24.04.2017
Tha rannsachadh ùr a chaidh a dhèanamh do Chomataidh
Eòrpach aig Taigh an Roid a’ sealltainn gu
bheil fianais eadar-nàiseanta nach beag ann a tha dearbhadh gum b’ urrainn
poileasaidh in-imrich fa leth a bhith aig Alba, feuch am b’ urrainn dhi
luchd-imrich bhon AE a thàladh agus gus cuideachadh le bhith dèanamh cinnteach
gum bi sluagh is luchd-obrach gu leòr san dùthaich às dèidh Bhrexit.
Chaidh an
rannsachadh a bharantachadh leis a’ Chomataidh às
dèidh dhaibh aithisg fhoillseachadh sa Ghearran far an robh iad a’ moladh gum
bu chòir fuasgladh fa leth a bhith aig Alba gus dèiligeadh ri cùisean
in-imrich.
Tha an rannsachadh a’ sealltainn shuidheachaidhean
eadar-nàiseanta ann an dùthchannan eile, leithid na Spàinne, Canada agus
Astràilia, agus thathar a’ coimhead air na diofar roghainnean a th’ ann gus
dèanamh cinnteach gum bi luchd-imrich gu leòr a’ tighinn a dh’Alba. Tha e a’
sealltainn gu bheil na dùthchannan uile, a chaidh a sgrùdadh, air fuasglaidhean
innleachdach a lorg a ghabhas a chur an sàs gu furasta agus iad a’
stèidheachadh phoileasaidhean in-imrich aig ìre fo-stàite.
Tha an aithisg, a chaidh a dheasachadh don Chomataidh
leis an Dr Eve Hepburn, a’ toirt seachad fichead dòigh sam b’ urrainn do
dh’Alba poileasaidhean in-imrich fa leth a ghabhail os làimh, a’ gabhail
a-steach:
- A’
dealbh phoileasaidhean Albannach airson luchd-imrich a ghabhail a-steach agus
gus am bi iad nam pàirt den chomann-shòisealta.
- A’
dèanamh co-chonaltradh eadar-nàiseanta agus a’ cur iomairtean
eadar-nàiseanta air dòigh agus a’ sanasachd Alba mar àite dom faod
luchd-imrich bhon AE tighinn.
- A’
cruthachadh bhìosa-obrach ùr do luchd-ceuma airson Alba.
- A’
cruthachadh cheadan-obrach sealach do luchd-imrich a thig a dh’Alba ann an
diofar ràithean.
- A’
tiomnadh obair rianachd co-cheangailte ri in-imrich (a’ gabhail a-steach a
bhith stèidheachadh oifis rianachd gus dèiligeadh ri Ceadan-obrach
Albannach).
Tha an aithisg a’ coimhead air suidheachaidhean far a
bheil poileasaidhean ann aig ìre fo-stàite, leithid san Stàit Astràilia a Deas,
Catalonia agus Dùthaich nam Basgach san Spàinn, na Mòr-roinnean Quebec is
Eilean a’ Phrionnsa ann an Canada, agus na h-Eileanan Åland ann am Fionnlainn
agus an Canton Vaud san Eilbheis.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh airson Cultair,
Turasachd, na h-Eòrpa agus Dàimhean Taobh A-muigh, Seonag
NicAilpein BPA:
“Thug a’ Chomataidh againn an aire roimhe do mar a bha
feum aig Alba air siostam in-imrich fa leth, agus mar sin tha mi a’ cur fàilte
air an rannsachadh acadaimigeach ùr seo a tha sealltainn eisimpleirean
eadar-nàiseanta far a bheil sin a’ tachairt mu thràth, ann an dùthchannan mar
Astràilia, Canada, an Spàinn agus an Eilbheis.
“Tha mar a dh’fhaodadh ‘Brexit cruaidh’ a bhith ann na
adhbhar dragha mòr do dh’fheadhainn de na prìomh roinnean de dh’eaconamaidh na
h-Alba, leithid àiteachais agus gnìomhachasan aoigheachd a tha gu mòr an urra
ri luchd-obrach bhon AE.
“Tha an aithisg seo a’ sealltainn gu bheil dòighean
ciallach is furasta san urrainn dhuinn siostam fa leth a chur air chois airson
luchd-imrich a bhiodh a’ frithealadh air feuman na h-Alba, ged a bhiodh
Riaghaltas na RA a’ cur siostam eile an sàs. Tha an rannsachadh aig an Dr
Hepburn a’ sealltainn gu bheil eisimpleirean bho air feadh an t-saoghail far an
do shoirbhich le daoine le bhith cur phoileasaidhean in-imrich eadar-dhealaichte
an gnìomh taobh a-staigh na h-aon stàite.”
Thuirt Lewis
MacDhòmhnaill BPA, Iar Neach-gairm na Comataidh airson
Cultair, Turasachd, na h-Eòrpa agus Dàimhean Taobh A-muigh:
“Thathar a’ gabhail ris gu bheil an cuibhreann nas sine
de shluagh na h-Alba a’ sìor fhàs, agus gu bheil feum againn air àireamh mhòr
de luchd-imrich a nì an obair ann an roinnean cudromach den eaconamaidh againn.
Am measg nam prìomh chuspairean air a bheil an aithisg seo a’ bruidhinn tha
co-obrachadh eadar Riaghaltasan na RA is na h-Alba. Bhrosnaichinn Riaghaltas na
h-Alba agus Riaghaltas na RA gu bhith ag obair còmhla ann a bhith beachdachadh
air na molaidhean seo.”
Cùl-fhiosrachadh
San aithisg tha mion-sgrùdadh ann a tha sealltainn gu
bheil sluagh na h-Alba a’ fàs aig astar nas slaodaiche na an còrr den RA, air
sàillibh gu bheil sluagh nas sine ann, nach eil uiread luchd-imrich a’ tighinn
a-steach don dùthaich agus gu bheil ìrean torrachais nas ìsle am measg an
t-sluaigh.
A’ togail air an rannsachadh a rinneadh air dùthchannan
eile, chomharraich an aithisg diofar phoileasaidhean in-imrich a ghabhadh cur
an sàs ann an Alba/san RA. Chithear na roghainnean sin san rannsachadh.