07.05.2014
Tha ceuman aig a bheil mar amas comas nan ùghdarrasan ionadail gus aghaidh a thoirt air mì-ghnàthachadh sgeama-pàircidh nam bràistean-gorma do dhaoine ciorramach a neartachadh air fàilte fhaighinn an-diugh bho Chomataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-Bheothachadh aig Pàrlamaid na h-Alba.
Mar chuid
de Bhile Bràistean-gorma
do Dhaoine Ciorramach (Alba), am measg nan ceuman tha comas do dh’ùghdarrasan
ionadail bràistean a thoirt air falbh ann an suidheachaidhean sònraichte de mhì-ghnàthachadh.
Tha am Bile cuideachd air eucoir a dhèanamh de bhràistean-gorm a chaidh a
dhubhadh a-mach a thaisbeanadh.
Thuirt Neach-gairm na
Comataidh, Caoimhin Stiùbhart BPA:
“Tha
sgeama-pàircidh nam bràistean-gorma na ghoireas deatamach do dhaoine air feadh
na dùthcha. Bidh e a’ cuideachadh gus tomhas de neo-eisimeileachd agus de
chàileachd-beatha nach biodh aig daoine às aonais an sgeama.
“Tha
bagairt air an neo-eisimeileachd seo, ge-tà, le mì-ghnàthachadh nam bràistean -gorma.
Is e sin as coireach gu bheil a’ Chomataidh againn a’ cur fàilte air na ceuman
ùra cruaidhe seo. Chan eil mì-ghnàthachadh nam bràistean-gorma na eucoir gun
fhuilingiche (victim-less) agus
cuidichidh am Bile seo gus àiteachan a thoirt don fheadhainn as motha aig a
bheil feum orra.”
Ri linn
na fianais, chuala a’ Chomataidh bho ùghdarrasan ionadail, Poileas na h-Alba,
Comann-lagha na h-Alba agus bho bhuidhnean a’ riochdachadh luchd-cleachdaidh nam
bràistean-gorma. Chuala a’ Chomataidh gu bheil an sgeama ga chleachdadh gu
farsainn le daoine air a bheil ciorram a chur gus cothrom fhaighinn air
obraichean, bùithtean agus seirbheisean-coimhearsnachd agus tha aon ùghdarras
ionadail a’ dèanamh a-mach gu bheil co-dhiù fichead a-mach às a’ cheud de na
h-àiteachan-pàircidh aige ga chleachdadh le sealbhadairean nam bràistean-gorma.
Cùl-fhiosrachadh
Chaidh
Bile Bràistean-gorma do Dhaoine Ciorramach (Alba) a thoirt a-steach anns an
Dùbhlachd 2013 le Dennis Robastan BPA.
Thathar
air mu 263,000 de bhràistean-gorma a thoirt a-mach ann an Alba, a bheir
lasachadh air pàirceadh gus a chur air chomas do shealbhadairean nam bràistean pàirceadh gun chìs is gun chrìoch-ùine air
loidhnichean-buidhe eadar shingilte is dhùbailte ann an suidheachaidhean
sònraichte.
Ann am
fianais don Chomataidh anns a’ Mhàrt 2014, rinn Comhairle Cathair Ghlaschu gun
robh mu fhichead a-mach às a’ cheud de na h-àiteachan-pàircidh aige ga
chleachdadh le sealbhadairean nam bràistean-gorma.
Read the report
Stage 1 report on the Disabled Persons’ Parking Badges (Scotland) Bill (the Blue Badge Bill)
Contact information
Media information
Committee information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on:
