05.06.2013
Faodaidh gum bi reachdas toinnte (complex legislation) na bhacadh air an dà chuid sealbhadairean-dachaighean agus luchd-seilbhe dreuchdail gus maoir-seilbhe a iomlaid agus càradh cumanta a sparradh, tha aithisg ùr bho Chomataidh a’ Cheartais ag ràdh.
Tha aithisg na Comataidh a chaidh fhoillseachadh an-diugh a’ tighinn an dèidh rannsachadh air cho èifeachdach agus a tha Achd Cumhaichean Tiotail (Alba) 2003.
Ged a tha Comataidh a’ Cheartais a’ gabhail ris gu bheil feum air dìon a bhith ann gus cumail-suas togalaichean a dhaingneachadh, tha a’ Chomataidh den bheachd nach eil na h-ullachaidhean ag obair ann am fìrinn agus gum bu chòir ath-bhreithneachadh a dhèanamh orra. Bha dragh aice gu sònraichte mun ullachadh ann an Achd 2003 mu uallach luchd-rianachd a cheadaicheas gum faodar aon mhaor-seilbhe a chur an dreuchd fad ùine 30 bliadhna ach nach eil daonnan cumhaichean ann do shealbhadairean-dachaighean nach eil toilichte leis na seirbheisean-maorsainneachd (factoring-services) a thathar a’ tairgse.
Thuirt Neach-gairm Chomataidh a’ Cheartais Cairistìona Ghreumach BPA:
“Tha a’ Chomataidh againn mothachail air amasan Achd 2003 agus air cho cudromach agus a tha e gun tèid taigheadas na h-Alba a chumail suas. Tha an rannsachadh againn air leigeil fhaicinn, ge-tà, gu bheil duilgheadasan practaigeach air a bhith aig an dà chuid sealbhadairean-dachaighean agus maoir-seilbhe le reachdas a tha toinnte gu tric. Gu sònraichte, chan eil an càirdeas eadar sealbhadairean-dachaighean agus buidhnean-gleidhidh le seilbh-fearainn soilleir.
“Tha sinn den bheachd gu bheil àite ann fhathast airson leasachadh nach beag a thaobh dìol nas fheàrr fhaighinn do shealbhadairean-dachaighean a bhios a’ feuchainn ri cosgaisean seirbheisean maorsainneachd-fearainn atharrachadh no dùbhlan a thoirt orra. Cuideachd, tha cion mothachaidh air càradh ann an Alba air an fheum sealbhadairean-dachaighean aghaidh a thoirt cuideachd. Feumaidh daoine air an lobhta-làir tuigsinn gum faodadh an aon uallach a bhith orra a thaobh càradh-mullaich agus a tha an fheadhainn air an lobhta-mhullaich (top-floor). Tha àite aig na h-ùghdarrasan ionadail ann cuideachd a thaobh sùil a chumail air cumail-suas àiteachan uaine agus thogalaichean ùra san ùine fhada. Bu chòir do shealbhadairean-dachaighean a bhith mothachail nuair a cheannaicheas iad togalach ùr gum faodadh gum bi iad buailteach cuideachd airson cumail-suas nan àiteachan uaine, air neo dh’fhaodadh iad coiseachd a-mach an doras aca agus a bhith suas dhan achlais ann am feur fada.”
Tha aithisg Chomataidh a’ Cheartais air na ceistean a leanas a thogail cuideachd:
Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba cur ri mothachadh air uallach shealbhadairean-dachaighean agus brosnachadh a thoirt gun tèid comainn luchd-chòmhnaidhe a stèidheachadh gus gnothach a ghabhail ri cumail-suas cumanta. Bu chòir do luchd-lagha agus luchd-leasachaidh cuideam a chur air an uallach seo ri linn modh-obrachaidh ceannach-seilbhe (property purchasing process) cuideachd.
- Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba beachd a ghabhail air seirbheis-eadraiginn a stèidheachadh do shealbhadairean-dachaighean mu chosgaisean gun aontachadh do sheirbheisean cumail-suas togalaichean.
- Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba beachd a ghabhail air a’ cheist a tha air a’ Chomataidh gur dòcha gun cuireadh a’ bhuailteachd mu chosgaisean (nuair a phàigheas a neach a chailleas cosgaisean an neach nan aghaidh) casg air sealbhadairean-dachaighean feum a chur air Tribunal an Fhearainn gus, mar eisimpleir, cùis-deuchainn mu uallach cumail-suas fearainn a leantainn.
- Nì a’ bhunait laghail air e bheil an càirdeas eadar sealbhadairean-dachaighean agus buidhnean-gleidhidh le seilbh-fearainn doirbh do shealbhadairean-dachaighean an gnothach a dhèanamh air duilgheadasan sam bith ag èirigh às na seirbheisean cumail-suas a thathar a’ toirt seachad.
Tha Achd Cumhaichean Tiotail (Alba) 2003 a’ riaghladh nan dleastanasan (no “cumhaichean-tiotail”) a dh’fhaodadh nochdadh ann an còraichean-seilbhe. Faodaidh Achd 2003 buaidh a thoirt air mar a thèid maoir-seilbhe a chur an dreuchd no à dreuchd. Faodaidh gum bi srian ri farpais agus càileachd seirbheisean seach gum faod ullachaidhean Achd Cumhaichean Tiotail (Alba) 2003 cuibhrig a chur ri comas shealbhadairean-dachaighean maoir-seilbhe atharrachadh. Cuideachd, tha an coltas ann nach eil gin de dh’ullachaidhean na h-Achd a’ gabhail gnothaich gu h-èifeachdach ris an t-suidheachadh far a bheil sealbhadairean-dachaighean diombach leis na seirbheisean a bhios buidheann-gleidhidh cumail-suas fearainn a’ toirt seachad.
Thàinig Achd nam Maor-seilbhe (Alba) 2011 an gnìomh san Dàmhair 2012. Tha e mar amas aice leasachadh a thoirt air inbhean san roinn ri cumail-suas seilbhe. Thug an reachdas a-steach clàradh èigneachail airson gach maor-seilbhe, còd-giùlain agus slighe gus connsachadh fhuasgladh do shealbhadairean-dachaighean.
Fìor Uallaichean
Aonan de na ceistean ris an deach gnothach a ghabhail ann an Achd Cumhaichean Tiotail (Alba) 2003, is e “fìor uallaichean”. Faodaidh fìor uallaichean bualadh air caochladh shuidheachaidhean, mar eisimpleir, a’ cur stad air feum a thaobh gnìomhachais à àite-còmhnaidhe, ag iarraidh air na h-uile ann an tenement cuideachadh ri càradh a’ mhullaich no srian ri àirde thogalaichean ann an gàrraidhean no leudachadh air togalaichean. Faodaidh iad smachd a chumail air mar a thèid mar-seilbhe a chur an dreuchd cuideachd.
Uallaichean Luchd-rianachd
Fo Achd 2003, thèid aig neach a’ cur suas togalach ùr no taighean ùra air maor-seilbhe a chur an dreuchd fad suas ri còig bliadhna (no suas ri trì far a bheil togalaichean-cluaineis ann). Faodar uachdaran sòisealta air a chlàradh le oighreachd far am faodar seilbh a cheannach fo reachdas “còir air ceannach” maor-seilbhe a chur an dreuchd fad 30 bliadhna, ged a dh’fhaodas sealbhadairean-dachaighean air a bheil seo a’ bualadh bhòtadh le mòr-chuid de dhà thrian maor-seilbhe ùr a chur an dreuchd ri linn nan 30 bliadhna.
Thathar a’ meas gu bheil mu 36% de shluagh na h-Alba (780,000 de theaghlaichean) a’ fuireach ann an lobhta-tenement, ann am flat, maisonette no ann an àrosan agus bheil rianadair-seilbhe aig mun dara cuid de dhaoine a tha a’ fuireach ann am flataichean ann an seilbh phrìobhaideach. TÙS: SPICE, http://www.pàrlamaidnah-alba.ra/Rannsachadh%20brathan-ullachaidh%20agus%20duilleagan/SB10-42.pdf
Fios conaltraidh
Fios do na meadhanan
Fiosrachadh comataidh
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: