An Lùnastal

Fèis ga cur air ghleus le deasbad air spòrs

18.08.2016

Bidh Fèis Phoilitigs na bliadhna seo, a tha a’ leantainn trì làithean aig Pàrlamaid na h-Alba, a’ tòiseachadh an-diugh (Diardaoin 18 Lùnastal) le deasbad air na tha an dàn do spòrs ann an Alba, le manaidsear na h-Alba Gordon Strachan.

Luchd-tadhail na Pàrlamaid a’ faighinn fàilte bho ‘Eich-uisge Chultarach’

15.08.2016

Cuiridh modailean 10-troigh a dh’àirde de na h-Eich-uisge (Kelpies), obair-ealain a tha ainmeil air feadh an t-saoghail, fàilte air luchd-tadhail Pàrlamaid na h-Alba bho 15 Lùnastal.

Taisbeanadh de na dealbhan as ainmeile aig Harry Benson ga shealltainn aig a’ Phàrlamaid

11.08.2016

Taisbeanadh de na dealbhan as ainmeil aig Harry Benson ga shealltainn aig a’ Phàrlamaid

Obair ealain gus Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann a chomharrachadh ga foillseachadh aig Pàrlamaid na h-Alba

05.08.2016

Chaidh obair ealain, a tha comharrachadh fosgladh Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann 2016, fhoillseachadh an-diugh aig Pàrlamaid na h-Alba.

Suidheachain phoblach aig co-labhairt eadar-nàiseanta air cultar air an ainmeachadh

01.08.2016

Ciamar a bhios na h-ealainean a' cur ri beatha dhaoine air feadh an t-saoghail agus dè an t-àite a tha aig cultar ann a bhith a' cruthachadh choimhearsnachdan soirbheachail?

Comataidh phàrlamaideach a’ gairm airson barrachd fiosrachaidh air a’ bhuil a thig bho Bhrexit

01.08.2016

Tha a’ Chomataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba, a tha a’ sgrùdadh dè a’ bhuil a bhios air Alba bho Bhrexit, air an rannsachadh aice a leudachadh.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.