Taisbeanadh Harry Benson ga shealltainn aig Pàrlamaid na h-Alba

11.04.2016

Thèid taisbeanadh den obair aig aon den luchd-togail-dhealbh as cliùitich san t-saoghal, Harry Benson CBE, a shealltainn aig Pàrlamaid na h-Alba san Lùnastal. 

Anns an taisbeanadh, Harry Benson: Seeing America, a tha an asgaidh, bidh cuid de na h-ìomhaighean as suaicheanta a thog Harry Benson, a’ clàradh amannan cudromach ann an eachdraidh shòisealta, phoilitigeach agus cultarail Ameireaga thar nan caogad bliadhna a chaidh seachad.    

Tha cliù gun samhail aig Harry Benson airson dealbhan a tha a’ clàradh eachdraidh Ameireaga.  Chaidh Benson, a rugadh ann an Glaschu, a dh’Ameireaga còmhla ris na Beatles, agus thog e dealbhan den h-uile ceann-suidhe de na Stàitean Aonaichte bho Dwight D. Eisenhower. Bha Benson an làthair nuair a chaidh Bobby Ceannadach a mharbhadh, agus dh’fhuiling e gas deòir aig togail-fianais Sheumais Meredith aig an robh an Dr Martin Luther King, Jr. Thòisich e le bhith ag aithris air Ameireaga airson an Daily Express agus ann an 1968, fhuair e a mhiann le bhith ag obair airson na h-iris Life

Cruinnichidh an taisbeanadh ùr seo iomadh ìomhaigh ainmeil a rinn e, a’ gabhail a-steach na deilbh den Cheann-suidhe Reagan a’ dannsa còmhla ris a’ Bh. Ph. Reagan, a bha air còmhdach Vanity Fair, ìomhaighean a chlàraich na h-iomairt airson chòraichean catharra, agus a’ chòmhstri, anns na 60an ann an Ameireaga, luchd-naidheachd Watergate Carl Bernstein agus Bob Woodward, agus òraid Richard Nixon nuair a sheas e sìos. Bidh dealbhan ann cuideachd de iomadh cleasaiche is seinneadair Ameireaganach ainmeil leithid Frank Sinatra, James Brown, Jack Nicholson, Dolly Parton, Kevin Spacey agus Brad Pitt.   

Chithear an taisbeanadh an asgaidh sa Phàrlamaid bho Dhihaoine 12 Lùnastal gu Disathairne 3 Dùbhlachd. Is e seo a’ chiad taisbeanadh de dh’obair Harry Benson ann an Alba bho 2008. 

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, am Fìor Urr. Tricia Marwick, a ghairm an taisbeanadh nuair a bha i ann an New York airson Seachdain na h-Alba: 

“Tha spèis aig daoine air feadh an t-saoghail air obair Harry Benson agus gun teagamh ’s e esan aon de na tiodhlacan as prìseil riamh a bhuilich Alba air an t-saoghal.  

“Tha an taisbeanadh ùr seo a’ nochdadh an t-seallaidh gun samhail a bh’ aig Harry air Ameireaga thar nan 50 bliadhna a chaidh seachad agus bidh cuid de na dealbhan as suaicheanta a thog e ri fhaicinn ann. 

“Mar a tha an deasbad air taghadh ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte a’ teasachadh, tha an taisbeanadh seo a’ cuimhneachadh cuid de na h-amannan as  cudromaiche ann an eachdraidh Ameireaga.  

“Feumaidh duine sam bith aig a bheil ùidh ann eachdraidh, poilitigs agus cultar Ameireaga an taisbeanadh seo fhaicinn.”  

Tha Harry, a rugadh ann an Glaschu, air dealbhan a thogail de chuid de na rionnagan as motha san t-saoghal bho na Beatles gu Muhammad Ali, thar 60 bliadhna de dh’obair. 

Thuirt Harry Benson CBE: 

“Tha cuimhne agam, san sgoil ann an Glaschu agus mi dìreach, air èiginn, air faighinn tron deuchainn a leigeadh suas don ath ìre mi, chuir an tidsear, Miss MacKenzie, stad orm air mo shlighe a-mach às a’ chlas agus thuirt i, “Benson, cha bhi eagal dhutsa gu bràth.”  B’ e sin an rud as snog a thuirt duine riamh rium agus b’ fheàrr leam gu robh mi air a dhol air ais bliadhnaichean às dèidh sin a thoirt taing dhi. 

“Tha e na fhìor onair dhòmhsa gu bheil an t-Sùil Air Ais seo air an obair agam, mo thuras Ameireaganach, ga shealltainn aig a’ Phàrlamaid.  Tha mise, agus mo bhean  Gigi, agus an dithis nighean agam, Wendy agus Tessa, le chèile a’ toirt taing don Phàrlamaid airson an urraim iongantaich seo.”

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.