14.01.2014
Chaidh fàilte a chur air ceuman ath-leasachaidh, a bha air an toirt a-steach aig Pàrlamaid na h-Alba sa bhliadhna 2012, ann an aithisg comataidh pàrlamaid a chaidh fhoillseachadh an-diugh.
Anns an ath-sgrùdadh aca air na leasachaidhean a chaidh a thoirt a-steach ann an Sultainn 2012, thuirt Comataidh Inbhean, Dòighean-obrach is Cur an Dreuchd Poblach (IDCP) gun do riochdaich na ceuman na h-atharrachaidhean a bu bhrìoghmhoire a thaobh gnothaichean na pàrlamaid o 1999, agus gun robh iad air a chur an comas nam Ball ceistean a chur ri Ministearan aig toiseach a h-uile coinneamh san t-Seòmar agus gnothaichean a bha a’ dol aig an àm a thogail na bu traithe san t-seachdain.
Cuideachd, dh’aithnich an aithisg an “stiùireadh làidir” a sheall an t-Oifigear Riaghlaidh ann a bhith a’ cur air adhart a sealladh fhèin a thaobh ath-leasachadh na pàrlamaid.
Thuirt Neach-gairm Comataidh IDCP, Stiùbhart Stevenson BPA:
“Air dhuinn na ceuman uile a sgrùdadh maraon, tha ar Comataidh air co-dhùnadh gu bheil na h-ath-leasachaidhean air a bhith soirbheachail ann a bhith a’ cruthachadh Pàrlamaid nas fheàrr a thaobh a bhith freagrach agus èifeachdach.
“Bidh an t-Seòmar a-nis a’ coinneachadh ri chèile thar trì latha seach a dhà. Tha niste cothrom aig na Buill ceist a chur ri Ministearan aig toiseach a h-uile coinneamh san t-Seòmar. Agus tha an rud ùr-ghnàthaichte, ’s e sin tràth nan ceist a tha ann aig an àm, a’ toirt cothrom dha na Buill ceistean a tha a’ dol an ceartuair a thogail nas traithe san t-seachdain. Cuiridh a’ Chomataidh fàilte ro na leasachaidhean uile seo.”
Sa cheann thall, their aithisg IDCP:
“A’ coimhead ris na làithean ri teachd, bheir a’ Chomataidh fa-near gun do sheall an t-Oifigear Riaghlaidh stiùireadh làidir ann a bhith a’ cur air adhart sealladh a thaobh ath-leasachadh na pàrlamaid ri linn an t-seisean seo. Tha a’ Chomataidh ag aontachadh ris a’ bheachd aice gum feum a’ Phàrlamaid a bhith daonnan a’ coimhead airson chothroman gus a cleachdaidhean is a dòighean-obrach a chur am feabhas. Tha a’ Chomataidh deiseil is deònach a ròl fhein a choileanadh a thaobh beachdachadh air ath-leasachaidhean sam bith eile sa phàrlamaid san ùine ri thighinn.”
Cùl-fhiosrachadh
Gheibhear an aithisg iomlan ann an-seo:
Ath-sgrùdadh air aithisg Ath-leasachadh na Pàrlamaid
Contact information
Media information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on:
