13.11.2017
Ann an aithisg a chaidh ullachadh gus buaidh a thoirt air mar a thèid buidseat slàinte is spòrs Riaghaltas na h-Alba aontachadh, tha Comataidh Slàinte is Spòrs Pàrlamaid na h-Alba a’ càineadh mar nach eil na h-Ùghdarrasan Com-pàirteach (IAs) air adhartas gu leòr a dhèanamh. Eadar a h-uile IA a th’ ann, tha an urra riutha còrr is £8bn a chosg, ach tha a’ Chomataidh ag ràdh nach urrainn dhaibh fhaicinn dè na toraidhean a thàinig bho bhith a’ cosg an airgid sin.
Tha a’ Chomataidh ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba aithris a dhèanamh air ciamar a thathar a’ measadh buaidh an ionmhais seo, agus tha iad ag iarraidh air an riaghaltas gealltainn gun tèid atharraichean a dhèanamh sna bliadhnaichean ri teachd. Thog a’ Chomataidh draghan mu cho beag adhartais a rinneadh a thaobh a’ gheallaidh gus modhan-cùraim atharrachadh. San aithisg fharsaing aca, tha a’ Chomataidh a’ càineadh mar a tha cion stiùiridh ann taobh a-staigh nan Ùghdarrasan Com-pàirteach agus tha iad ag iarraidh gun tèid planadh a dhèanamh airson bhuidseatan le barrachd sùil air an ùine fhada.
A’ bruidhinn air toraidhean na h-aithisge, thuirt Neach-gairm na Comataidh Slàinte is Spòrs, Niall MacFhionnlaigh BPA:
“Tha cion dàta ann gus toraidhean na h-obrach a chomharrachadh is a mheasadh, a’ gabhail a-steach dàta air na thathar a’ cosg agus air na thathar a’ cùmhnadh. Cha ghabhte ri seo a thaobh airgead poblach sam bith, gun ghuth air £8bn. Feumar a chur ceart san spot agus feumar modhan-obrach a stèidheachadh gus sgrùdadh a dhèanamh air coileanadh, na thathar a’ cosg agus na thathar a’ cùmhnadh.
“Tha sinn air feadhainn de na dùbhlain a tha ro Ùghdarrasan Com-pàirteach a chomharrachadh a bhuineas ri raointean leithid a’ stèidheachadh bhuidseatan, a’ tomhas dè na toraidhean a thig bhon airgead a chosgas iad agus ag atharrachadh nan dòighean sa bheil iad a’ cur ionmhas is goireasan gu feum gus cruth-atharrachadh a thoirt air cùram slàinte is sòisealta.
“Tha e na adhbhar dragha dhuinn gu bheil an uiread de bhiurocrasaidh a th’ ann air a dhol an àirde agus tha sin a’ ciallachadh gum faod na diofar bhuidhnean a’ choire a chur air càch a chèile a thaobh cion adhartais ann a bhith a’ fighe obair nan diofar bhuidhnean còmhla. Tha sinn a’ moladh san aithisg againn don Riaghaltas gu bheil stiùireadh a dhìth bho na h-Àrd-oifigearan aig na diofar Ùghdarrasan Com-pàirteach gus dèanamh cinnteach gum faighear luach iomchaidh bhon airgead phoblach a thathar a’ cosg, gun tèid na h-atharraichean a chomharraich sinn a chur an sàs agus gun tèid cruth-atharrachadh a thoirt air an dòigh sa bheilear a’ lìbhrigeadh nan seirbheisean riatanach seo mar a chaidh a ghealltainn.”
Cùl-fhiosrachadh
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun rannsachadh an seo.