28.05.2014
Chaidh iarraidh a chur a-mach an-diugh (28 Cèitean) air beachdan air Bile Sgrìobhainnean Laghail (Co-phàirtean is Lìbhrigeadh) (Alba) le Comataidh Cumhachdan Tiomnaichte is Ath-leasachadh Laghan.
Bidh a’ Chomataidh a’ dèanamh sgrùdadh air a’ Bhile thar nam mìosan ri teachd. Tha am Bile:
- A’ dèanamh soilleir gun gabh sgrìobhainn a tha ri comharradh le dhà bhuidheann no barrachd “a chur an gnìomh ann an co-phàirt”, no gum faod gach buidheann ainm a chur ris an lethbhreac aca fhèin den sgrìobhainn, ’s gun tèid seo a lìbhrigeadh don bhuidheann eile (no do neach a chuireas iad air adhart);
- A’ ceadachadh lìbhrigeadh sgrìobhainnean laghail air pàipear air mhodh dealanach, rud a tha a’ ciallachadh gum bi an sgrìobhainn sin laghail air dhi bhith air a lìbhrigeadh.
’S e am Bile a’ chiad Bhile aig Coimisean Lagh na h-Alba a thèid cur fo aire na Comataidh o dh’atharraich raon-ùghdarrais na Comataidh san Ògmhios 2013. Chaidh am pròiseas ùr seo a chur an-sàs gus ràta cur-an-gnìomh aithisgean Coimisean Lagh na h-Alba a chur am feabhas.
Thuirt Neach-gairm Comataidh nan Cumhachdan Tiomnaichte is Ath-leasachadh Laghan, Nigel Don BPA:
“Aig an àm chuir mi fàilte air an atharrachadh nar raon-ùghdarrais a chuir nar comas mar Chomataidh beachdachadh air Bilean Coimisean Lagh na h-Alba, agus tha mi toilichte faicinn gu bheil a’ chiad Bhile air nochdadh fon phròiseas ùr seo.
“Mar Chomataidh nì sinn deuchainn a thaobh buaidh an reachdais seo agus beachdachadh air co-dhiù am bi an modh-obrach a chleachdas sinn mar bhuannachd do shiostam lagha na h-Alba gus nach bi.
“Tha a’ Chomataidh ag iarraidh beachdan fhaotainn san fharsaingeachd, ach cuideachd gu sònraichte o luchd-lagha, oir bidh buaidh dhìreach aig an reachdas seo air mar a nì iad an cuid obrach.”
Gu sònraichte, tha a’ Chomataidh ag iarraidh bheachdan air:
- Dè a tha math ’s nach eil math mu mhodh-gabhail a’ Bhile? A bheil ullachaidhean sam bith sa Bhile a bu chòir a bhith ann, nur beachd?
- Ciamar a nì am Bile leasachadh air pròiseas cur-an-gnìomh sgrìobhainnean laghail na h-Alba?
- An e ur beachd gun adhbhraich am Bile meudachadh Laghan na h-Alba gus riaghladh a dhèanamh air gnothaichean?
- Dè dh’fhaodadh tachairt a thaobh ionmhas an lùib a’ Bhile?
- A bheil ceistean a thaobh co-ionnanachd ceangailte ris a’ Bhile?
- Dè ur beachd air na dh’fhaodadh tachairt a thaobh na h-àrainneachd mar bhuil air a’ Bhile?
Cùl-fhiosrachadh
Gus fios is fianais a chur thugainn, seòlaibh post-d gu [email protected] ro 6f air Diluain 14 Iuchar.
Contact information
Media information
Committee information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: