14.05.2014
Leanaidh sgrùdadh air àite Alba neo-eisimeilich san t-saoghal leis a’ Chomataidh airson Dàimhean Eòrpach is Cùisean Taobh a-muigh Diardaoin. Tha planaichean mu In-imrich agus comraich, oifisean eadar-nàiseanta thall thairis, smachd chrìochan agus ballrachd Buidheann Chunnradh a’ Chuain Shiair a Tuath (BCCST / NATO) uile mar phàirt de bheachdachadh na Comataidh air an inbhe a tha san amharc do dh’ Alba san Roinn Eòrpa san àm ri teachd.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Cairistìona Nic Shealbhaich BPA:
“Cha mhòr còig mìosan air ais thòisich sinn rannsachadh air molaidhean Riaghaltas na h-Alba airson Alba neo-eisimeilich. Ri linn seo, tha e air fàs soilleir dhuinn gun robh muinntir na h-Alba ag iarraidh barrachd fiosrachaidh fhathast mu chuid de na ceistean ris an robh sinn a’ buintinn mus caitheadh iad an bhòt.
“Tha fios againn gu bheil in-imrich, smachd chrìochan, ballrachd BCCST agus mar a bhiodh Alba ga riochdachadh is ga cur fhèin air adhart thall thairis glè chudromach don luchd-bhòtaidh. Mar sin tha sinn a’ toirt còmhla tuilleadh luchd-eòlais gus sgrùdadh a dhèanamh air na cuspairean seo. Tha sinn ag iarraidh gun gluais an deasbad air adhart ’s daoine a chuideachadh tuigsinn cuid de na ceistean a dh’fhaodadh èirigh gu h-eadar-nàiseanta ’s aig an taigh ri linn an co-dhùnaidh air 18 Sultainn.”
Thuirt Leas-neach-gairm na Comataidh, Hanzala Malik BPA:
“Nam b’ e ’s gun bhòtadh Alba airson neo-eisimeileachd, bidh buaidh mhòr aig mar a bhios Alba ag iarraidh i fhèin a ghiùlan air àrd-ùrlar an t-saoghail air ar n-eaconamaidh ’s air ar comann-dhaoine. Chan eil e ach ceart gun cuir ar Comataidh barrachd ùine seachad gus na cuspairean cudromach seo a rannsachadh.
“Ged is dòcha nach aontaicheadh ar Comataidh a thaobh ciamar a bu chòir bhòtadh air 18 Sultainn, tha sinn uile aona-ghuthach gur e ar ròl cuideachadh a thoirt do dhaoine a chor is gum bi iad làn-fhiosrachail nam beachdan mu bhuaidh molaidhean Riaghaltas na h-Alba mus caith iad bhòt. Tha mi cinnteach gum bi na chuireas an luchd-eòlais a bheir sinn a-steach ris a’ chùis glè fheumail.”
Nì an seisean fianais a bhios air bhonn an-diugh rannsachadh air ceistean a bhuineas ri saoranachd is in-imirce, cho math ri smachd chrìochan is comraich. Nan suidhe aig a’ bhòrd chruinn, bidh:
- An t-Oll. Robert Wright, Roinn nan Gnothaichean Eaconamach, Oilthigh Shrath Chluaidh;
- Gary Christie, Àrd-oifigear an Gnìomh, Comhairle Luchd-tearmainn na h-Alba;
- An t-Oll. Alison Phipps agus Sarah Craig, Co-luchd-gairm, Lìonra Imrich is Comraich Luchd-tearmainn Ghlaschu (LICLG);
- Peter Grady, Oifigear Laghail, Oifis Àrd-choimiseanair nan Dùthchannan Aonaichte airson Luchd-tearmainn (OADAL) (Neach-riochdachaidh na Rìoghachd Aonaichte);
- Clarissa Azkoul, Ceannard Misein, Buidheann Eadar-nàiseanta airson Imrich (BEI) na RA.
Air 1 Cèitean, bha am fòcas air poileasaidh Alba neo-eisimeilich a thaobh leasachaidh eadar-nàiseanta, rud a rannsaich cobhair, saoradh fhiachaibh agus rùn dealasach a thaobh poileasaidh ‘na dèan cron’ (a’ cur an cèill nach biodh obair an Riaghaltais a’ lagachadh amasan eadar-nàiseanta a thaobh leasachaidh agus gum biodh iad, aig a’ char is fheàrr, a’ cur ri soirbheas leasachaidh gu h-eadar-nàiseanta). (Seo ceangal ri aithris oifigeil: http://www.pàrlamaidnahalba.ra/gnothaicheannapàrlamaid/28862.aspx?r=9146&mode=pdf)
Air 12 Ògmhios, bithear a’ dìreadh air poileasaidhean eadar-nàiseanta, nam measg ballrachd bhuidhnean eadar-nàiseanta, cudrom còraichean a’ chinne-daonna agus dol an glaic ri atharrachadh sìde. Cuideachd, nì a’ Chomataidh rannsachadh air ceistean mu riochdachadh na h-Alba thall thairis, a’ toirt a-steach ambasaidean, agus mar a chaidh le dùthchannan beaga eile ann a bhith ag obair còmhla.
Air 26 Ògmhios, cluinnidh a’ Chomataidh o Riaghaltas na h-Alba mu na ceistean a chaidh a thogail ri linn nan seiseanan fianais.
Tha a h-uile seisean fosgailte don mhòr-shluagh agus thèid an sgaoileadh air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba. Gus cumail an conaltradh ri gnothaichean na Comataidh, faodar iad a leantainn air Twitter @SP_Europe
Contact information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on:
