Molaidhean mu chìsean tiomnaichte gu bhith air an sgrùdadh

14.08.2014

Tha a’ bhuaidh a bhios aig dòigh-dèiligidh Riaghaltas na h-Alba a thaobh cìsean tiomnaichte air margadh na seilbhe agus air an eaconamaidh san fharsaingeachd gu bhith air a sgrùdadh le Comataidh an Ionmhais aig Pàrlamaid na h-Alba agus i a’ tòiseachadh air sgrùdadh a dhèanamh air an dreachd de bhuidseat 2015 gu 2016.

San dreachd den bhuidseat, a tha gu bhith air a thoirt a-steach tràth san Dàmhair, bidh molaidhean am-bliadhna mu shocrachadh inbhean agus ìrean airson nan cìsean tiomnaichte, Cìs Tar-ghnìomh Fearainn agus Thogalaichean (Land and Buildings Transaction Tax) nam measg. Tha a’ Chomataidh air gairm airson fianaise a chur a-mach an-diugh (14 Lùnastal) gus beachdan fhaighinn air na molaidhean seo agus a’ bhuaidh as coltaiche a bhios air margadh na seilbhe agus air an eaconamaidh san fharsaingeachd.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Coinneach Gibson BPA:

“Airson a' chiad turais, tha an dreachd a’ bhuidseit gu bhith a' cur molaidhean adhart mu shuidheachadh nan ìrean airson nan cìsean tiomnaichte. Tha e cudromach gun gabh sinn an cothrom fhad is a tha sinn a’ sgrùdadh a’ bhuidseit sgrùdadh a dhèanamh air buaidh nam molaidhean seo agus na bhios seo a’ ciallachadh do mhargadh na seilbhe agus don eaconamaidh ann an Alba.

“Tha fios gum bi toirt a-steach Cìs Tar-ghnìomh Fearainn agus Thogalaichean cudromach fhèin do mhargadh na seilbhe ann an Alba. Tha sinn ag iarraidh cluinntinn an obraich molaidhean Riaghaltas na h-Alba ann an gnìomh agus an cruthaich an suidheachadh a thathar a’ moladh an siostam-cìse adhartach a tha a dhìth.”  

Gabhaidh a’ Chomataidh fianais cuideachd air dreachd nam planaichean mu iasadan am broinn dreachd buidseat 2015 gu 2016 agus nì i sgrùdadh air cia mheud iasadan a thèid a thasgadh agus mar a chuidicheas seo gus toraidhean Riaghaltas na h-Alba a thoirt gu buil.

Mar thaic ri sgrùdadh na Comataidh air dreachd a’ bhuidseit, chuireadh a’ Chomataidh fàilte air beachdan air:

 

  • an starsach airson prìs-ceannachd bann ìre neoni airson thogalaichean an dà chuid nan ionadan-còmhnaidhe agus gun a bhith; an ìre airson nam bannan-cìse eile;
  • am bu chòir gum biodh barrachd no nas lugha de bhanna ann agus, mas e gum bu chòir, ìre nam bannan-cìse a bharrachd; 
  • am bu chòir na h-ìrean agus na bannan a shuidheachadh gus nach dèan toirt a-steach na cìse ùire an àite Cìs-fearainn Càin-stampaichean diofar sam bith san fharsaingeachd a thaobh ionmhais;
  • moladh Riaghaltas na h-Alba gun tèid ìre as àirde nas ìsle a thoirt a-steach airson seilbhe far nach eilear a’ fuireach seach airson ionadan-còmhnaidhe.

 

Cùl-fhiosrachadh

Tha Achd Cìs Tar-ghnìomh Fearainn agus Thogalaichean (Alba) air ullachadh a dhèanamh airson structar cìse adhartach co-rèireach airson an dà chuid tar-ghnìomhan seilbhe far a bheilear agus nach eilear a’ gabhail còmhnaidhe. Tha seo a’ toirt leis banna ìre neoni agus dà bhanna eile air a’ char as lugha. 

Nochd Riaghaltas na h-Alba eisimpleirean de shuidheachaidhean anns an sgrìobhainn-chomhairleachaidh aige, Taking Forward a Scottish Land and Buildings Transaction Tax (http://www.scotland.gov.uk/Resource/0039/00394544.pdf).

Tha gairm na Comataidh airson fianaise fosgailte gu Dihaoine 24 Dàmhair 2014.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh air cur a-steach fianais don Chomataidh air duilleag-lìn na Comataidh.

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/73907.aspx

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

 Fios comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • [email protected]
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.