11.08.2016
Thèid taisbeanadh den obair aig fear den luchd-dhealbh Albannach as fheàrr san t-saoghal, Harry Benson CBE, fhosgladh aig Pàrlamaid na h-Alba.
Anns an taisbeanadh, Harry Benson: Seeing America, a tha an-asgaidh, bidh cuid de na h-ìomhaighean as suaicheanta a thog an neach-dhealbh, a’ clàradh amannan cudromach ann an eachdraidh shòisealta, phoilitigeach agus cultarail Ameireaga thar nan caogad bliadhna a chaidh seachad.
Thèid a shealltainn aig a’ Phàrlamaid bho Dihaoine 12 Lùnastal gu Disathairne 3 Dùbhlachd. Is e seo a’ chiad taisbeanadh de dh’obair Harry Benson ann an Alba bho 2008.
Chaidh Benson, a rugadh ann an Glaschu, a dh’Ameireaga còmhla ris na Beatles, agus cha do thill e. Thog e dealbhan den h-uile ceann-suidhe de na Stàitean Aonaichte bho Eisenhower – a’ clàradh amannan math agus dona nam beatha phoblach, bho òraid a’ Chinn-Suidhe Nixon nuair a sheas e sìos gu Jimmy Carter feadh cruaidh-chàs luchd-gèill Ioran ann an 1979.
Mar neach-dhealbh naidheachdais, bha dealas aig Harry an còmhnaidh a bhith an teis-meadhan naidheachdan an t-saoghail agus tha an taisbeanadh a’ sealltainn sreath dhealbh air a’ còmhstri agus lethbhreith cinnidh anns na 1960an ann an Ameireaga. Bha Harry am measg buidheann de nas lugha na 10 luchd-naidheachd a bha ag aithris air a’ Chaismeachd an aghaidh Eagal aig James Meredith ann am Mississippi ann an 1966 airson Ameireaganaich Afraganach a bhrosnachadh gus bhòtadh. Bha e cuideachd an làthair aig Ar-a-mach Watts nuair a chaidh 34 Ameireaganaich Afraganach a mharbhadh ann an aimhreitean ann an Los Angeles.
Tha Harry air cothrom fhaighinn dealbh a thogail de cuid de na daoine as ainmeil ann an saoghal an fhasain, ciùil is cleasachd, eadar na Beatles agus Muhammad Ali gu James Brown, Jack Nicholson agus Dolly Parton. Innsidh an taisbeanadh seo sgeulachd beatha-obrach Harry leis an iomadh rud eadar-dhealaichte is inntinneach a dh’fhiosraich e.
Thuirt an Leas-oifigear Riaghlaidh, Cairistìona Grahame BPA:
“Bha obair iongantach aig Harry Benson mar neach-dhealbh naidheachdais thar còrr is sia deichead. Rè na h-ùine sin, fhuair e cothrom gun samhail dealbhan a thogail de cuid de na daoine as ainmeil ann saoghal poilitigs, cleasachd, cultar, spòrs agus fasan.
“Chan eil duine eile air thalamh a rinn clàradh air na h-amannan cudromach ann an eachdraidh Ameireaga mar a rinn Harry, agus tha an taisbeanadh seo a’ toirt dhuinn sealladh soilleir air eachdraidh Ameireaga tro a shùilean fhèin.
“Thèid an taisbeanadh an asgaidh seo a shealltainn aig a’ Phàrlamaid aig àm nuair a tha deasbad san t-saoghal a’ teannadh air na an dàn do Ameireaga. Seo cothrom do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann am poilitigs, eachdraidh no cultar Ameireaga beachd a ghabhail air na prìomh amannan a chruthaich an dùthaich a th’ ann an-diugh.”
Thuirt Harry Benson CBE a bha aig a’ Phàrlamaid a dh’fhaicinn an taisbeanaidh aige ga fhosgladh:
“’S e fìor adhbhar moit a th’ ann dhomh, agus urram mòr, gu bheil na dealbhan agam gan taisbeanadh aig Pàrlamaid na h-Alba. Tha mi airson taing a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba agus an sgioba mìorbhaileach a chuir an taisbeanadh air dòigh, airson an t-urram agus cliù seo a bhuileachadh orm. Tha e a’ cur iongnadh orm a bhith a’ smaoineachadh air. Bu mhath leam cuideachd taing a thoirt dom bhean, Gigi, oir às aonais na taice a thug i dhomh thar nam bliadhnaichean agus an t-saothair mhòr a rinn i, cha bhiodh dad dhen seo air tachairt.”
Cùl-fhiosrachadh
Rugadh Harry Benson CBE ann an Knightswood ann an 1929. Fhuair e a chiad chothrom aig aois 24 le obair aig a’ Hamilton Advertiser, am pàipear seachdaineil as motha ann an Alba, far an robh e ag obair airson ceithir bliadhna. Chaidh fhastadh an uair sin leis an Daily Sketch ann an Lunnainn a bhith ag aithris air Alba. An ceann bliadhna chaidh e don Daily Express. Ràinig Harry Ameireaga an ìre mhath còmhla ris na Beatles ann an 1964 agus cha do dh’fhàg e riamh. Ann an 1968 thòisich e ag obair airson na h-iris Life, miann a bheatha. Tha 40 taisbeanadh aon-neach air a bhith aige agus tha 14 leabhraichean den obair aige air fhoillseachadh.
Bidh a’ chiad shealladh de film a bheatha, Harry Benson: Shoot First, ga thaisbeanadh aig Filmhouse Dhùn Èideann air 12 Lùnastal. Bidh Harry Benson CBE cuideachd ann an còmhradh leis an Leas-oifigear Riaghlaidh Linda Fabiani MSP ann an Seòmar Deasbaid Pàrlamaid na h-Alba air 13 Lùnastal aig 18:00.
Fios conaltraidh
Fios do na meadhanan
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: