Obair
Tha a’ phrìomh obair aig Biùro na Pàrlamaid air a cur an cèill ann an Gnàth-riaghailtean na Pàrlamaid (Riaghailt 5.1) mar:
(a) clàr-gnothaich na Pàrlamaid a mholadh;
(b) atharrachaidhean air liosta a’ ghnothaich làitheil a mholadh;
(c) stèidheachadh, raon-ùghdarrais, ballrachd is beatha comataidh no fo-chomataidh sam bith a mholadh; agus
(d) ceist sam bith a thaobh comas comataidh gus gnothach a ghabhail ri cùis a shocrachadh agus, a' phrìomh chomataidh ainmeachadh mu cheist sam bith a bhios an urra ri barrachd air aon chomataidh.
Ballrachd
Tha na Gnàth-riaghailtean ag ràdh gum bi Biùro na Pàrlamaid air a dhèanamh suas leis an Oifigear Riaghlaidh, riochdaire bho gach pàrtaidh poilitigeach aig a bheil còignear Bhall no barrachd agus riochdaire bho bhuidhnean sam bith le còignear bhall no barrachd bho phàrtaidhean aig a bheil nas lugha na còignear Bhall no nach tig bho phàrtaidh poilitigeach idir.
B’ e a’ bhallrachd a bha air Bureau na Pàrlamaid aig deireadh Seisean a Trì:
- Bruce Crawford BPA, Rùnaire Caibineit airson Gnothach na Pàrlamaid agus Roi-inneachd Riaghaltais (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba)
- Pòl Màrtainn BPA (Làbaraich na h-Alba)
- Iain MacLaomainn BPA (Tòraidhean na h-Alba)
- Alison NicAonghais BPA (Deamocrataich Libearalach na h-Alba)
Tha na Gnàth-riaghailtean a' leigeil le buill a' Bhiùro cur air dòigh gun gabh ball eile an t-àite aca aig coinneamhan den Bhureau le bhith a’ cur fios ann an sgrìobhadh don Oifigear Riaghlaidh ro làimh.
Modhan-obrach
Fo na Gnàth-riaghailtean (Riaghailt 5.3.2), bidh am Biùro a' coinneachadh ann an dìomhaireachd. Bidh am Bureau a' feuchainn an-còmhnaidh ri co-dhùnaidhean a ghabhail le aonta, ach nuair a bhios feum air bhòt, bidh na buill a’ cur aon bhòt do gach ball den phàrtaidh no den bhuidhinn a tha iad a' riochdachadh. Nuair a bhios iad air an aon rèir, tha bhòt-sheulachaidh aig an Oifigear Riaghlaidh.
Chaidh Iùl Buill Biùro na Pàrlamaid aontachadh le Biùro na Pàrlamaid san t-Samhain 2007.
Coinneamhan
Bidh am Biùro a' coinneachadh gach seachdain madainn Dimàirt mar as trice. Gheibhear cothrom gu h-ìseal air clàr-obrach, pàipearan is geàrr-chunntas airson coinneamhan uile a’ Bhiùro.
Mar as trice, bidh pàipearan is clàran coinneamhan Biùro na Pàrlamaid gam foillseachadh, còmhla ris a’ gheàrr-chunntas air aontachadh, air an t-seachdain an dèidh don choinneimh a bhith air a cumail. Cha tèid na pàipearan anns a bheil fiosrachadh a tha ga mheas saor bho Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002 fhoillseachadh.
Gheibhear pàipearan is clàran coinneamh a' Bhiùro le bhith a' putadh air English gu h-àrd.