Aithisg aon-ghuthach bho Chomataidh an Ionmhais aig Taigh an Ròid a’ toirt rabhadh mu ìre fada nas motha de chaochlaideachd agus de mhì-chinnt ann am pròiseas buidseat na h-Alba

27.01.2017

Chaidh aithisg Comataidh Ionmhais is Bun-reachd air dreachd-bhuidseat Riaghaltas na h-Alba fhoillseachadh an-diugh.

Tha an aithisg, a chaidh aontachadh gu h-aon-ghuthach, a’ toirt rabhadh gu bheil buidseat na h-Alba a-nis fo bhuaidh barrachd caochlaideachd agus mì-chinnt.

Tha Brus MacCreamhain BPA ag ràdh gu bheil e toilichte gun robh e comasach do Bhuill aontachadh agus aithisg aon-ghuthach a chur ri chèile, a dh’aindeoin nan eadar-dhealachaidhean a thaobh a bhith a’ dèiligeadh ris a’ Bhuidseat a ghabh na pàrtaidhean poilitigeach, a’ toirt tarraing air aonta gun tug na cumhachdan ùra mu chìs is iasadan agus mun Fhrèam Fhiosgail ‘ìre nach beag de thoinnteachd’ a-steach do phròiseas a’ bhuidseit.

Tha an aithisg ga foillseachadh ron deasbad aig ìre 1 an ath sheachdain air Bile a’ Bhuidseit aig Taigh an Ròid (Diardaoin 2 Gearran). 

Am measg nan toradh as cudromaiche san aithisg, tha:

  • Tha a’ Chomataidh gu math mothachail gu bheil barrachd eisimeileachd aig a’ bhuidseat air dèanadas eaconamach agus toinnteachd an Fhrèama Fhiosgail a’ ciallachadh gu bheil ìre fada nas motha de chaochlaideachd agus de mhì-chinnt ann am pròiseas a’ bhuidseit a-nis. Tha a’ mhì-chinnt seo ga dèanamh nas miosa leis a’ bhuaidh a dh’fhaodadh Brexit toirt air fàs eaconamach agus ar an ionmhas phoblach. 
  • Tha a’ Chomataidh a’ daingneachadh, mar sin, gu bheil e deatamach gum bi follaiseachd iomlan ann a thaobh mar a dh’obraicheas am Frèam Fiosgail agus is e aonan de dh’adhbharan na h-aithisge seo beagan soilleireachaidh a thoirt mun phròiseas seo.
  • Tha a’ Chomataidh a’ moladh gum bu chòir gun tèid fiosrachadh mu obrachadh an Fhrèama Fhiosgail a thoirt seachad cho luath is a ghabhas gus cothrom nas fheàrr a thoirt airson sgrùdadh leis a’ phàrlamaid agus leis a’ phoball anns an fharsaingeachd. 
  • Tha a’ Chomataidh mothachail cuideachd gu bheil obrachadh an Fhrèama Fhiosgail na dhleastanas eadar Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. Fhuair a’ Chomataidh briseadh-dùil, mar sin, gun do dhiùlt Prìomh Rùnaire Roinn an Ionmhais fianais a thoirt mu obrachadh an Fhrèama Fhiosgail.  Tha a’ Chomataidh den bheachd  gu bheil e deatamach gum bi an cothrom aice bho Mhinistear aig Roinn-ionmhais A Mòrachd air obrachadh an Fhrèama Fhiosgail mar phàirt de phròiseas bliadhnail a’ bhuidseit. Cumaidh a’ Chomataidh oirre leis a’ cheist seo le Roinn-ionmhais A Mòrachd.

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Ionmhais is Bun-reachd Brus MacCreamhain BPA:

Tha mi toilichte a dh’aindeoin nan diofar dhòighean san do ghabh na partaidhean poilitigeach ris a’ Bhuidseat gun robh e comasach dhuinn tighinn gu aonta agus co-obrachadh gus aithisg aon-ghuthach a chur ri chèile. Tha seo na theist air an dòigh reusanta agus chothromaichte a ghabh buill uile na Comataidh.

Dh’aontaich sinn, mar eisimpleir, gun  gun tug na cumhachdan ùra mu chìs is iasadan agus mun Fhrèam Fhiosgail ‘ìre nach beag de thoinnteachd’ a-steach do phròiseas a’ bhuidseit.

 “Tha àite deatamach, mar sin, aig a’ Chomataidh againn a thaobh toinnteachd an Fhrèama Fhiosgail agus mar a bheir seo buaidh air a’ bhuidseat a shoilleireachadh, agus na ceistean bunaiteach fiosgail is eaconamach a chur fa chomhair na Pàrlamaid.”

Tha e follaiseach dhuinn gu bheil barrachd eisimeileachd aig a’ bhuidseat air dèanadas eaconamach agus toinnteachd an Fhrèama Fhiosgail a’ ciallachadh gu bheil ìre fada nas motha de chaochlaideachd agus de mhì-chinnt ann am pròiseas a’ bhuidseit. Tha a’ mhì-chinnt seo ga dèanamh nas miosa leis a’ bhuaidh a dh’fhaodadh Brexit toirt air fàs eaconamach agus ar an ionmhas phoblach. 

“Tha e mar amas gun toir an aithisg seo soilleireachadh agus gun nochd e cho cudromach agus a tha stiùireadh pàrlamaideach thar nam pàrtaidhean air an dà chuid an dreachd-bhuidseat agus air an Fhrèam Fhiosgail.”

Cùl-fhiosrachadh

Tha an aithisg iomlan ri faotainn air duilleag-lìn Chomataidh Ionmhais agus Bun-reachd -http://www.parliament.scot/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/103269.aspx

Thèid Ìre 1 de Bhile a’ Bhuidseit a chumail Diardaoin 2 Gearran. An crochadh air aonta phàrlamaideach, thèid Ìre 2 (beachdachadh leis a’ Chomataidh) a chumail ro Fhosadh a’ Ghearrain le Ìre 3 ro dheireadh a’ Ghearrain. 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.