05.12.2016
Tha
an gluasad ann an Alba don Chìs Malairt
Fearainn agus Thogalaichean (LBTT) air ‘ruith gu soirbheachail’, a rèir Comataidh
an Ionmhais agus na Bun-reachd aig Pàrlamaid na h-Alba.
Ach, tha
an aithisg aca ag ràdh gu bheil e ro thràth a bhith cinnteach mu bhuaidh
reataichean agus bannan LBTT nuair nach eil ach bliadhna air a dhol seachad,
agus airson nach eil cunbhalachd ann a thaobh dàta fàisneachd agus làthaireach.
Dh’aontaich
a’ mhòr-chuid de luchd-leasa a chuir ris an rannsachadh phàrlamaideach gu robh
na reataichean nam buannachd don mhargaidh airson ciad dhachaighean.
Thuirt
Neach-gairm Comataidh an Ionmhais agus na Bun-reachd Bruce Crawford BPA:
“Tha e
reusanta a ràdh gun deach a’ chiad bhliadhna den LBTT gu rèidh agus gun do
ruith e gu soirbheachail. Ach, is e am prìomh dhùbhlan a tha romhainn cho
mì-chunbhalach ’s a tha dàta a thaobh LBTT ga nochdadh. Tha sin ga dhèanamh
duilich coimeas a dhèanamh eadar dàta fàisneachd agus dàta làthaireach, agus
làn bheachd a ghabhail air buaidh na cìse air a’ mhargadh seilbhe ann an
Alba.
“Tha trioblaid
ann cuideachd a thaobh adhbharan a shònrachadh airson nan atharrachaidhean a
chì sinn sa mhargaidh thaighean - sin, tha e duilich, a’ cleachdadh an dàta, buaidh
reataichean agus bannan LBTT a sgaradh bho adhbharan eile, leithid an
t-suidheachaidh eacanomaigich san fharsaingeachd.
“Tha a’
Chomataidh againn, ma-thà, a’ moladh gum bi measadh Riaghaltas na h-Alba air a’
chiad bhliadhna de LBTT a’ gabhail a-steach anailis air giùlan dhaoine a thaobh
LBTT, gu h-àraidh a thaobh dhachaighean a’ cosg eadar £325k agus £750k. Bu
chòir measadh a bhith an lùib seo air dè cho coltach ’s a tha an giùlan a bhith
leantaileach agus bu chòir, cuideachd, anailis a dhèanamh air buaidh chùisean bhon
taobh a-muigh.”
Cùl-fhiosrachadh
Ghabh a’
Chìs Tar-chur Fearainn agus Thogalaichean (LBTT) èifeachd ann an Alba bhon
Ghiblean 2015.
Gheibhear
làn aithisg Comataidh an Ionmhais agus na Bun-reachd air a’ chiad bhliadhna den
chìs air duilleagan-lìn na
comataidh.
Lean a’
chomataidh air twitter @SP_FinCon