09.05.2014
Tha nithean bunaiteach ceangailte ri Bile farsaing aig a bheil mar amas ath-leasachadh a thoirt air modhan cùirtean catharra na h-Alba air a bhith air an ceasnachadh le Comataidh a’ Cheartais aig Pàrlamaid na h-Alba ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh (9 Cèitean).
Tha Bile Ath-leasachadh nan Cùirtean (Alba) a’ feuchainn ri atharrachaidhean mòra a dhèanamh air siostam cùirtean catharra na h-Alba an dèidh ath-bhreithneachaidh a chuir an cèill gun robh an siostam “slaodach, gun èifeachd agus cosgail”. Tha farsaingeachd cheuman sa Bhile, dreuchd ùr laghail de ‘shiorram aithghearr’ air a cruthachadh gus gnothach a ghabhail ri raon nas cumhainge de chùisean catharra agus eucorach agus cùirt air feadh na h-Alba a stèidheachadh gus gnothach a ghabhail a’ chiad ghreis ri cùisean mu leòn pearsanta nam measg.
Ann a bhith a’ cur fàilte air prionnsapalan coitcheann a’ Bhile, ge-tà, tha a’ Chomataidh air ceistean a thogail mu na molaidhean gus stairsneach an airgid airson gnìomh ann an cùirt an t-siorraim àrdachadh bho £5,000 gu £150,000.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Cairistìona Ghreumach BPA:
“Chan eil teagamh bhon fhianais a chuala sinn ach gu bheil feum air ath-leasachadh air siostam cùirtean catharra na h-Alba air a bhith ann o chionn fhada. Chan eil a’ Chomataidh againn cinnteach, ge-tà, gur leig e leas gun toir feadhainn de na ceuman sa Bhile gu buil mar a thathar an dòchas.
“Tha leasachadh air cothrom air ceartas na mhìr bunaiteach de Bhile Ath-leasachadh nan Cùirtean (Alba). Tha saoradh Cùirt an t-Seisein gus gnothach a ghabhail ris na cùisean as toinnte agus as truime na cheum air an rathad cheart. Ach thog àrdachadh stairsneach an airgid £5,000 gu £150,000 mar a thathar a’ moladh ceistean a bheil seo a’ dol thar na còrach.
“Chan e a-mhàin gun cumadh na h-ath-leasachaidhean seo srian ri cothrom air comhairle, ach tha ceistean ann mu chomas cùirtean an t-siorraim gnothach a ghabhail ris an àrdachadh air cùisean. Tha a’ Chomataidh againn a’ moladh gun gabh Riaghaltas na h-Alba beachd dha-rìribh air ìsleachadh ìre an airgid.”
Am measg nan ceuman eile san aithisg tha:
-
Chuir a’ Chomataidh fàilte air a’ mholadh gus Cùirt-tagraidh Shiorraman a chruthachadh air feadh na dùthcha seach gum bu chòir gun tig barrachd èifeachdalachd aiste ach tha i den bheachd gum bu chòir gum faigheadh gach tagradh èisteachd bho phrìomh shiorraman seach bho shiorraman seach gum biodh buaidh air an cuid breitheanais air feadh na h-Alba.
-
Chuala a’ Chomataidh fianais mun àite bhunaiteach a bhios aig siorraman urramach ann a bhith a’ dèiligeadh ri gnothach ann an èiginn ann an sgìrean dùthchail far nach eil cothrom air siorram. Ged a tha i ag aontachadh gum bu chòir cur às do dhreuchd an t-siorraim urramaich, tha a’ Chomataidh ag iarraidh dearbhaidh nach fhuiling sgìrean dùthchail is iomallach droch bhuaidh leis a’ cho-dhùnadh seo.
- Tha a’ Chomataidh a’ cur fàilte air a’ mholadh gun tèid cùirt shònraichte mu leòn pearsanta a stèidheachadh mar chuid de na ceuman gus a dhèanamh cinnteach gum faigh cùisean èisteachd anns na cùirtean as iomchaidhe. Bha ceist mu chomas na cùirt ùire, ge-tà, agus mhol a’ Chomataidh mar sin gun tèid a’ chùirt mu leòn pearsanta a stèidheachadh mus tèid an ìre ùr de dh’uachdranas-calla a thoirt a-steach.
- Tha a’ Chomataidh den bheachd, mun cheist am bu chòir gum biodh an ìre de dh’uachdranas-calla mar an ceudna ri cùisean mu leòn pearsanta agus cùisean malairteach, gu bheil a’ cheist mu chùirt mhalairteach air feadh na h-Alba airidh air barrachd beachdachaidh.
Cùl-fhiosrachadh
Agus e air a thoirt a-steach anns a’ Ghearran 2014, tha Bile Ath-leasachadh nan Cùirtean (Alba) air molaidhean Ath-bhreithneachadh Cùirtean Catharra na h-Alba air a stiùireadh leis a’ Mhorair Gill agus air fhoillseachadh ann an 2010 a thoirt gu buil ann an seagh farsaing. Thàinig an t-Ath-bhreithneachadh sin chun a’ cho-dhùnaidh gu bheil cùirtean catharra na h-Alba a’ toirt seirbhis don phoball a tha “slaodach, gun èifeachd agus cosgail” agus mhol e gum feumar siostam nan cùirtean ath-leasachadh an dà chuid a thaobh cruth agus a chuid obrach”.
Ghabh a’ Chomataidh fianais air a’ Bhile bho fharsaingeachd de luchd-fianais, buidhnean-ceartais, buidhnean fhuilingichean, aonaidhean agus eòlaichean air còraichean daonna, leòn pearsanta, lagh an teaghlaich, imrich-a-steach agus ceistean àrainneachd, agus bhon Mhorair Uachdrach, am Prìomh Shiorram Seumas Mac an Tàilleir.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu bheachdachadh na Comataidh air a’ Bhile air duilleagan-lìn na Comataidh:
http://www.pàrlamaid.na.h-alba.ra/gnothachpàrlamaideach/Comataidhean An-dràsta/73253.aspx
Contact information
Media information
Committee information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on:
