Gèarr-chunntas de na rudan as urrainn dhut dèanamh ann am Pàrlamaid na h-Alba. Faigh a-mach na tha a’ dol air latha sònraichte den t-seachdain no faigh a-mach mu thursan no mu bhith a’ coimhead air gnothaichean na Pàrlamaid.
Tha tursan an-asgaidh agus uair a thìde de dh’fhaid. Agus gu h-àbhaisteach bidh cuairt gu urlar an t-Seòmair Dheasbaid, Lobaidh a’ Ghàrraidh agus gu Seòmar Comataidh mar phàirt den turas.
Mar a chuireas tu tiocaidean air dòigh airson deasbad san t-Seòmar
Tha comataidhean nam buidhnean beaga de BhPA a bhios a’ coinneachadh gus bruidhinn air agus beachdachadh air reachdas is cùisean eile. Faodaidh luchd-tadhal a bhith san amharc aig na coinneamhan seo saor is an asgaidh.
Tha Biadhlann na Pàrlamaid stèidhichte aig cùl Thalla a’ Phobaill. Tha cathraichean innte airson mu thuairim 60 duine agus bidh biadh is deochannan rin reic don phoball an-sin nuair a bhios Taigh an Ròid fosgailte.
Tha Pàrlamaid na h-Alba fosgailte do Luchd-tadhail Diluain gu Disathairne. Atharrachaidh amannan fosglaidh a rèir àm na bliadhna agus seiseanan na Pàrlamaid.
Mar a ruigear Pàrlamaid na h-Alba air chois, air an rathad no air an trèana
Ma bhios tu a’ tadhal air a’ Phàrlamaid gus a bhith ann airson gnothaichean anns an t-Seòmar no aig coinneamh comataidh, tha còd giùlain ann a dh’fheumas tu leantainn, fo òrdugh an Oifigeir Riaghlaidh.
Leabhar-iùil oifigeil
Tha leabhar-iùil ri fhaighinn.