10.05.2013
Thèid reachdas a leigeas le sealbhadairean-còmhnaidhe an cuid fearann a dhì-chroiteadh (de-croft) a sgrùdadh le Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus na h-Àrainneachd.
Agus e a’ bruidhinn ri linn don Chomataidh a’ ghairm airson beachdan air Bile Croitearachd (Ath-leasachadh) (Alba) aca a chur air bhog, thuirt an Neach-gairm Rob Gibson BPA:
“Tha an reachdas seo deatamach do chroitearachd agus nì e cinnteach gum bi an aon chothrom aig luchd-gabhail agus sealbhadairean-còmhnaidhe an cuid fearainn a dhì-chroiteadh.
Leis a’ bhuaidh a bheir seo air coimhearsnachdan-croitearachd, tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh gluasad gu luath gus an neo-riaghailteachd laghail seo ag èirigh à Achd 2010 a cheartachadh.
“Gus a dhèanamh cinnteach nach bi dàil sam bith ann a bhith a’ sgrùdadh an reachdais seo, tha sinn ag iarraidh air an fheadhainn a tha ag iarraidh na beachdan aca a nochdadh a leithid a dhèanamh cho luath agus a ghabhas.
Cùl-fhiosrachadh
Chaidh Bile Croitearachd (Ath-leasachadh) (Alba) a thoirt a-steach air 9 Cèitean 2013. Tha e an amas a’ Bhile aghaidh a thoirt air ceistean ann an Achd nan Croitearan (Alba) 1993 ag èirigh à atharrachaidhean a rinn Achd Ath-leasachadh Croitearachd (Alba) 2010 a dh’fhàg nach deach gnothach a ghabhail ri luchd-gabhail is sealbhadairean-còmhnaidhe air an aon rèir a thaobh a bhith comasach air fearann a dhì-chroiteadh.
Gus fianais a thoirt don Chomataidh, thoiribh seachad fianais gheàrr ann an cruth Word. Is e an ceann-latha deireannach a tha ann 17 Cèitean 2013 agus bu chòir beachdan a chur gu [email protected].
Contact information
Media information
Committee information
Public information
- Telephone: 0800 092 7500
- Textphone users can contact us on 0800 092 7100
- We also welcome calls using the Text Relay service
- Text message: 07786 209888
- [email protected]
Keep up to date with us on: