Bu chòir clàr coiteachaidh a bhith air a chur air chois, canaidh Comataidh

06.02.2015

Bu chòir clàr coiteachaidh a bhith air a chur air chois a rèir aithisg a dh’fhoillsicheadh an-diugh (6 Gearran) le Comataidh Inbhean, Dòighean-obrach is Cur-an-dreuchd Poblach aig Pàrlamaid na h-Alba.

 

 

 

 

 

 

 

Dhèanadh an clàr a thathar a’ moladh fiosrachadh mu dheidhinn coiteachaidh a thaobh co-dhùnadh sam bith a nì a’ Phàrlamaid agus an Riaghaltas na bu shoilleire agus na bu ruigsinniche don mhòr-shluagh.

Dhèiligeadh an clàr a tha san amharc ri coiteachadh ‘brìghmhor’. ‘S e seo far a bheil buidhnean a’ dol an conaltradh leantainneach ri luchd-poilitigs neo far a bheil buidhnean a’ cosg ìre mhòr de dh’airgead air fastadh luchd-obrach a chor is gun toirear buaidh air luchd-poilitigs.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Stiùbhart Stevenson BPA:

“Tha coiteachadh mar phàirt laghail, luachmhor is riatanach de dheagh dheamocrasaidh. Mar is motha de bheachdan a thèid a-steach don Phàrlamaid is don Riaghaltas, 's ann nas fiosraichte a bhios sinn agus sinn ri co-dhùnaidhean is sgrùdaidhean. Ach feumaidh Pàrlamaid a tha air a stèidheachadh air fosgarrachd oidhirp a dhèanamh air faighinn a-mach gu soilleir cò a tha ri coiteachadh, dè na ceistean aca agus carson.

“Tha sinn mothachail air gach cur-a-steach luachmhor a nì a h-uile earrann ann an Alba agus chan eilear a’ moladh dad a bheireadh buaidh air seo.”

Dh’ainmich Riaghaltas na h-Alba ann an Òg-mhios 2013 gun robh e nam beachd reachdas a chur an cèill a thaobh ceist a’ choiteachaidh, agus tha a’ Chomataidh a’ moladh gun cuir an Riaghaltas feum air na molaidhean acasan mar bhunait don reachdas seo.

Lean Stiùbhart Stevenson air:

“Riamh o chuir an Riaghaltas an cèill gun dèanadh iad rudeigin mu reachdas a’ choiteachaidh, tha iad air dèanamh soilleir gum bu chòir ròl aig meadhan a' ghnothaich a bhith aig a’ Phàrlamaid ann a bhith a’ cruthachadh poileasaidh mu seo. Tha a’ Chomataidh aona-ghuthach gum molar atharrachadh, agus chaidh na molaidhean aca a bheachdachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil iad practigeach agus gun cus biùrocrasaidh a bhith a’ buintinn riutha.

“Cuideachd, leis na molaidhean seo thathar a dh’aona ghnothach a’ faighinn cuidhteas dòigh-obrach reachdas coiteachaidh na RA. Rachadh clàr Albannach fada seachad air mion-fhiosrachadh mu luchd-coiteachaidh; dhèanadh e mion-chunntas air dè seòrsa coiteachadh a bhiodh a’ gabhail àite. Cuideachd, dhèiligeadh e ri luchd-coiteachadh in-taigh a bharrachd air luchd-comhairleachaidh air an taobh a-muigh. Tha sinne ag iarraidh gun clàraich buidhnean a rèir dè nì iad agus chan ann air cò iad.”

Cùl-sgeul

Ann an Cèitean 2013, chuir Niall MacFhionnlaidh BPA moladh deireannach air adhart mu cheist a’ choiteachaidh. Bha gun do dh’ainmich Riaghaltas na h-Alba gun toireadh iad a-steach reachdas air a’ chuspair a’ ciallachadh nach gabhadh bile a’ bhuill a thoirt a-steach tuilleadh.

B’ e raon-ùghdarrais rannsachadh na Comataidh:

“Sgrùdadh a dhèanamh eadar ‘s gu bheil duilgheadas ann, rud fìor neo rud a shaoil cuid, a thaobh coiteachaidh, agus ma tha, ciamar a ghabhas aghaidh a chur ri seo air an dòigh as èifeachdaiche; dèn ìre a chuidicheadh clàr luchd-coiteachaidh leis a’ phròiseas seo, cò bu chòir nochdadh ann an leithid de chlàr agus ciamar a dh’obraicheadh e san àbhaisteachd; agus am biodh ceuman eile a dhìth gus feabhas a thoirt air ionracas is soilleireachd san raon seo.”

 

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu rannsachadh na Comataidh air duilleagan làrach-lìnn na Comataidh:

 

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/68068.aspx

 

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fios comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • [email protected]
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.