12.06.2014
Chuireadh fàilte air ceuman a tha ag amas air na dh’fhaodadh a bhith an dàn do dh’àrainneachd eachdraidheil na h-Alba fhuasgladh an-diugh le Comataidh Foghlam is Cultar aig Pàrlamaid na h-Alba.
Agus iad a’ beachdachadh air Bile Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba , chuala a’ Chomataidh gun robh ath-leasachadh den roinn a bhuineas ri seo riatanach gus dèanamh cinnteach gum bithear a’ leantainn air a bhith ga glèidheadh gu h-iomchaidh air sgàth nan ginealachdan ri teachd. Chaidh am Bile fhoillseachadh mar aon ri “Ar n-Àite ann an Tìm”, ciad ro-innleachd àrainneachd eachdraidheil na h-Alba.
’S e amas a’ Bhile ach buidheann-stiùiridh ùr a chruthachadh do dh’àrainneachd eachdraidheil na h-Alba. Gidheadh, tha a’ Chomataidh ag iarraidh barantas gum bi ceistean agus co-dhùnaidhean ionadaile sam bith fhathast air an toirt fa-near agus na goireasan eachdraidheil seo fo stiùir.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Stiùbhart Maxwell BPA :
“Chuala sinn fianais mun ròl chudromach a th’ aig an àrainneachd eachdraidheil nar beatha. Is ceangail i ri latha a dh’aom agus cuidichidh i ann a bhith a’ cruthachadh ar dearbh-aithne cultarach ’s mar sin tha e glè chudromach gun tèid a glèidheadh air sgàth nan ginealachdan ri teachd.
“Agus sinn ann an Arcaibh mar phàirt de bheachdachadh a’ Bhile, chunnaic sinn sa chiad dol-a-mach an deagh bhuaidh a dh’fhaodas a bhith aig na làraichean seo air coimhearsnachdan, an dà chuid a thaobh turasachd agus dearbh-aithne ionadail.
“Tha àiteachan coltach ri Skara Brae, chan ann a-mhàin alainn, ach cuideachd mar mheadhan-teagaisg dhuinn a thaobh saidhbhreas linntean àrsaidh na h-Alba agus nì iad ceangal mu cò sinn is carson. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gun toir co-dhùnaidhean mu làraichean leithid seo fa-near do cheistean ionadaile agus do phròiseas ionadail nan co-dhùnaidhean sin.”
Ann a bhith a’ stèidheachadh Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba, nì am Bile coimeasgadh de dh’obair Alba Aosmhoir agus obair Coimisean Rìoghail nan Làraichean Àrsaidh is Eachdraidheil an Alba. Chuir a’ Chomataidh fàilte air na buannachdan a tha san amharc leis a’ choimeasgadh seo ach dh’aontaich iad cuideachd gun cumadh iad sùil air cùisean ach an dèan iad cinnteach gu bheil leasachaidhean da-rìribh a’ tachairt.
Chuala a’ Chomataidh draghan mu dè cho mòr ’s a bhios raon-ùghdarrais na buidhne ùir a thaobh rannsachadh, glèidheadh is cur-air-adhart àrainneachd eachdraidheil na h-Alba agus mu stiùir sam bith a bhios ann taobh a-staigh den roinn. Dh’aontaich a’ Chomataidh gum bu chòir ròl na buidhne ùir a bhith air a mhìneachadh cho soilleir ’s a ghabhas fhad ’s a tha pròiseas a’ Bhile a’ dol air adhart agus thairis air.
Molaidhean eile a tha san aithisg:
- Bu chòir Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gum bi co-thuigse eadar a h-uile neach is buidheann a tha an-sàs sa chùis a thaobh ciall an ainm “àrainneachd eachdraidheil” fhad ’s a bhios am Bile agus an ro-innleachd a bhuineas ri seo air an cur an gnìomh.
- Bu chòir innleachd nan cosgaisean càraidh a thaobh “cuid-sheilbh fo chùram” a bhith air a dèanamh nas soilleire. Chan eilear cinnteach am bi seo fo uallach Riaghaltas na h-Alba, Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba neo iadsan leis a bheil a’ chuid-sheilbh.
- Bu chòir Riaghaltas na h-Alba an com-pàirteachas eadar am bòrd a bhios a’ cur air adhart ro-innleachd na h-àrainneachd eachdraidheil agus bòrd Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba a dhèanamh soilleir a chor ’s gun dèanar cinnteach gum bi an dà bhòrd ag obrachadh còmhla gu h-èifeachdach.
- Bu chòir Riaghaltas na h-Alba barrachd mìneachaidh a dhèanamh air na dh’fhaodadh a bhith an dàn an lùib neo-eisimeileachd glèidhteachais Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba.
Cùl-fhiosrachadh
Air a thoirt a-steach am Màirt 2014, tha Bile Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba ag amas air buidheann ùr a chur air bhonn gus àrainneachd eachdraidheil na h-Alba a rannsachadh, a ghlèidheadh agus a chur air adhart. Chaidh am Bile fhoillseachadh mar aon ri “Ar n-Àite ann an Tim”, ciad ro-innleachd na h-Alba a thaobh na h-àrainneachd eachdraidheil.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu bheachdachadh na Comataidh air a’ Bhile air làrach-lìn na Comataidh:
http://www.pàrlamaidnahalba.ra/gnothaicheannapàrlamad/ComataidheanAnCeartuair/74063.aspx
Contact information
Media information
Committee information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on:
