28.06.2019
DISATHAIRNE 29 ÒGMHIOS
2019
Chaidh
làn fhiosrachadh fhoillseachadh mun chuirm Disathairne gus 20 bliadhna de
Phàrlamaid na h-Alba a chomharradh.
Anns
a’ chiad phàirt den latha nì A Mòrachd a’ Bhanrigh òraid
don Phàrlamaid. Bidh A Mhòrachd Rìoghail, Diùc Bhaile Bhòid còmhla ris a’ Bhanrigh.
Às
dèidh seo, bidh latha làn spòrs ann don teaghlach gu lèir. Thèid dorsan na Pàrlamaid fhosgladh do na
h-uile gus pàirt a ghabhail ann an raon mòr de thachartasan is dibhearsain
an-asgaidh
Òraid
A Mòrachd a’ Bhanrigh don Phàrlamaid: 11.00 m – 12.00 f
Òrdugh Cuirme
A’ tighinn a-steach don t-Seòmar air
thoiseach air A Mòrachd a’ Bhanrigh bidh:
·
Slat-suaicheantais
Phàrlamaid na h-Alba
·
Companaidh
Rìoghail nam Boghadairean.
·
Crùn
na h-Alba air a ghiùlan le Diùc Hamilton agus Brandon, ann an cuideachd Morair
Lyon Ceann nan Sìth-mhaor agus an Àrd-Chaiptean
Fanfare for Elizabeth, Her
Majesty The Queen, air
a sgrìobhadh agus air a stiùireadh le Iain Uallas CBE agus air a chluich le
Còmhlan Pràis Conservatoire Rìoghail na h-Alba fhad ’s a tha a’ Bhanrigh a’
tighinn a-steach don t-seòmar.
An
uair sin bidh fàilte ann bhon Oifigear Riaghlaidh
Òraid A Mòrachd a’ Bhanrigh
do Phàrlamaid na h-Alba
Cluich The Bonnie Banks O’ Loch Lomon’ air a
chur air dòigh le D M Gardner,
air a stiùireadh le Mark
Evans agus air a chluich le Còisir Seòmair de
Chòisir Òigridh Nàiseanta na
h-Alba.
Freagairt
a’ Phrìomh Mhinisteir air a leantainn le Ruth Davidson BPA
Dàn THE
LONG VIEW air a sgrìobhadh agus air aithris le Jackie Kay, Makar na h-Alba,
còmhla ri Lewis MacAsgaill,
Tèatar Òigridh Nàiseanta, ag aithris sa
Ghàidhlig, Suzanne Bonnar a’ seinn agus Moira Anne McAuslan ann am BSL (eadar-theangachadh
BSL le Amy Cheskin)
Freagairt
Riseird Leonard BPA.
Cluich Farewell
to Govan air a sgrìobhadh le Phil Connaigean
Air
a chur air dòigh agus air a stiùireadh le Iain Logan, Ceannard Pràis, agus air
a chluich le Braw Brass còmhla ri Phil Connaigean, Stiùiriche Ealain Ceòl
Tradaiseanta agus Jenn
Butterworth, Òraidiche ann an Eòlas Practaigeach, Conservatoire Rìoghail na h-Alba.
Freagairt Phàdraig Harvie BPA air a
leantainn le Tavish Scott BPA
Òran Ae
Fond Kiss le Raibeart Burns air a chur air doigh le Dòmhnall Seathach agus
Caoimhin MacRath
Air a sheinn le Karen NicMhathain le
Dòmhnall Seathach air a’ phiàna agus an Harvey String Quartet.
An
t-Oifigear Riaghlaidh a’ dùnadh coinneamh na Pàrlamaid agus pìobaire Phàrlamaid
na h-Alba, Stiùbhart MacMhaolain, a’ cluich A Man's a Man for a' That le
Raibeart Burns fhad ’s a tha a’ Bhanrigh a’ falbh.
Cùl-fhiosrachadh
Gheibhear
tuilleadh fiosrachaidh mu fheasgar thachartasan an-asgaidh Phàrlamaid na h-Alba
an seo:https://www.visitparliament.scot/scotparl20/