An t-Oifigear Riaghlaidh ag iarraidh Ath-leasachadh air siostam nan Comataidhean aig Taigh an Ròid

31.03.2015

Tha feum air atharrachadh cultarail agus crutha gus siostam nan comataidhean aig Taigh an Ròid a neartachadh, tha Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba Tricia Marwick ag ràdh.

Ann an òraid don David Hume Institute, dh'iarr an t-Oifigear Riaghlaidh gun tèid sùil bhunaiteach a thoirt air mar a bhios na comataidhean ag obrachadh agus gun tèid luchd-gairm nan comataidhean a thaghadh leis na co-inbhich (peers) aca air chor’s gun tig an t-ùghdarras aca bhon Phàrlamaid.

Agus i a' toirt tarraing air srianadh ri comas-obrach thar nan comataidhean, nochd a' Bh.ph. Marwick molaidhean mu ath-leasachadh far am biodh nas lugha de chomataidhean, ach iad a bhith nas motha agus nas treasa, ag obrachadh, stèidhichte air barrachd co-thàthaidh (cohesion) a thaobh poileasaidh. 

Chuir an t-Oifigear Riaghlaidh a' cheist cuideachd an robh na comataidhean buileach a rèir nam beachdan aca ro àm sgaoileadh-cumhachd.

Anns an òraid aice, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh: “Tha mi den bheachd a-nis nach eil e gu leòr an cultar againn atharrachadh agus gum feum sinn beachd a ghabhail air atharrachadh structarail. A bheil cruth nan comataidhean againn an-dràsta a' frithealadh oirnn math gu leòr? Carson nach do mhol aon chomataidh reachdas mu chomataidhean bho 2002, a-mach air reachdas mu mhodhan-obrach? Carson nach do rinn sinn ach glè bheag de sgrùdadh an dèidh reachdas?

Agus i a' moladh modail le ìre nas lugha de chomataidhean agus Buill a' suidhe air dìreach aon chomataidh an urra, seach a dhà no a thrì an-dràsta, thuirt i: “Dh'fhaodadh comataidhean nas motha freagairt na b' fheàrr air poileasaidh san fharsaingeachd, a' toirt cuid de chuspairean còmhla a dh'fhaodadh, ged a tha iad fa leth an-dràsta, obrachadh na b' fheàrr fo aon chomataidh nas motha. Dh'fhaodadh na comataidhean mòra seo amas air na tha cudromach don Phàrlamaid a thaobh a bhith a' freagairt air poileasaidh.”

Chùm an t-Oifigear Riaghlaidh oirre: “Saoilidh mi gum bu chòir don Phàrlamaid a bhith soilleir ann a bhith a' nochdadh nan tàbhachdan a thaobh poileasaidh aca agus, a rèir sin, a cuid chomataidhean a chruthachadh a rèir nam feumalachdan aice fhèin.”

“Rachadh aig comataidhean na bu mhotha briseadh suas nam buidhnean beaga … a' coinneachadh gus deasbad ann an dòigh na bu shùbailte … chan fheum buill uile na comataidh a bhith ag obair air gnothach uile na comataidh, uile aig an aon àm. Feumaidh sinn a bhith nas cruthachaile a thaobh mar a bhios sinn ag obair.”

Air cruth ùr do chomataidhean thuirt i san dealachadh: “Ma bhios sinn nas adhartaiche a thaobh mar a stèidhicheas sinn sinn fhìn le bhith a' ceadachadh barrachd sùbailteachd ann an cruth de nas lugha de chomataidhean ach iad nas fheàrr a thaobh poileasaidhean a thoirt còmhla, bidh buannachd ann do na Buill.”

Dhaingnich an t-Oifigear Riaghlaidh cuideachd a taic ri luchd-gairm nan comataidhean air an taghadh a thoirt a-steach mar chuid den atharrachadh ann an Taobh an Ròid: “Chì mi luchd-gairm air an taghadh aig cridhe nan atharrachaidhean air an dòigh san gabh sinn gnothach ri obair nan comataidhean …. Chan eil na tha mi a' moladh diofraichte bho na tha a' tachairt ann am Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte, gu math soirbheachail, chanadh cuid.”

