23.05.2014
Tha rannsachadh Chomataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh a-muigh gus sgrùdadh a dhèanamh air molaidhean Riaghaltas na h-Alba mu bhallrachd Alba neo-eisimeileach de dh’Aonadh na h-Eòrpa, mar a chaidh a mhìneachadh ann an “Scotland’s Future” agus “Scotland in the European Union”, ga fhoillseachadh an-diugh.
Chuir an rannsachadh roimhe na ceistean mu bhallrachd Alba neo-eisimeileach den Aonadh a sgrùdadh a rèir nan cuspairean a leanas:
- Alba ann an Aonadh na h-Eòrpa
- An t-slighe gu ballrachd agus riochdachadh Alba san Aonadh
- Stàitean beaga san Aonadh
Tha an aithisg ga foillseachadh an dèidh cha mhòr còig mìosan de ghabhail fianais nuair a thug còrr is 30 de luchd-fianais cha mhòr 16 uairean a thìde de dh’fhianais seachad.
Cùl-fhiosrachadh
Am broinn rannsachadh na Comataidh tha ceanglaichean ris an fhianais air fad agus ri aithisgean oifigeil nan coinneamhan a chumadh mar chuid den rannsachadh seo. Gheibhear cothrom air an aithisg gu lèir tron cheangal seo cuideachd.
http://www.pàrlamaid.na.h-alba.ra/gnothachpàrlamaideach/ComataidheanAn-dràsta/70496.aspx
Faodaidh sibh a’ Chomataidh a leantainn air Truitrich @SP_Europe
Contact information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on:
