Thathar ag iarraidh air David Davis nochdadh air beulaibh comataidh aig Taigh an Ròid

29.01.2017

Feumaidh Ministear Brexit Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, David Davis BP, nochdadh air beulaibh Comataidh Eòrpach Thaigh an Ròid mus tòisich barganachadh mu tharraing às Aonadh na h-Eòrpa, tha neach-gairm na comataidh, Seonag NicAilpein BPA ag ràdh.

Tha a’ ghairm a’ tighinn an dèidh dà chuireadh fhoirmeil gu Mgr Davis san Iuchar agus san Dùbhlachd 2016, nuair a thuirt an oifis aige gun robh e ro thrang a nochdadh aig Pàrlamaid na h-Alba.

Agus i a’ sgrìobhadh gu Rùnaire na Stàite airson Aonadh na h-Eòrpa Fhàgail, a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha litir an neach-ghairm a’ dèanamh soilleir:

  • “tha daoine, gnìomhachasan agus buidhnean air feadh na h-Alba air iomagain mhòr [mu Bhrexit] a chur an cèill”
  • tha a’ Chomataidh den bheachd gu bheil e deatamach gun cluinn i bho bhall aig ìre àrd de Riaghaltas na h-Alba gus cuideam a chur air an iomadh dragh a tha aig muinntir na h-Alba agus soilleireachadh fhaighinn mu àite Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a thaobh na h-Alba, agus
  • gu bheil a’ chomataidh “fhathast den bheachd gun fheum i coinneachadh ribh [Mgr Davis], mar am Ministear aig an ìre as àirde san RA airson tarraing na RA as an AE, mus tòisich am barganachadh.”

Is e teacsa làn litir Ms NicAilpein air 27 Faoilleach gu Rùnaire na Stàite mar a leanas:

“Tha mi a’ sgrìobhadh thugaibh mar Neach-gairm Chomataidh Cultair, Turasachd is Cheanglaichean A-muigh, an dèidh na litrichean agam air 19 Iuchar agus 2 Dùbhlachd far an do tug mi cuireadh dhuibh fianais a thoirt don Chomataidh.

Tha e na bhriseadh-dùil mòr dhomh nach d’fhuair sinn freagairt fhoirmeil do na litrichean seo. A dh’aindeoin dearbhaidh ann an labhairt bho na h-oifigearan agaibh agus bho Mhgr Mundell gum biodh sibh deònach nochdadh air beulaibh na Comataidh, tha na h-oifigearan ud air fios a leigeil gu bheil sibh tuilleadh is trang agus air moladh gun nochd Rùnaire na Stàite, David Jones BP, nur n-àite.

Ged a bhiodh a’ Chomataidh toilichte cluinntinn bho Mhgr Jones, tha i fhathast den bheachd gun fheum i coinneachadh ribh fhèin, mar am Ministear as àirde ìre san RA mu tharraing na RA bhon AE, mus tòisich am barganachadh. Cuideachd, choinnich mi ri Rùnaire na Stàite airson na h-Alba air 26 Faoilleach 2016 agus dhearbhaich e dhomh gum biodh e nur comas fianais a thoirt don Chomataidh.

Tha an obair a tha a’ dol air adhart aig a’ Chomataidh air cuideam a chur air farsaingeachd de dh’iomagain mhòr a chuir daoine, gnìomhachas agus buidhnean air feadh Alba an cèill. An dèidh fianais a ghabhail bho Phrìomh Mhinistear agus bho Mhinistear Barganachadh na RA mu Àite na h-Alba san Roinn Eòrpa, tha a’ Chomataidh den bheachd gu bheil e deatamach gun cluinn i cuideachd bho bhall aig ìre àrd de Riaghaltas na RA gus cuideam a chur air an iomadh dragh a tha air muinntir na h-Alba agus beagan soilleireachaidh fhaighinn air àite Riaghaltas na RA a thaobh na h-Alba.

Nam b’ e gum biodh e na chuideachadh fianais a thoirt tro cho-labhairt bhideo seach a bhith a’ nochdadh aig Pàrlamaid na h-Alba, bhiodh a’ Chomataidh leagte ri seo. Tha mi ag iarraidh mar sin gun dèan an oifis agaibh conaltradh ri clàrcan na Comataidh cho luath is a ghabhas gus ceann-latha freagarrach a chur air dòigh.”

Agus e cuideachd a’ toirt seachad bheachd, thuirt Leòdhas Dòmhnallach BPA, Leas-neach-gairm:

“Feumaidh fios a bhith aig daoine agus aig buidhnean ann an Alba mar a tha Brexit a’ dol a bhualadh orra agus tha e deatamach gun tig Rùnaire na Stàite air beulaibh na comataidh againn gus an iomadh dragh a thog daoine leinn ann am fianais a fhreagairt.”

Cùl-fhiosrachadh

Tha a’ Chomataidh air rannsachadh a ghabhail os làimh mu bhuaidh reifreann an AE air Alba, a thòisich gu goirid an dèidh an reifrinn san Ògmhios 2016.

Dh’fhoillsich a’ Chomataidh aithisg, Brexit: Beachd na h-Alba: giorrachadh air ceistean agus ceistean ag èirigh Dihaoine 20 Faoilleach, a’ toirt seachad nam beachdan agus nan ceist mu Bhrexit aig barrachd is 150 de bhuidhnean agus daoine ann an Alba.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.