09.05.2014
An robh fios agad gu bheil luchd nam mìlsean Haribo na chompanaidh Ghearmailteach? Air neo gur h-e a’ Bholga an abhainn as fhaide san Roinn Eòrpa?
Mas e nach robh, feumaidh tu èisteachd ri Pàrlamaid na h-Alba aig uair feasgar Diluain 12 Cèitean gus deuchainn a thoirt air do chuid eòlais Eòrpaich an aghaidh 124 de chlann-sgoile bliadhna a sia an Alba a bhios a’ farpais mar chuid de Euroquiz na bliadhna seo.
Freagraidh 31 de sgiobaidhean uile-gu-lèir a’ riochdachadh bun-sgoiltean bho Shealtainn a-nuas gu Crìochan na h-Alba raon farsaing cheistean air a h-uile rud bho phoilitigs Eòrpach is cruinn-eòlas gu cultar, spòrs agus eachdraidh anns an oidhirp gus duais Euroquiz a ghleidheadh.
Thuirt Leas-oifigear Riaghlaidh agus fear-nan-ceist Euroquiz Iain Scott BPA:
“Tha mi cho riaraichte gu bheil Pàrlamaid na h-Alba a’ cumail cuairt dheireannach an tachartais seo agus tha mi a’ cur meal-an-naidheachd air a’ chlann-sgoile gu lèir airson an gnothach a dhèanamh don chuairt mu dheireadh agus air na rinn iad de dh’obair gus a bhith an seo an-diugh.
“A h-uile bliadhna, bidh clann-sgoile na h-Alba a’ cur nàire air mòran leis an eòlas a tha aca air an àite a tha againn san t-saoghal agus e a’ fàs cruinneil agus ioma-chultarail fad na tìde. Le taghaidhean na h-Eòrpa gan cumail air 22 Cèitean, is e seo àm inntinneach dhuinn uile gus measadh a dhèanamh air na tha againn de dh’eòlas air an Roinn Eòrpa.”
Tha Urras Foghlam Eòrpach na h-Alba air a bhith a’ cumail farpais nan ceist bho 1993 agus is e seo an seachdamh bliadhna a thathar air an tachartas a chumail aig Pàrlamaid na h-Alba. Tha urras ga chumail air an tachartas le Pàrlamaid na h-Eòrpa agus Riaghaltas na h-Alba.
Thuirt Ministear an Fhoghlaim, Alasdair Allan BPA:
“Bu mhath leam meal-an-naidheachd a chur air na sgiobaidhean a tha air a’ chuairt dheireannach nàiseanta de Euroquiz 2014 a ruigsinn. Tha an fharpais seo mar chothrom dha-rìribh do dhaoine òga barrachd ionnsachadh mu Eòrpa agus mun eachdraidh is mun chultar agus mu na cànanan na lùib agus tha mi cho riaraichte a bhith a’ faicinn sgiobaidhean bho gach càrn de dh’Alba an sàs.”
Tha a h-uile gin de na 31 sgoiltean Albannach an sàs air a’ chuairt ùghdarrais ionadail aca fhèin a ghleidheadh agus bidh iad ann am farpais ris an fheadhainn a bhuannaich na cuairtean ionadail eile sa chuairt mu dheireadh.
Thèid an tachartas a chraoladh beò air an Lìon, air am bi cothrom tro làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba aig - http://www.scottishparliament.tv/
Cùl-fhiosrachadh
Bidh dealbhan den tachartas rim faotainn bho dhealbhadair oifigeil Pàrlamaid na h-Alba Anndra Cowan ris am faodar conaltradh a dhèanamh air 0131 348 5878 no air post-dealain aig [email protected].
Is iad na 31 bun-sgoiltean Albannach an sàs ann an Euroquiz 2014:
- An Eaglais Bhreac – Bun-sgoil Bhantaskin
- Cathair Obar Dheathain – Bun-sgoil Chaitligeach an Naoimh Peadar
- Crìochan na h-Alba – Bun-sgoil a’ Mhaoil-Rois
- Dùn Deagh – Bun-sgoil Bharnhill
- Dùn Èideann – Bun-sgoil Bhruntsfield
- Dùn Phris agus Gall-ghàidhealaibh – Bun-sgoil Newington
- Earra Ghàidheal agus Eilean Bhòid – Bun-sgoil Hermitage
- Fìobha – Bun-sgoil Crossford
- Gàidhealtachd – Bun-sgoil a’ Chrùin (Inbhir Nis)
- Glaschu – Bun-sgoil na Croise Naoimhe
- Inbhir Chluaidh – Bun-sgoil an Naoimh Eòin
- Lodainn an Iar – Bun-sgoil an Naoimh Iòsaph (Gleann Iucha)
- Meadhan Lodainn – Bun-sgoil Bhonnyrigg
- Moireabh – Bun-sgoil Ghreenwards
- Na h-Eileanan Siar – Bun-sgoil Steòrnabhaigh
- Peairt agus Cinn Rois – Bun-sgoil Phort M’ Aodhaig
- Sealtainn – Bun-sgoil Tingwall
- Siorrachd Aonghais – Bun-sgoil Seaview
- Siorrachd Chlach Mhanainn – Bun-sgoil Mhenstrie
- Siorrachd Dhùn Breatainn an Ear – Bun-sgoil Bhaile Jaffray
- Siorrachd Dhùn Breatainn an Iar – Bun-sgoil Mhoire Dhùn Tòchair
- Siorrachd Inbhir Àir a Deas – Bun-sgoil Allmhaigh
- Siorrachd Inbhir Àir a Tuath – Bun-sgoil Mhoire (An Leargaidh Ghallta)
- Siorrachd Inbhir Àir an Ear – Bun-sgoil Chille Mhàra
- Siorrachd Lannraig a Deas – Bun-sgoil an Naoimh Leonard
- Siorrachd Lannraig a Tuath – Bun-sgoil Knowetop (Tobar na Màthar)
- Siorrachd Lodainn an Ear – Bun-sgoil Dhùn Barra
- Siorrachd Obar Dheathain – Bun-sgoil Chnoc a’ Bhaile Ùir
- Siorrachd Rinn Friù – Bun-sgoil Ualais
- Siorrachd Rinn Friù an Ear – Bun-sgoil Ghiffnock
- Sruighlea – Bun-sgoil Ailein
B’ e Bun-sgoil Cradlehall ann an Inverness a bhuannaich Euroquiz an-uiridh, le Bun-sgoil an Naoimh Leonard san dara h-àite agus Bun-sgoil nan Ceallan ann an Siorrachd Obar Dheathain san treas àite.
Faodaidh daoine a tha ag iarraidh a bhith an làthair aig na ceistean sealltainn bho ghailearaidh nam meadhanan ann an Seòmar-deasbaid na Pàrlamaid.
Is e a tha ann an Urras Foghlam Eòrpach na h-Alba carthannas clàraichte a chaidh a stèidheachadh ann an 1993 aig a bheil e mar amas foghlam mun Roinn Eòrpa a chur air adhart agus a bhrosnachadh aig sgoiltean, colaistean agus oilthighean air feadh na h-Alba.
Contact information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on:
