19.07.2016
Tha buill den Chomataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh a-muigh ann am Pàrlamaid na h-Alba air latha de choinneamhan a chumail anns a’ Bhruiseal, agus iad a’ leantainn orra a’ sgrùdadh dè a’ bhuil a bhios air Alba bho Bhrexit.
Choinnich a’ Chomataidh
ri grunn thosgairean bhon Aonadh Eòrpach agus bho bhall-stàitean a’ Chaidreibh
Eòrpaich airson Saor-mhalairt (EFTA), a bharrachd air grunn bhuidhnean
cudromach eile sa Bhruiseal leithid riochdairean ghnothachasan Breatannach.
A’ bruidhinn bhon
Bhruiseal, thuirt Seònag NicAilpein BPA, Neach-gairm na Comataidh:
“Anns na coinneamhan
againn an-diugh, chaidh againn air modhan conaltraidh fhosgladh air chor ’s gun
cluinnear leas na h-Alba anns na còmhraidhean air an dàimh eadar an Rìoghachd
Aonaichte agus Roinn na h-Eòrpa anns an àm ri teachd. Dh’fhairich sinn tòrr
deagh-ghean agus tuigse a thaobh suidheachadh na h-Alba, far an do bhòt 62 sa
cheud a dh’fhantainn anns an Aonadh Eòrpach.
“Cha do dh’fhàg dùthaich
sam bith an EU ron seo, agus chan eil am pròiseas airson fàgail sìmplidh idir.
Tha na còmhraidhean a bha againn an-diugh nan toiseach tòiseachaidh airson na
Comataidh agus sinn a’ coimhead air dè bhios Brexit a’ ciallachadh do dh’Alba.
“Bha na còmhraidhean
againn le oifigich bhon Àrainn Eaconamach Eòrpach agus le EFTA feumail ann a bhith a’ togail dealbh
a thaobh dè na roghainnean eile a th’ ann an àite ballrachd an Aonaidh
Eòrpaich. Chuala sinn cuideachd faireachdainn is beachd bho bhuidhnean
gnìomhachais air dè bhios Brexit a’ ciallachadh dhaibhsan, rud a bha a’ toirt
mòran fiosrachaidh dhuinn.
“Nas anmoiche sa
mhìos seo, anns an t-seisean-fianais foirmeil againn bidh sinn a’ cluinntinn
bho na prìomh raointean anns an Alba. Bidh sinn a’ cur air bhog
co-chomhairleachadh poblach air chor ’s gun cluinnear bho mhuinntir na h-Alba
dè bhios e a’ ciallachadh dhaibh a bhith a’ fàgail an Aonaidh Eòrpaich.”
Bha coinneamhan leis na
daoine a leanas air prògram na Comataidh:
- Oda H. Sletnes, Tosgaire Nirribhidh don Aonadh
Eòrpach;
- Bergdís Ellertsdóttir, Tosgaire Innis Tìle don Aonadh Eòrpach;
- Declan Kelleher, Tosgaire Phoblachd na h-Èireann don
Aonadh Eòrpach;
- Seòmraichean Malairt Bhreatainn anns a’ Bheilg; agus
- oifigich bho Riaghaltas na h-Alba anns a’ Bhruiseal.
Fios conaltraidh
Fios Conaltraidh
Myer Cohen: 0131 348 6260
Fàilte ro Text Relay
[email protected]
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: