10.08.2014
Thig ceannardan cultarail a’ riochdachadh còrr is 30 dùthchannan air feadh an t-saoghail cruinn còmhla an-diugh aig Pàrlamaid na h-Alba air a’ chiad latha de Thional Cultair Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann.
Ri linn a’ Chruinneachaidh fad trì latha, nì Ministearan ri Cultar deasbad air ceistean an lùib a’ chuspair: ‘Cultar agus Earbsa’.
Labhraidh eòlaichean eadar-nàiseanta ann an raon a’ chultair ri riochdairean aig a’ Chruinneachadh, an gràdhaiche-daonna is neach-gnìomhachais Nandi Mandela (ogha Nelson Mandela) agus Irina Bokova, Àrd-stiùiriche UNESCO, nam measg.
Cluichidh luchd-ealain air a bheil cliù air feadh na cruinne aig a’ Chruinneachadh cuideachd, luchd-oirfideis Spàinnteach agus Afraganach a’ Chinn a Deas, Jordi Savall le luchd-ciùil Hespèrion XXI agus an còmhlan-seinn soirbheachail gun innealan Ladysmith Black Mambazo.
Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, am Fìor Urr. Tricia Marwick BPA:
“Tha e na urram do Phàrlamaid na h-Alba fàilte a chur air ceannardan ri cultar air feadh an t-saoghail don dara Cruinneachadh Cultair Eadar-nàiseanta ann an Dùn Èideann. Tha an Cruinneachadh seo mu thoirt cultair agus poilitigs còmhla, a’ cleachdadh cultair mar dhòigh gus dol an sàs ann an deasbad agus beachdan a sgaoileadh air càch-a-chèile.
“Aig Pàrlamaid na h-Alba tha sinn gu math eòlach air seo. Tha sinn a’ cur ar taice ri cultar mar dhòigh gus daoine a thoirt a-steach don Phàrlamaid agus an toirt a-steach anns a’ mhodh-obrach phoilitigeach, biodh e le Grèis-bhrat Mòr na h-Alba no taisbeanadh Andy Warhol againn.
“Tha fiughair agam ri bhith a’ dol sa chathair air deasbad a bhios, tha fios, cruthachail, na thogail-inntinn agus na shoillseachadh”.
Cùl-fhiosrachadh
Thèid na seiseanan poblach a chraoladh beò air làrach-lìn na Pàrlamaid.
1. Tha Cruinneachadh Cultair Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann na cho-obrachadh eadar Comhairle Bhreatainn, Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann, Riaghaltas na h-Alba, Pàrlamaid na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.
2. Tha www.culturesummit.com a’ toirt fios do riochdairean, luchd-tadhail agus dhaibhsan air fad aig a bheil ùidh mu phoileasaidhean ealain agus cultair. Tha e cuideachd a’ cumail bheachdan ann an sgrìobhadh bho luchd-cultair air feadh an t-saoghail, agus sruthadh beò bhideothan.
3. Is e cuspair a’ Chruinneachaidh am-bliadhna ‘Cultar agus Earbsa’, a’ nochdadh beachd Cruinneachadh 2014 anns a’ chomas aig cultar agus na h-ealainean san latha a tha ann an-diugh tuigse air càch-a-chèile a chruthachadh eadar dùthchannan agus saoranaich.
4. Sa chlàr am-bliadhna, thèid seiseanan slàna a chumail ann an Seòmar Deasbaid Pàrlamaid na h-Alba agus iad fosgailte don phoball, agus deasbaireachd mhionaideach air poileasaidh an lùib nan trì cuspairean seo ceangailte ri chèile:
• Luach agus Tomhas: na prionnsapalan an lùib luachadh cultar agus mar a ghabhas an luach sin tomhas.
• Na Bailtean-mòra agus Cultar: àite nam bailtean-mòra gus tionnsgalachd chultarail àrach.
• Tagradh agus Ìomhaigh: mar as fheàrr a ghabhas cultar agus eugsamhlachd chultarail cumail, cur air adhart agus dìon.
Contact information
For
media access and accreditation call:
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: