Tha na comataidhean aig cridhe obair na Pàrlamaid – a’ cruinneachadh fianais bho luchd-fianais, a’ sgrùdadh reachdas agus a’ dèanamh rannsachadh. Bidh a’ mhòr-chuid de chomataidhean a’ coinneachadh gach seachdain no cola-deug, mar as tric air Dimàirt no madainn Diciadain, ann an aon de na seòmraichean comataidh aig Pàrlamaid na h-Alba – no ann an diofar àiteachan air feadh na h-Alba. Tha a’ chuid as motha de na coinneamhan fosgailte don phobaill – leanaibh an ceangal seo airson fiosrachadh air ciamar as urrainnear a dhol gu coinneamh comataidh.
Airson fiosrachadh air na comataidhean fa leth – ballrachd, obair an-dràsta agus anns an àm ri teachd, aithisgean agus pàipearan eile – taghaibh a’ chomataidh a tha sibh ag iarraidh bho aon de na liostaichean gu h-ìosal.
Airson fiosrachadh air comataidhean agus mar a tha iad ag obair, faicibh Obair nan Comataidhean ann am Pàrlamaid na h-Alba.
Current committees
Gabh pàirt
Faigh a-mach mar as urrainn dhut tighinn gu coinneamhan comataidh. Faic A’ tadhail air a’ Phàrlamaid.
Thig gu coinneamh