Pàighidhean airson Neo-eisimeileachd Pearsanta (PIP)—Comataidh ag iarraidh a chluinntinn bho thagraichean.

13.05.2014

Thig Pàighidhean airson Neo-eisimeileachd Pearsanta (PIP) fon phrosbaig mar phàirt de sgrùdadh pàrlamaideach an dèidh do Chomataidh Ath-leasachaidh Shochairean ann am Pàrlamaid na h-Alba sgrùdadh a chur air bhog air an t-sreath mu dheireadh de dh’atharrachaidhean a tha air tighinn do shiostam nan sochairean.

Airson tagraidhean ùra, thàinig na pàighidhean a-staigh an àite a’ Chuibhreann Chiorraim (DLA) air 10 Ògmhios 2013. Bho chionn Damhair 2013, ann an cuid a dh’àiteachan ann an Alba, tha tagraichean a tha cheana air DLA gan cur a-null gu PIP an dèidh measadh ùr air a bhith a dhèanamh orra. 

Faodaidh daoine a tha eadar 16 is 64 tagradh a chur a-steach airson PIP gus an cuideachadh leis na cosgaisean a bharrachd a tha ceangailte ri ciorramachd no droch shlàinte leantainneach. An-diugh, tha Comataidh Ath-leasachaidh Shochairean a’ meudachadh na h-iomairt soirbheachail aca, Your Say’, gus aire a thoirt air an dòigh san deach daoine a dhèiligeadh ris airson PIP. Tha an iomairt seo ga cur air bhog air an aon latha ’s a tha an cunnradair, Salus, aig a bheil dleastanas airson a’ phròiseis PIP ann an iomadh pàirt de dh’Alba, a’ toirt fianais don Chomataidh air mar a thathas a’ faireachdainn ciamar a tha an t-atharrachadh bho DLA gu PIP a’ dol. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Mìcheal MacMhathain (McMahon) BPA: 

“Mus do thòisich iad air a’ chùmhnant seo, thug Salus gealladh dhuinn gun toireadh iad a-steach don phròiseas PIP an cleachdadh as fhèarr bhon NHS  a thaobh cùram far a bheil an t-euslainteach fhèin aig an teas-mheadhan. Tha ùidh aig a’ Chomataidh againn ann a bhith a’ cluinntinn bho dhaoine air mar a tha an gnothach air a bhith ag obair. Tha sinn cuideachd, ge-tà, airson cluinntinn bho na tagraichean fhèin a tha a’ dol tron t-siostam an-dràsta gus faighinn a-mach dè tha iadsan a’ smaointinn air mar a tha e air a bhith ag obrachadh. 

Ann a bhith a’ faighneachd dhiusan aig a bheil fèin-fhiosrachadh air PIP bruidhinn rinn, tha sinn an dòchas gun tèid againn solas a dheàrrsadh air dè seòrsa beatha da-rìribh a tha aig mòran tagraichean ciorramach. Anns na seiseanan-fianais a tha air a bhith againn air cìs an t-seòmair-leapa, am measadh air “comas airson obair” agus na peanasan shochairean, tha sinn cheana air fhaicinn gu bheil tagraichean shochairean a’ faireachdainn gu bheil iadsan a’ fulang. Tha mi an dòchas nach bi am fianais a bhios sinn a’ faighinn air PIP a’ taisbeanadh an aon dìth urraim, ach tha eagal orm nach eil an dòchas seo ach faoin.” 

Thuirt Leas Neach-gairm na Comataidh Jamie Hepburn BPA: 

“Tha na cùnntasan pearsanta a chuala a’ Chomataidh mar phàirt den iomairt againn Your Say’ air buaidh mhòr a thoirt air a’ phoball agus air luchd-poilitigs maraon. Thàinig aon rud ann am follais glè làidir agus ’se sin a’ bhuaidh mhì-chuimseach a tha a’ tighinn bho na poileasaidhean seo air daoine a tha ciorramach. 

“Tha sinn glè thaingeil do na daoine a tha air a bhith treun gu leòr airson bruidhinn rinn gu ruige seo—gnìomh a tha a’ toirt misneach do dhaoine, agus a tha mòran air a bhith deònach a dhèanamh ann an dòchas gun dèanar atharrachaidhean ris an t-siostam. Tha sinn a’ faighneachd gum bi barrachd dhaoine a’ bruidhinn rinn gus am faic sinn an fhìrinn mu dheidhinn an dòigh anns a bheil ath-leasachadh shochairean leithid PIP a’ toirt buaidh air daoine ciorramach air feadh na h-Alba.” 

Thathar a’ toirt cuireadh dhaibhsan a tha air chur a-steach airson Pàigheadh airson Neo-eisimeileachd Pearsanta innse don Chomataidh ciamar a chaidh dhaibh. Tha an cuireadh seo fosgailte do thagraichean ùra agus tagraichean a tha ag atharrachadh bho Chuibhreann Ciorraim (DLA) a bharrachd air daoine fa leth agus buidhnean a tha a’ cuideachadh thagraichean PIP.  Faodaidh am fianais a bhith air pàirt sam bith den phròiseas, leithid:

      am foirm-tagraidh airson PIP; 

      am pròiseas airson measadh dhaoine airson PIP, mar eisimpleir an t-àit san deach am measadh agad a dhèanamh; 

      an co-dhùnadh aig Roinn na h-Obrach ’s nam Peinnsean air an tagradh agad agus an dìol-airgid fo PIP. 

Thathar an dùil gum bi na seiseanan-fianais a’ tachairt anns an t-fhoghar. 

Mas toil leat, cuir am fiosrachadh agad ann am post-dealain do Chomataidh Ath-leasachaidh Shochairean aig [email protected]. Faodar freagairtean air pàipear a bhith air a chur gu: Comataidh Ath-leasachaidh Shochairean, TG.01, Pàrlamaid na h-Alba, Dùn Èideann, EH99 1SP. 

Cùl-fhiosrachadh 

Mar phàirt den NHS, tha Salus ag obair tarsainn an raoin phoblaich agus an raoin phrìobhaidich gus seirbheisean a lìbhrigeadh anns an àite-obrach a thaobh slàinte is sàbhailteachd agus daoine a’ tilleadh a dh’obair. ’Se an t-seirbheis ioma-chuspair as motha anns an NHS agus tha e ag obrachadh a rèir modail gnothachas sòisealta. Fhuair Salus an coimisean a lìbhrigeadh nam measaidhean PIP mar phàirt de na h-atharrachaidean a chaidh a dhèanamh o chionn ghoirid do shochairean sòisealta. Thathar a’ dèanamh tuairmse gun tèid mu 325,000 measaidhean a dhèanamh eadar 2013 is 2017.

Tha goireasan agallamh aig Salus ann an Glaschu, Dùn Èideann, Hamilton, Inbhir Àir, Dùn Phris, an t-Sròn Reamhar agus Tràigh a’ Chaisteil. Airson sgìrean eile ann an Alba taobh a-muigh nan àiteachan sin, ’s ann air Atos Healthcare agus compàirtichean eile a tha an dleastanas a’ laighe.

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • [email protected]
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.