02.05.2014
Chaidh fàilte a chur air
seasamh nas cruaidhe a thaobh seachnadh chìsean aig Comataidh an Ionmhais san
aithisg Ìre 1 aca air Bile Teachd-a-steach na h-Alba is Cumhachdan Chìsean, a
chaidh fhoillseachadh an-diugh.
Tha a’ Chomataidh air fàilte a chur
air fòcas a’ Bhile a thaobh dol an glaic ri seachnadh chìsean agus riaghailt
choitcheann an aghaidh seachnadh (general anti avoidance rule no GAAR) air a
toirt a-steach. Cuiridh an GAAR an comas
Buidheann Teachd-a-steach na h-Alba dol an aghaidh seachnadh tro bhith a’
cleachdadh dheuchainnean a sheallas a bheil no nach eil rèiteachadh chìsean
“fuadain”.
Thuirt Neach-gairm Comataidh an
Ionmhais, Coinneach Gibson BPA:
“’S i an fhìrinn gum bi droch bhuaidh
oirnn uile nuair nach pàigh daoine an cuid chìsean. Nì am Bile cinnteach gum bi
Alba a’ dèiligeadh gu cruaidh dian ri luchd-seachnaidh chìsean, agus bidh cùisean
nas cinntiche do luchd-pàighidh chìsean na h-Alba.
“Cuideachd, cumaidh sinn oirnn a’ dèanamh
mion-sgrùdadh air stèidheachadh Buidheann Teachd-a-steach na h-Alba agus
cur-an-gnìomh is lìbhrigeadh chìsean tiomnaichte.”
Tha Comataidh an Ionmhais cuideachd
a’ cumail taic ri prionnsapalan coitcheann a’ Bhile aig Ìre 1. Tha an aithisg
cuideachd -
- Ag
aithneachadh gu bheil feum aig luchd-pàighidh chìsean air dìon a bharrachd
agus molar gum feum Buidheann Teachd-a-steach na h-Alba
co-chomhairleachadh fhaotainn gu farsaing a thaobh cur-an-gnìomh GAAR mus tèid treòir sam bith fhoillseachadh.
- A’
moladh toirt-a-steach riaghailt a bheir tùs àite do GAAR thar
cheuman reachdail eile.
- A’
cur fàilte air riatanas Buidheann Teachd-a-steach na h-Alba gun ullaich
iad Cùmhnant Sgrìobhte a chuireas an cèill ìrean giùlain is luachan don dà
chuid Buidheann Teach-a-steach na h-Alba agus luchd-pàighidh chìsean.
- A’ cur fàilte
air dealas Riaghaltas na h-Alba a thaobh atharrachaidhean aig Ìre 2 a
thoirt air adhart gus cur an cèill gu sònraichte deimhinn sa Bhile na
bhios gu dìreach ri phàigheadh mar pheanas aca sin nach cum ris na
riaghailtean.
Cùl-fhiosrachadh
’S e Bile Buidheann Teachd-a-steach na h-Alba is
Cumhachdan Chìsean am pìos mu dheireadh de thrì reachdan a thàinig gu bith ri
linn Achd na h-Alba 2012. Chaidh an dà phìos eile den reachdas, ’s iad sin Achd
Gnothach Fearainn is
Togalaichean (Alba) 2013 agus Achd Cìsean Sgudail (Alba) 2014, a dheasbad ’s a
chnuasachadh le Comataidh an Ionmhais ann an 2012 agus 2013.
Read the report
Stage 1 Report on the Revenue Scotland and Tax Powers Bill
Contact information
Media information
Committee information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on:
