Naidheachd

 

Prìomh Mhinistear ag iarraidh aonta na Pàrlamaid gus Ministearan na h-Alba a chur an dreuchd

Thathar an dùil gum faigh Nicola Sturgeon, Prìomh Mhinistear na h-Alba a chaidh ath-thaghadh o chionn ghoirid, aonta na Pàrlamaid a thaobh a molaidhean airson Ministearan na h-Alba a chur an dreuchd.

Tha BPA Holyrood gu bith a' taghadh Prìomh Mhinistear

Tha BPA Holyrood an t-seachdain seo gu bhith a’ taghadh Prìomh Mhinistear airson an t-siathamh seisein de Phàrlamaid na h-Alba (Dimàirt 18 Cèitean 2021).

Chaidh Annabelle Ewing BPA agus Liam MacArtair BPA a thaghadh feasgar an-diugh mar Leas-oifigearan Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba.

Chaidh Annabelle Ewing BPA agus Liam MacArtair BPA a thaghadh feasgar an-diugh mar Leas-oifigearan Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba.

Alison Johnstone BPA air a taghadh mar an t-Siathamh Oifigear Riaghlaidh aig Pàrlamaid na h-Alba

Chaidh Alison Johnstone BPA a thaghadh mar an t-Siathamh Oifigear Riaghlaidh aig Pàrlamaid na h-Alba. Is i Ms Johnstone a’ chiad BhPA Uaine a chaidh a thaghadh airson na dreuchd.

Is iad covid, gnàth-thìde agus a’ bhun-reachd na prìomh chùisean a bhios fa-near don Phàrlamaid ùir, a rèir luchd-rannsachaidh SPICe Thaigh an Ròid

Is e faighinn seachad air galar lèir-sgaoilte COVID-19, dèiligeadh ris an èiginn gnàth-thìde agus an rèiteachadh tiomnadh cumhachd às dèidh Brexit as motha a nochdas ann an obair na h-ath Phàrlamaid ...

BPA gus Oifigear Riaghlaidh ùr a thaghadh airson Taigh an Ròid

Tha BPA ùr-thaghte Thaigh an Ròid gu bhith a’ taghadh Oifigear Riaghlaidh ùr airson Pàrlamaid na h-Alba air Diardaoin 13 Cèitean 2021.

Bòidean is Dearbhaidhean Sòlaimte nam BPA aig Taigh an Ròid

Bheir BPA a tha air an ùr thaghadh seachad bòid no dearbhadh sòlaimte aig Taigh an Ròid air Diardaoin 13 Cèitean 2021.

Brataichean Pàrlamaid na h-Alba ri itealaich am meadhan a’ chrainn mar chomharra urraim an dèidh bàs A Mhòrachd Rìoghail Diùc Dhùn Èideann

Tha brataichean Pàrlamaid na h-Alba ag itealaich am meadhan a’ chrainn an dèidh bàs A Mhòrachd Rìoghail Diùc Dhùn Èideann

An t-Oifigear Riaghlaidh air a’ Phàrlamaid ais-ghairm an dèidh bàs A Mhòrachd Rìoghail Diùc Dhùn Èideann

Tha an t-Oifigear Riaghlaidh air cur an cèill feasgar an-diugh gun tèid Pàrlamaid na h-Alba ais-ghairm Diluain 12 Giblean an dèidh bàs A Mhòrachd Rìoghail Diùc Dhùn Èideann. Is e gluasad co-fhaireachdainn an t-aon nì a bhios air a’ ghnothach.

Coimisean Còraichean Daonna na h-Alba: buill ùra pàirt-ùine air an ainmeachadh

Thèid dithis bhall pàirt-ùine ùr de Choimisean Còraichean Daonna na h-Alba (SHRC) ainmeachadh an dèidh farpais fastaidh fosgailte.

Lean air na meadhanan sòisealta sinn

Twitter logo   Wordpress logo

Facebook logo   YouTube logo

Follow us on Twitter

Keep up to date