15.02.2017
Am biodh eaconamaidh na h-Alba air a
thogail nan robhar a’ dùnadh na beàirn ann an tuarastal eadar na gnèithean? Is
e seo prìomh cheist airson Comataidh an Eaconamaidh,
Obraichean agus Obair
Chothromach ann am Pàrlamaid na h-Alba, agus a’ Chomataidh a’ cur
air bhog an rannsachadh aice air a’ bhuaidh
bho phàigheadh co-ionann.
Tha sgrùdadh na Comataidh air a’
bheàrn ann an tuarastal eadar an dà ghnè a’ tighinn aig àm nuair a tha
rannsachadh làithreach a’ sealltainn:
- gun
robh adhartas air dùnadh na beàirn ann an tuarastal air a bhith cho mall
’s nach rachadh a chur às, a rèir nan gluasadan làithreach, gus 2069 – no
99 bliadhnaichean an dèidh Achd Pàigheadh Co-ionann 1970*, agus
boireannaich a tha ag obair làn-ùine ann an Alba fhathast a’ cosnadh gu
cumanta 6.2 sa cheud nas lugha na tha fir**;
- gu bheil na
beàrnan as motha ri fhaotainn ann an ceàirdean sgileil agus manaidseadh –
is e ionmhas is àrachas an raon anns an eaconamaidh leis a’ bheàrn as
motha, aig 29.9 sa cheud, ann an raon far a bheil 51 sa cheud den
luchd-obrach nam boireannach***;
- a
rèir figearan bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, chuireadh cha mhòr
£600 billean don eaconamaidh bho bhith a’ dèanamh dèanadas eaconamach nam
boireannach co-ionann, agus nan lorgar obraichean freagarrach airson an
2.2 millean boireannaich a tha ag iarraidh a bhith ag obair, chuireadh sin
10 sa cheud do mheud an eaconamaidh ro 2030.
Thuirt Neach-gairm Comataidh an
Eaconamaidh, Obraichean agus Obair Chothromach, Gordon
Lindhurst BPA:
“Chan e pàigheadh co-ionann an
fhìrinn fhathast airson mòran luchd-obrach ann an Alba. Mar sin, bidh ceist
chudromach ron Chomataidh: a bheil seo a’ cur bacadh air fàs an eaconamaidh
Albannaich?
“Bidh a’ Chomataidh a’ beachdachadh
air a’ cheist, nan robh sinn a’ dèiligeadh ris a’ bheàrn ann an tuarastal eadar
an dà ghnè, an toireadh sin deagh bhuaidh air dèanadas gnothachas na h-Alba.
Tha sinn ag iarraidh fios a bhith againn air: dè an èifeachd a tha ann bho
phàigheadh neo-ionann air a’ raon phoblach ann an Alba? Agus, ceist glè
chudromach, dè na gnìomhan a bu chòir do Riaghaltas na h-Alba a bhith a’
dèanamh gus aghaidh a chur ris a’ chùis seo?
Lean Mgr Lindhurst aig:
“Tha a’ Chomataidh airson
beachdachadh air an luach eaconamach a thig bho phàigheadh co-ionann agus ag
iarraidh tuigse air dè a’ bhuaidh air an eaconamaidh Albannach bhon bheàrn ann
an tuarastal eadar na gnèithean. Bidh eòlas nan daoine ‘air an làr’ glè chudromach
don rannsachadh seo – na companaidhean agus na buidhnean a tha ag obair gus a’
bheàrn tuarastail gnèitheil a dhùnadh, agus daoine fa leth a tha ri spàirn gus
pàigheadh co-ionann fhaighinn. Bidh an t-ealantas agus an t-eòlas acasan a’
stiùireadh na h-obrach againn, ag innse dhuinn dè na ceuman a thathar a’ toirt
– agus dè dh’fheumas tachairt fhathast – gus an suidheachadh a dhèanamh
co-ionann.”
Is e 10 Màrt 2017 an ceann-latha
airson fianais a chur a-steach. gu Comataidh an Eaconamaidh, Obraichean agus
Obair Chothromach. Bidh a’ Chomataidh a’ sgrìobhadh aithisg air toradh bhon
rannsachadh aca air a’ bheàrn tuarastail gnèitheil, a bharrachd air molaidhean,
anns an Ògmhios.
Airson tuilleadh fiosrachaidh
air mar a chuireas tu tagradh a-steach, dèan tadhal air: http://www.parliament.scot/genderpaygap
*A rèir anailis bho
cho-chomhairlichean Deloitte.
**A
rèir aithisg air a’ bheàrn ann an tuarastal eadar na gnèithean a rinneadh le
SPICe: http://www.parliament.scot/parliamentarybusiness/103275.aspx