Dhaingnich an t-Oifigear Riaghlaidh gum biodh an roinn fhèin aig luchd-gairm nan comataidhean aig na pàrtaidhean tro D’Hondt, an dòigh-riaraidh Thaigh an Ròid, ach gum biodh Luchd-gairm cunntachail gu dìreach don Phàrlamaid mar thoradh air baileat dìomhair nam Ball uile. “Tha mi den bheachd gun cruthaich a bhith air do thaghadh gu dìreach leis na co-inbhich agad atharrachadh cudromach … le luchd-gairm a' faighinn an ùghdarrais aca gu dìreach bhon Phàrlamaid”, thuirt a' Bh.ph. Marwick.

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh cuideachd: “Tha mi airson barrachd luchd-gairm cumhachdach fhaicinn le guth nas làidire, gun a bhith a' faireachdainn gu bheil iad gan stiùireadh le prògram an riaghaltais a thaobh reachdas.” Ri tìde, bha i den bheachd, seallar air luchd-gairm air an taghadh mar dhreuchd phàrlamaideach seach a bhith “an tòir air dreuchd mar Mhinistear”, le Buill gam faicinn fhèin mar luchd-pàrlamaid seach dìreach luchd-poilitigs.

Mun dùbhlan gus barrachd den ath-leasachadh phàrlamaideach, thuirt a' Bh.-ph. Marwick: “Tha mi air tòiseachadh air deasbaireachd mar-thà le luchd-gairm, Luchd-rianachd Ghnothaichean agus Buill agus tha mi ag iarraidh orra obrachadh leam gus na tha a' Phàrlamaid ag iarraidh a lìbhrigeadh”.

Thuirt i san dealachadh: “Mar Oifigear Riaghlaidh, tha e mar dhleastanas dhomh clàr deimhinneach de dh'ath-leasachadh a nochdadh, às leth na Pàrlamaid air fad.” Mothachail gum bi beachdan eadar-dhealaichte aig feadhainn eile, thuirt i: “Chan eil na freagairtean gu lèir agamsa. Tha fios agam gu bheil feadhainn ann nach bi math dh'fhaodte a' sealltainn air barrachd ath-leasachaidhean ann am buileach an aon dòigh rium fhìn – no idir ann. Ach tha fios agam gu bheil mòran de na Buill sa Phàrlamaid air fad a' creidsinn, mar a tha mi fhìn, gu bheil chan e dìreach iarraidh ach feum air barrachd atharrachaidhean ma tha sinn ri gnothach a ghabhail ris an obair a tha romhainn an-dràsta agus cuideachd ris na cumhachdan a bharrachd a dh'fhaodadh tighinn don Phàrlamaid.”

Cùl-fhiosrachadh

Tha 17 comataidhean aig Pàrlamaid na h-Alba an-dràsta, tha seachd dhiubh èigneachail leis a' chòrr nan comataidhean 'cuspair' a rèir roinnean an riaghaltais, agus ceithir comataidhean eile airson nam bilean prìobhaideach. Nochd an t-Oifigear Riaghlaidh argamaid airson àireamh nan comataidhean a lùghdachadh gu 10 no 11, le barrachd sùbailteachd a thaobh mar a bhios iad ag obrachadh. Fon structar a tha ann an-dràsta, tha 132 de dh'àiteachan air comataidhean uile-gu-lèir, air an roinn am measg 80 Ball, a bhios a' bualadh air comas-obrach agus a' cur srianaidh ri sùbailteachd, a rèir an Oifigeir Riaghlaidh (faic t.d. 32 de theacs na h-òraide).

Leugh an teacsa iomlan òraid an Oifigeir Riaghlaidh don David Hume Institute, air a bheil ‘An Agenda for Reform’

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.