhaoine a tha ag obair air feadh na h-Alba gus aghaidh a thoirt air brath-gnèitheach air cloinn agus taic a chur ris an fheadhainn a’ fulang mar thoradh air.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu rannsachadh na Comataidh air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba:
Rannsachadh mu aghaidh a thoirt air brath-gnèitheach air cloinn ann an Alba
Read the report
Read the report in full here
Contact information
Media information
Committee information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on:
