Tha tursan an-asgaidh agus uair a thìde de dh’fhaid. Agus gu h-àbhaisteach bidh cuairt gu urlar an t-Seòmair Dheasbaid, Lobaidh a’ Ghàrraidh agus gu Seòmar Comataidh mar phàirt dhen turas.
Tha fiosrachadh mu obair na Pàrlamaid agus mu Thaigh an Ròid mar phàirt dhe na tursan sin cuideachd.
Nuair bhios a’ Phàrlamaid ann an seisean bidh tursan treòraichte gan cumail Diluain, Dihaoine agus Disathairne.
Rè an fhosaidh cha bhi gnothaichean na pàrlamaid ann agus bidh tursan treòraichte gan cumail Diluain gu Disathairne.
Is iad cinn-latha fosaidh na Pàrlamaid a chaidh aontachadh:
2 Iuchar - 4 Sultainn 2011 ('s gach latha nan cois)
8 Damhair - 23 Damhair 2011 ('s gach latha nan cois)
23 Dùbhlachd (f) 2011 - 8 Faoilleach 2012 ('s gach latha nan cois)
11 Gearran - 19 Gearran 2012 ('s gach latha nan cois)
31 Màrt - 15 Giblean 2012 ('s gach latha nan cois)
30 Ògmhios - 2 Sultainn 2012 ('s gach latha nan cois)
- Tha fèill mhòr air tursan agus mar sin mholamaid clàradh ro-làimh
- Cha bhi bàrrachd na 20 neach air gach àm-turais. Ma tha bàrrachd na 20 neach sa bhuidhinn agaibh dh’fhaodadh gun tèid a’ chòrr aig amannan-turais eile
- Bidh tursan gan cumail aig na h-amannan a leanas gu h-àbhaisteach ach thoir aire gum faodadh iad seo atharrachadh fo bhuaidh gnothaichean na pàrlamaid
Latha
|
Amannan Tursan (a' crochadh air àireamhan)
|
Mar a chlàraicheas tu
|
Diluain & Dihaoine
|
Giblean gu Sultain: 10:20, 10:40, 11:40, 12:00, 14:00, 14:20, 15:20, 15:40
Damhair gu Màrt: 10:20, 10:40, 11:40, 12:00, 14:00, 14:20
|
Cuir post-d thugainn gus turas a chur air dòigh Diluain no Dihaoine. Nach toir thu an ceann-latha agus an t-àm-turais as fheàrr leat thugainn sa post-d agad.
|
Dimàirt, Diciadain & Diardaoin
|
Cha bhi tursan poblach gan cumail air na làithean seo nuair a bhios a' Phàrlamaid a' coinneachadh. Nuair nach bi a' Phàrlamaid a' coinneachadh (fosadh) is ionnan amannan-turais nan latha seo is Diluain agus Dihaoine
|
Thoir sùil air na cinn-latha fosaidh sa bhogsa air taobh dheis na duilleig seo agus ma bhios a' Phàrlamaid air fosadh faodaidh tu post-d a chur thugainn gus iarraidh am faigh thu turas Dimàirt, Diciadain no Diardaoin.
|
Disàthairne & saor-làithean poblach
|
11:20, 11:40, 13:00, 13:20, 14:20, 14:40, 15:40, 16:00
|
Cuir post-d thugainn gus turas a chur air dòigh Disàthairne. Nach toir thu an ceann-latha agus an t-àm-turais as fheàrr leat thugainn sa post-d agad.
|
Didòmhnaich
|
Togalach dùinte don Phoball
|
Chan eil tursan rim faighinn
|
Am bu toil leat gun cuir sinn inneal-claistinn don dàrna taobh dhut?
- Tha na tursan againn gan cumail sa Bheurla ach faodaidh luchd-tadhail fear de na h-innealan claisneachd againn a chleachdadh a bheir seachad geàrr-chunntas air an turas ann an iomadach cànan:
- Arabais, Bengali, BSL, Cantonais/Mandarain, Frangais, Gàidhlig, Gearmailtis, Eadailtis, Pòlainnis, Punjabi, Ruiseanais, Spàinnis, Urdù.
- Cuir an cèill nuair a chlàraicheas tù am bu toil leat fear de na h-inneal claisneachd a chleachdadh