Is urrainn don sgioba Fiosrachaidh is Foillseachaidhean Phoblaich againn do chuideachadh ma tha ceist sam bith agad mun Phàrlamaid, a ballrachd, a gnothaichean no a dòighean-obreach.
Faodaidh tu fios a chur thugainn leis an fhiosrachadh gu h-ìosal no tro fhoirm conaltraidh air loidhne.
Seòladh
Fiosrachadh a' Phobail is Foillseachaidhean
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann
EH99 1SP
Fòn
0131 348 5000 / 0800 092 7500
0131 348 5395 (Gàidhlig)
Fòn-teacsa agus Text Relay
Fòn teacsa: 0800 092 7100.
Tha sinn cuideachd a' cur failte air Text Relay.
Facs
0131 348 5601
SMS
07786 209 888
[email protected]
Tha Fiosrachadh Poblach is Foillseachaidhean fosgailte bho 9m gu 5f, Diluain gu Dihaoine.
Mun t-seirbhis againn:
Is e seirbheis neo-chlaon a th' ann am Fiosrachadh a' Phobail is Foillseachaidhean a bhios a' toirt seachad fiosrachadh air Pàrlamaid na h-Alba, a ballrachd, a gnothaichean is a dòighean obrach.
Thoir an aire, ge-tà:
- chan urrainn dhuinn comhairle laghail a thoirt seachad no a bhith a' dèiligeadh ri ceistean mu bhith a' cur an gnìomh no a' mìneachadh reachdas.
- chan urrainn dhuinn beachdan a thoirt seachad no rannsachadh mòr a dhèanamh.
- bu chòir ceistean mu reachdas is mu phoileasaidh riaghaltais a chur don roinn iomchaidh aig Riaghaltas na h-Alba no Riaghaltas na RA
- bu chòir ceistean mu na poileasaidhean aig pàrtaidhean poilitigeach - aig an àm seo no san àm a dh'fhalbh - a chur don phàrtaidh iomchaidh.
A bharrachd air seo, thoir an aire nach bi sgioba Fiosrachadh a' Phobail is nam Foillseachaidhean a' sgaoileadh puist-d gu BPA no a' cur air adhart litrichean/puist-d gu buidhnean air an taobh a-muigh. Gheibhear liosta de na seòlaidhean puist-d aig BPA ann an roinn nan duilleagan fiosrachaidh san làrach-lìn againn.
Eil ceist agad mu bhallrachd, gnothaichean, dòighean-obrach no togalach na Pàrlamaid? Cleachd am foirm seo gus ceist a chur air sgioba Fiosrachadh is Foillseachaidhean Poblach.
Do you have a question about the Parliament's membership, business, procedures or building? Use this form to ask our Public Information & Publications team.